Teip Thaitneach
RUARAIDH MACGILLEATHAIN
MU dheireadh na Naoidheimh Linn Deug bha leabhar an uirsgeulaiche ri ’g innse dhuinn ma phàist òg á Sgìre Uige a bha air mhuinntearas ann a Lunnainn agus ged a bha móran sluagh a’ fuireach anns a’ bhaile mhór sin bhiodh i uaireannan air a fiachainn le fadachd is cianalas. Dh’ aithris e cuideachd gum biodh i dol cuairt do phàirc fharsainn a bha faisg oirre gus an dugadh a’ ghlasaich na sléibh-ionaltraidh ’na cuimhne agus gum biodh i ri bruidhinn Gàidhlig ri na féidh pheatail a bha anns a’ challaid mar a bhiodh cuid ag eubhach air a’ chrodh aig an àirigh.
’S iongantach gun tuigeadh na féidh móran do ’n Ghàidhlig nas mò na thuigeas iad a’ Bheurla phidgin a tha iad ri cluinntinn aig a’ choigreach a tha ann a Lunnainn an diugh.
Tha an cianalas mar sin ri leantainn Ghaidheal ann a Lunnainn fhathast agus tha e gu h-àraidh ’s gu tric a’ bualadh an fheadhainn a tha aosd is euslan. Co-dhiù thàinig toileachas inntinn ’na lùib bho chionn ghoirid nuair a thadhail teip ghleusd nan òran orra. Goirid an déidh dhi tadhal rinneadh leth-bhreacan dhith air “Seanchaidh” Shonag Liuirboist.
Chruinnich càirdean ’s eòlaich a chéilidh nuair a chuala iad gu robh i anns a’ bhaile agus bho fhuair iad na leth-bhreacan bithidh iad ’gan toirt chun an fheadhainn a tha aonaranach agus gun chothrom as urrainn a thighinn ’ga chluinntinn. Aig amannan eile bithidh iad ’ga cur air a fón dhaibh agus uair no dhà chaidh a guth còrr air sia ceud
Ged nach eil òrain òganach Shiaboist cho cudromach, mar a theireadh sibh uaireigin, cha mhór nach cluinneadh tu feur a’ fàs nuair a tha e tòiseachadh a’ reubadh na h-abharsaic agus a’ seinn gu ceòlmhor “Cha mhol mi-fhìn an t-Saighdearachd cha d’fhuair mi coibhneil i.” Tha e cheart cho math nuair a tha e tuiteam ann an gaol is àill mar shneachd a’ gheamhraidh air mullach beanntan àrd.
Chuala sinn oirre labhradh ciùin agus bàrdachd thlàth-ghuthach ann a’ suidheachadh sèimh ruinn: “Eitseal Bheag” “Tom an t-Searraich” “Fuaim Tràigh Uig” agus “Cóig Peighinnean” gun ainmeachadh ach beagan dhe na h-òrain a tha oirre.
Tha guth an duine duilich a chur ann an òrdugh-airidh. ’Sann a bhios an t-suim a réir ’s mar a thuiteas a fonn air a’ chluais a chluinneas ’s a dh’ éisdeas. Co-dhiù shaoileadh sinne gun deanadh na seinneadairean so cluasmhothachail Britheamh a’ Mhòid mar ionad-thasgaidh. Chan eil iad dhuinne a-steach air an dàrna cluais ’s a-mach air an t’ éile. ’Sann a tha iad a’ fuireach ’nar cinn fad na h-oidhche bho chuala sinn sibh.
’S binn guth an eòin far am beirear e ach tha iad so binn ann am móran àiteachan nach fhaca iad fhathast:—
Anna Mhoireasdan (Eòropaidh), Caitriana M. Mhoireasdan (Borgh) Cristiona NicLeòid (Arnoil) Coinneach Fhionnlaigh; Dòmhnall Iain MacGilleathain (Bradhagair a Tuath), Cris. M. NicLeòid (Bacabhat Street), Anna agus Mabel Dhòmhnaill Mhurchaidh (Glaschu), Caitriana Choinnich Uilleim agus Murchadh Chailein Ghilios (Siabost), Calum Dòmhnallach (Bhàlasaidh), Agnas Iain Ghreuim, Màiri Dhàidhidh, Amhlaidh, Murchadh Iain Choinnich, Iain Dhòmhnaill Dhòmhnaill, ’s an dà phàist òg a choisinn na duaisean a b’àird aig seinn nan Tighean Foghluim—Dolag A. Nic Gilleathain agus Sìne Mhoireasdan (Bradhagair a Deas).
Chòrd sibh ri Fear Fort George a bha air chuairt againn agus bha sibh mar fhleadh-thoileachas do Alasdair Moireasdan, á Dail, a thainig pìos dh’ ur n-éisdeachd. Bha e glé iongantach gur e an t-aon teist-dreach a chuir iad ar an teip le chéile. Thubhairt gach fear “Chan eil blas na Beurla orr’ .”
Tha Gàidhlig mhath orra gun teagamh agus tha i deanamh dearmaid agus dìmeas air còmhradh gun thoinisg, ciall no bladha tha
Bha siubhal Dhòmhnaill Chaluim sgapte is sgoinneil mun d’fhuair e cruinn sibh air an aon teip ach bha shiubhal mithich, oir rinn ur guth an telebhisean dorch, an réidio sàmhach, chuir sibh criosan ciùil na bùth bho na féille agus stad sibh tuathalan a’ ghramofon. Réisd bhiodh e freagarrach rann a thoirt á Cunntair Aonghais dhuibh:—
Thug sibh cuid a thrialladh
Measg an fhraoich ’s an fhianaich,
’S greisean eile a dh’ iarraidh
Iarratas na h-òig,
’S gum a fada binn sibh,
’S aoibhealachd ’nur ceòl.
Ged a bhuineas Seonag do Cheann A Deas Ameirica tha i déidheil air a’ Ghàidhlig. Tha i eadardhealaicht ri tè Ceann-a’ -Bhàigh a dhiùlt a dhol a dheanamh danns-an-t- sabhail còmhla ris an t-Siarach leis a leisgeul mhórchuiseach—“I can’t do the country dances. ”
title | Teip Thaitneach |
internal date | 1962.0 |
display date | 1962 |
publication date | 1962 |
level | |
reference template | Ruaraidh MacGilleathain in Gairm 39 %p |
parent text | Gairm 39 |