[272]

Dolairean Shuardail

MURDAG NICCOINNICH

IS iomadh sgeul a chualar aig na bodaich an làithean ar n-òige ris nach do ghabh sinn móran suim aig an àm. ’Sann mar sin a bha mise a thaobh mar a thachair an Suardail; gu dearbh, ’sann a bha e air dol, cha mhór gu buileach, ás mo chuimhne gus an do dhfharraid caraid dhiom an robh dad agam mu dheighinn. ’Sann a bfheudar dhomh aideachadh gur e glé bheag, ach chuir mi romham, e bhith idirnam chomas, gun lorgainn gach iomradh a bha ri fhaighinn, cho math ris na bha aigesan. Is iongantach gu dearbh an sgeul a fhuair mi.

Tha toiseach aice ann an Gibraltar, anns abhliadhna ochd ceud deug agus aon thar fhichead. Bha long bheag -chrannachanSìne” —a bhuineadh do Mharsanta Iùdhach, fear Maois Léibhi, ’ga luchdachadh le bathair luachmhor, anns an robh ola-mhilis, pàipeir, céir-sheillean, anise, meas achruinn-ola, agus fìon-dhearcan caoinichte; ach, a bharrachd air a sin uile, bha ochd mìle deug thar fhichead dolair airgiddolairean cruinn, cruaidh Spàinteach— ’ga churna giùlain. Faodaidh sibh a bhith cìnnteach gur iomadh sùil shanntach a thugadh air an ulaidh-sa. Bha cuid ag ràdh gur h-ann á soitheach eile chaidh an t-airgead so a ghoid.

Biodh sin mar thogair, bha na dolairean ann am pocannan, a bha air an cur fodha gu cùramach am min-sàibh, am broinn buidealanochd buidealan dhiubh, taobh ri taobh. Bu mhór am fortan sin do dhuine bochd sam bith. Bha iad air an cur sìos gu faiceallach am broinn na luinge, far nach robh e furasda do neach sam bith faighinn thuca.

An uair a bha an cargo air bòrd, agus gach deas, uidheamaichte, chàradh na siùil rithe, is chuireadh a h-aghaidh ris achuan mhór is ri a ceann-uidheBhahia ann am Brazil.

Le soirbheas fàbharach, is gach mar a dhiarradh, cha toireadh an t-astar, da fhichead ceud mìle, fada idir.

Be fear Tómas MacIain, Sasunnach, a bu sgiobair agus cuide ris bha dithis Shasunnach eile, dithis Albannach á Montròs, Eadailteach, Frangach, a bhana chòcair, agus balachAindreadh Cameliermac marsanta á Malta. Besan a bhana ghille frithealaidh, agus bha e adol gu muir airson na ciad uaire.

Sin, matà, an sgioba.

Cha deach anSìnefada air a cùrsa an uair a thòisich mórbhanaich agus cuilteanachd air bòrd. Bha amharus is sannd atogail cinn. Be an còcaire Frangach a bu mhàthair-aobhair dha so.

Mar a bha na làithean adol seachad bha an-shocair ri fhiosrachadhdaoine acur teagamh ann an cach a chéile. Fios cha robh aig neach gu na smuaintean a dhfhaodadh a bhith gu dìomhair abuaireadhs abrosnachadh a nàbaidh.


[273]

Gu fortanach bha Breatannaich san sgioba a bha móran na bu shuidhichte, agussann a rinn iad nàdur de dhfheala-dhà den chùis. Ach, mar a bha na làithean adol seachad, bha e soilleir ri fhaicinn gur h-ann na bu mhiosa a bha cùisean afàs. Cha robh an companas is an carthannas a bu chòir a bhith a-measg dhaoine, a bha acur an aghaidhean ri cunnartas is dìomhaireachd achuain, ’nam measg idir.

Bha so acur gu mór air Strachan, fear de ghillean Mhontròis. Bha e toirt fa-near mar a bhà, is eagal air gu dhfhaodadh tachairt mura rachadh rudeigin a dhèanamh. ’Na bheachd-san cha deanadh dad feum ach srian a chur le làimh làidir, smachdail bhon sgiobair.

Chaidh e suas far an robh e. Chuir e an céill gu soilleir mar a bha cùiseanna bheachd-sin. A nise mar a tha fhios againn, cha chuir am fear anns nach eil olc ciont ás leth neach eile, gun dearbhadh. “ ’S cìnnteachars esan ris fhéinnach bu dùbhlan Frangach dhoibh uile.” Be a bharail nach robh aobhar iomagain ann, gun robh cusga dhèanamh á neònachas an Fhrangaich.

Mar a bha na làithean adol seachad bha e soilleir don chòcair is don Fhrangach nach taobhadh an còrr den sgioba leotha anns na bha iad acur rompa. Gu dearbh bha làn chìnnt aca gun robh an t-Albannach Paterson gu turnan aghaidh, agus airson na feadhainn eile, bha iadsan acumail an cuid smuaintean aca fhéin. Mean air mhean bha mar gum biodh neòil dhubh dhorcha alaighe le trom gheilt air inntinn nan uile.

Se achiad rud a thachair gun do dhochainn Pàruig mac aGhobhainn a chas air chor is nach robh e comasach dha gluasad. Bha sin air an t-seachdamh den Og-mhìos sabhliadhna ochd ceud deug is a h-aon thar fhichead. Thairg am Frangach àite ghabhail. Bha so atoirt cothrom dha fhéin is do dhlùth chompanach a bhith air faire còmhla, mar a thachair an déidh don Sgiobair is an roinn a bha leis dol gu tàmh. Bha an eucorach a nis air achlàr uachdrach an duibhre na h-oidhche.

Ann an camhanaich na maidne is na reultan loinneireach an déidh dhiubh asìoladh á sealladh, is prìomh dhathan àillte na gréine ag òradh nan speur is gun deò air adhar, bha anSìnele fìor bheagan gluasad ateannadh ris an laidhne le a siùil aplacadh gu dìomhain ris na croinn. Bha an saoghal fhathastna shuain. Sìos an staidhir gu falachaidh faiceallach ghabh am Frangach gu seòmar an sgiobair le gunnana dhòrn. Dhfhosgail e an dorus agus, anns an dorcha, loisg e far an robh leabaidh an sgiobair. Ruith e sin suas air achlàr-uachdrach gun chinnt aige co-dhiùbh na mharbh no na leòn e an sgiobair oir bha fhios aige gun dùisgeadh am fuaim gach neach a bhana chadal.

Leum am balach frithealaidh air a chois agus air dhà a cheann a chur an àird chunnaic e Hemann, an t-eucorach eile, atighinn air Paterson a bhaig achuibhle isga bhualadh sìos le stoc aghunna. Mun àm so nochd an sgiobair, le làimh ri cheann is an fhuil asileadhna shùilean. Ghluais MacIain cuideachd is mun gann a thug e sùil mun cuairt is a dhfhaighnich e gu bha tachairt, thug am Frangach


[274] cruinn-leum air a chùl agus le làimh chuideachaidh bho Hemann cha robh e fada cur ás dha. Rinn iad sin air an t-seòmar-toisich far an robh an còrr den sgiobana laighe is air ùr dhùsgadh. Sheas iad a sin, is fear dhiùbh le tuaigh, is mhaoidh iad air neach sam bith a bheireadh ionnsaigh air tighinn suas. Dhéigh Hemann air an Eadailteach a thighinn an àird, ach chumadh Mac aGhobhainn agus Strachan far an robh iad. Le cuideachadh an Eadailtich chuir iad ás do gach comharradh air an cionta, ghlan iad an t-soitheach mar a bfheàrr a burrainn dhoibh, ach cha robh iad fhathast riaraichte, oir bha eagal orra gu a dhfhaodadh Mac aGhobhainn is Strachan a dhèanamh, ged nach biodh ann ach gun toireadh iad fianaisnan aghaidh. Dhfheumte cur ás dhoibh. Gu rinn iad ach dhùin iad sìos bòrd uachdrach an t-seòmair toisich, agus smùir iad gach sgàinean le glaodh de fhlùr agus bùirn.

Rinn iad a nis airson am mùchadh.

Las iad teine, de fhiodh fliuch agus teàrr, anns an t-seòmar eile agus tholl iad an tallan, ach gun tachdadh an toit iad. Chaidh an teine chumail adol fad cheithir uairean fichead, ’s bha na truaghain glaiste an sud, gun anail gaoithe shia uairean deug thar fhichead.

Ann an làn dùil nan Albannach fhaotainn rag tachta dhfhosgail iad am bòrd uachdrach, ach bha na balaich bhochda beò, ged a bha iad, am briathran aghille bhig, “glé throm-chridheach.” Bu bheag an t-iongnadh!

Chaidh nàdur annlan a thilgeil sìos thuca bho àm gu h-àm ach cha dfhuair iad suas gu trì làithean an déidh sin, ri lìnn an Eadailtich a bhith guidhe ás an leth. Fhuair iad cothrom èaladh suas agus béiginn daibh mionnachadh air aBhìobull nach ìnnseadh iad dùrd gu bràth mu na thachair.

Bha anSìne,” aig àm na creach-sa, mu shia ceuman-cruinne tuath air cearcall meadhonach na talmhainn, ’s mu thimcheall air seòladh chóig làithean an iar air naCanary Islands.

Chaidh a nise a cur mun cuairts a cùrsa shuidheachadh air taobh siar Alba.

Bha an sgioba, gu , làn amharuis air càch a chéileimcheist air gach fearair na mortairean, làn fiamh gun tigeadh an cionta am follaiss gun tugte am bàta gu port; is càch fo eagal am beatha.

Nochd iad meud an teagaimh le iad uile bhith dol a chadal air an ùrlar àrd, ceithir latha deug, mun tug iad ceum sìos gun leapaichean crochta.

Air an astar gu tuath, thugadh na buidealan, leis na dolairean, suas, ’s chuireadh na buinn ann am pocannan air an tàinig iad sacheàrnluinge. Dhfholaich iad na pocannan so ann an cliathaichean na luinge. Tha so aciallachadh gu robh shlige air anSìne,” oir rinneadh falachsan eadar an shlige.

Fa-dheòidh, thog iad fearannCeann Bharraidh. Chaidh Hemann air tìr am Barraidh. Thug e an t-ainm Caiptein Rodgers air fhéin; agus thuirt e gu robh e air slighe-cuain bho New York gu Archangel.

Cheannaich e bho Mhgr. MacNeil á Bhatarsaidh, caora, sia geóidh, cóig tunnagan agus tacair ime. Phàigh e so le batharbaraille arain,


[275] ceithir bucais fìon-dhearcan caoinichte, cnagan fìon, agus cnap céir-sheilleangnothaich annasach da-rìribh.

Cheannaich e, mar an ceudna, eathar mór fuasgailte le seòl. Phàigh e air a son le dolairean ghinidh dheug, is cóig puinnd Shasunnach air an t-seòl.


Bha na creachadairean, a nise, ann an uisgeachan na dachaidh. Ach fuirichibh . . . .

Ann am Barraidh, chuala Hemann gu robh long luath achrùin saChuan Mhòrthireach (cuimhnichibh gu robh móran anns an àm ud adeanamh buannachd mhath le bhith seachnadh na cìs-mharsantachd). Air a h-uile cor bha aca ris an long-sgrùdaidh a sheachnadh. Cha robh air ach cùrsa atharrachadh.

Dhullaich iad eathar Bharraidh gu bhith deas ullamh aig mionaid sam bith, nam biodh aca ris an long fhàgail.

A-mach bhon Chirc, an Rubha Leódhais, chuireadh na pocannan airgid don eathar. Chuireadh biadhnan cois, agus dhòrdaicheadh triùir sìos le tàl aig gach fear, gus anSìnea tholladh fon uisge.

Rinneadh sin agus, aig aon uair deug, ’s an oidhche dorch, thog an sgiobadh orra don eathar; chuir iad an seòl rithe agus air falbh a ghabh iad, is anSineasiubhal san dorchadas, is alìonadh gu luath.

Be an dùil am mór-thìr a dheanamh dheth agus imeachd gu deas; ach bheothaich aghaoth. Chathaich iad an aghaidh na gaoithes na fairge, ach bfheudar géilleadh mu dheireadh, agus fearann a ghabhail, ann an Suardal, mu uair samhadainn a-màireach.

Chuir iad an t-eathair aig acair a chum a cumail tèaruinte is làn dùil aca gun deanadh iad tìr-mór dheth, nan tigeadh leasachadh air aghaoith no fois air beucadh na mara. Chaith iad an oidhche anns an eathar, achs ann a shéid an doineann gu ro uabhasach samhadainn, agus chaidh an t-eathar a thilgeil a-steach air a cliathaich air amhol am nam Bodach.

Chuir cunnairt gu spàirn iad a nis. Cha robh dragh mu ach na dolairean. Tharraing iad an t-eathar suas agus shlaod iad an t-airgead gu tìr, far na thog iad fasgadh air achladach, le déileachan, ’s le canbhas.

A nise, chunnacas an t-eathar bho thìr acathachadh ris an stoirm, mun do ghabh i cladach. A-measg chàich chunnaic cìobair an tighearna bhig i, bhon an Leas Gheal an Suardal. Chaidh an sgeul air feadh nam bailtean agus, air tùs, ràinig i cluasan fear an Tigh Chuspainn, an Steòrnabhagh. Chaidh Ruaraidh MacIomhair, ceannard an tighe, agus a mhac air ball a shealltainn mun chùis neònaich-sa.

Cheasnaich e Hemann. Rinn an laoch sin seanchas dha gun teagamhgun deachaidh an companach-seòlaidh ás an rathad aig Ceann Bharraidh, ’s gum bann da athair fhéin a bhuineadh achulaidh.

Rannsaich MacIomhair gach cùil agus fhuair e pocannan dholairean, ach cha robh e buileach sàsaichte. Dhfhàg e dithis dhaoine an cois an sgiobaidh, gu faire chumail orra agus thog e air . . . .


[276]

Cha robh e fad air adhart, nuair a chuala e tàislich air a chùlaibh, agus air tionndadh dha, fhuair e air a shàilean ach an gille-seòmair, le anailna uchd, agus cnead guil air. Bha an cìobair air a bhith aig na creagan agus chuala e ùpraid aphàisdes e streap ris na creagan. Chuidich en àirde e.

Dhinnis am balach a h-uile . Bha an t-amharus a bhaig MacIomhair a nise air a dhearbhadh, agus chuir e dithis dhaoine eile á Bòsdadh, le earail iad cuideachadh sam bith a bha mun cuairt fhaotainn; nan deanadh an sgioba oidhirp sam bith air teicheadh, bha iad gus an t-eathar a churna spealgan agus an sgioba a cheangal.

Thug MacIomhair an gille Melìteach gu ruig Steòrnabhaigh.

Nuair a dhionndrain Hemann an gille, chuir e an t-Eadailteachga lorg; thill esan mar a dhfhalbh e. Làn amharuis, ghluais Hemann fhéin air a thòir.

Streap e am Bogha gus na ràinig e an còmhnard, ach choinnich ris ach an dithis a thill MacIomhair. Ruith e, leis an eagal acur luathasna shàilean. Chuir so iongnadh air na bodaich agus chaidh iadna dhéidh, an dùil gur h-ann atoirt a chasan leis a bha e. An uair a dhlùthaich iad ris, ’s a theannaich iad cruaidh air a shàilean, thilg e dheth a chòtas a pheitean. Thog gach ball fianaisna aghaidh, oir chaidh an còta uaine chur gu ruig Dhun-Eideann far na dhaithnicheadh, anns achùirt, gum bann leis an sgiobair a bha e. Ann am pòcaid apheitein, fhuaireadh uaireadair an sgiobair.

Moch samhadainn, thugadh an sgioba uile suas gu Steòrnabhagh, ceangailte, ach a mhàin, Hemann. Dhfhàgadh a làmhan-san saor.

Thill MacIomhair agus Coinneach MacChoinnich, cléireach an fhir-chruinneachaidh chun achladach. Fhuair iad móran phocannan dholairean tiodhlaichte anns amhorghan. Thrus iad na chaidh aca air agus ghiùlaineadh na pocannan air dromannan dhaoine gu sabhal Banntrach MhicIlleMhoire ann an Suardal.

Tha e air aithris gun tug cuibhreann den airgead a cheann fodha fheadhs a bha e air aoigheachd san t-sabhal, an Suardal, ach ciamar no càite chan eil fios. Tha fios cuideachd gur iomadh làn spaid talamhain a chaidh a thionndadh mu làireach an t-sabhail iomadh bliadhna an déidh so an lorg air fortan.

Bha e air aithris, anns an nàbachd, nach do ràinig a h-uile poca eadhoin gus an t-sabhal, gun thuit cuid de thuill anns amhòintich, ’s gun deach an togail nuair bha achadhailich seachad. Chualas mun bhodach a bhag eubhachAn t-onair thar an t-saoghalagus na buinn airgid atuiteam troimh tholl a bhair a phòcaid.

Co-dhiùbh, tha e coltach gu robh dolairean airgid adol bho làmh gu làimh an Steòrnabhagh, car iomadh bliadhna an déidh so. Tha fios, cuideachd, gum facas cailleach le cliabh làn céir-sheillean, ’ga reic, bho thigh gu tigh.

Biodh sin mar a bhitheas, chaidh groilleachan math dholairean a shlaodadh ann an cairtean, le eich na Banntraich, gu ruige Steòrnabhagh far na laigh iad, car àm, san Tigh Chuspainna bha aig an àm sin an Sràid Chromwell. Nuair a chaidh an cunntadh ann an Dun-Eideann, bha iad timcheall air seachd mìle dolair goiridluach ceithir cheud deug not!


[277]

Agus a nise munt-Sìne.”

Chaidh i ás an rathad air Ceann Tholstaidh, agus reic ughdarrais an Tighe Chuspainn an calldach, ’s achuid den luchd a thàinig air cladachfiach fhichead not agus a cóig. Bha aon chist de chéir-sheillean a-measg an sprùillich.

Chaidh an sgioba a chumail fo fhaire ann an tigh-òsda air aMhol-a- Tuath, ach cha biadsan a chuir an tiomairt air abhaile ach na cairtean leis an airgead. Tha e furasda gu leòr a chreidsinn nach robh beag no mór, sean no òg nach tàinig a-mach a dhamharc air an t-sealladh-sa adol troimh na sràidean.

Thugadh Hemanns am Frangach fa chomhair cùirt an Steòrnabhagh. Leig am Frangach air nach robh Bheurla aige, ach bha duine uasal, Mgr MacGhille Ruaidh, anns abhaile aig an àm. Dheanadh esan tapairsnich air an Fhrangais, ri lìnn e bhith còmhnaidh, car tacain, an Canada Iosal, agus fhuaradh thairis air an doilgheadas air amhodh sin.

Chaidh an sgiobadhs na dolairean a thoirt gu Lìt anns a’ “Phrince of Wales.” An déidh ùine chaitheamh ann am prìosan Tolbooth thugadh iad gu cùirt. Thionndaidh achuid eile den sgiobadhnam fianaisean an aghaidh an Fhrangaich agus achompanaich. Chaidh an dìteadh airson mort agus creachaidh air àrd achuain agus dhìol iad lem beatha airson an ciont is bu mhath an airidh.

Sin matà mar a chual mise an eachdraidh air mar a thachair an Suardail.

titleDolairean Shuardail
internal date1962.0
display date1962
publication date1962
level
reference template

Murdag NicCoinnich in Gairm 39 %p

parent textGairm 39
<< please select a word
<< please select a page