Na Fir-Deasachaidh, Gairm. Oxford, 22/1/ 62.
Nach mór an smaoin e, a réir aStornoway Gazette, gura dòcha gur e Urdu as fhaide dh’ fhanas beò ann an Alba an àite Gàidhlig. Tha so gu cinnteach truagh agus tha mi an dòchas nach eil an gnothach cho dona neo cho eu-dòchasach ’s a thatar a’ cumail a-mach.
Air réir an aona phaipeir tha e misneachail fhaicinn gu bheilear a’ deanamh a h-uile oidhirp a chum Gàidhlig ionnsachadh do’n chloinn aig a bheil a’ Bheurla ’na cànan màthaireil. ’S dòcha nach biodh pàrantan an aghaidh Gàidhlig ionnsachadh mar chànan-céin nam biodh an comas ann, agus bu chòir buidheannan-teagaisg feasgair a bhrosnachadh anns gach àite airson iadsan a dh’ fhàg an sgoil.
Tha sinne an so an Oxford air còmhlan de dhaoine a chruinneachadh gu ionnsachadh na Gàidhlig. Tha sinn a’ cruinneachadh airson ceithir uairean an uaireadair a h-uile seachdain. Tha nis còrr is bliadhna bhon thòisich sinn agus a h-uile ràithe sgoile, an àite bhith dol an lughad tha sinn a’ dol bho neart gu neart, ged nach eil againn fhathast ach trì thar fhichead.
Ged nach robh facal Gàidhlig aig duine dhiubh an toiseach tha sinn comasach a nis air céilidhean a chumail a bharrachd air a bhith bruidhinn cho math ’s as urrainn dhuinn a-measg a chéile.
Bu mhath leam a chluinntinn bho chòmhlanan eile de ’n t-seòrsa so a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig ann am bailtean Sasunnach eile, agus ciamar a tha iad a’ faighinn air adhart. Ma thòisicheas duine a’ sgrìobhadh thugam seòladh iad an litir c/o Gairm.
Is mise, (GAIDHEAL.)
title | Litir à Oxford |
internal date | 1962.0 |
display date | 1962 |
publication date | 1962 |
level | |
reference template | Gairm 39 %p |
parent text | Gairm 39 |