Cainnt Mo Dhaoine Fein
(Sean Ghàidhlig Srath-Ghlais)
Le MAC Ó BEAN CHOINNICH
IS e Giùthsachan, Srath-Ghlais, a bu dùthaich domhsa. Fa thuaiream na bliadhna ochd céud déug ’s a seachdad, dh’ ionnarbadh an tuath agus na màlanaich as an cuid fearainn, le biùbhaidh Sasunnach a cheannaich am finteadh o Mhac Uisdein, los fiadhach agus iasgach a bhith aige. B’ e “Mac Uisdein” a bha againn air ceann-snaoth (mac an déidh athar) de an teaghlach Fhrisealach aig an robh seilbh air Giùthsachan fad trì céud bliadhna. Ach is e bh’ ann nach robh am fiadhach no fòs an t-iasgach, co math tuilleadh agus a bha iad tra bha tàinte na tuatha agus buar is gobhair nam màlanach air na leathaidean.
O an bhliadhna sin, thòisich Gàidhlig ri dol an laigead, cha b’ ann o dhìth spéis di, ach o theircead daoine. Cha robh fàgta ann ach an deannan luchd-oibre a bha gu feum los sord a ghléidheadh air an oighreachd, agus coigrich gun Ghàidhlig, ach ceird aca air an cuirte feum, a’ tighinn a steach orra.
Na daoine bu shine air am bu eòlach mi ré m’ óige, rugadh iad an Giùthsachan fa thuaiream 1820, agus iad a’ dreim gu nochad re linn domhsa bhith a’ streap gu deich. Rugadh pàranta mo phàrantan an Giùthsachan mu 1840. Is math fathast air chuimhne is air ùidh na fhuair mi de Ghàidhlig uatha-san uile, agus thaobh mi riamh dòigh-labhrach an gnàthais.
Is i Gàidhlig a bu bhéurla doibh daonnan. B’ i cànain an sinnseara, agus cainnt choitcheann an cuid cloinne, agus cha robh ruamna maslaidh ’nan gnùis ’ga labhairt. Cha robh ach glé bheagan de Shasnaig aca, agus cha robh feum aca oirre, is Gàidhlig aig gach gin a thigeadh ’nan caraibh is ’nan cainnt.
Rugadh mo phàranta ’nan dithis, an Giùthsachan fa thuaiream 1870. Is i Gàidhlig a bu bhéurla mhàthaireil doibh, ach bha iad co-dheas an Gàidhlig agus an Ainglis. Ach thugadh air an ghinealach sin creidsinn, aig maighstirean-sgoil bu mhór olcas (cha bu bhàs doibhsan an crochadh, agus tha an leithid ann fathast) gum bu nì tàireil, maslach a bha anns an Ghàidhlig, a bu chòir do gach Crìosduidh a leagail uaidhe gu tur is gun dàil: agus a bheireadh bacadh orra, agus air an cuid cloinne, fa an slighe a dheanamh anns an t-saoghal mhór bhrèagha seo a chruthaich an Dùileamh air sgàth agus son nan Anglo-Sasunnach a mhàin.
Faodar bith nach do shlugadh am baoth-fhoirceadal sin gu tur, ach bu iarbhuil dà gun do thionnsgain an droch ghnàthas ’nam measg, a bhith a’ labhairt Sasnaig ri an cuid cloinne, ge b’ i Gàidhlig a bha aca daonnan ri an co-aoisean féin. Mar is ion dùil a bhith ann, chaidh Gàidhlig agus an ginealach sin as le chéile á cearn mo bhreth.
Rugadh mi féin an Giùthsachan fa thuaiream naoi-céud-déug, agus cha b’ iol mo cho-aoisean aig an robh Gàidhlig idir. Ach bha corra neach ann, mar bha mi féin, a thog beagan o éisdeachd nan sean[216]
Bha dà ghnè de Ghàidhlig (dòigh-labhairt) an Srath-Ghlais roimhe, air an robh againn “an sean dòigh” (no “an deagh Ghàidhlig”) agus “an dòigh Shiarach.” Bha an “deagh Ghàidhlig” ann o thàinig Gàidhlig an tùs. Theirte gun tàinig i colgdhìreach o shean Ghàidhlig (Scotbhérla) nan Scot á Dalriada gun bhuil o bhéurla Lochlainn no béurla Shasuinn. An coimeas rithe, cha robh anns an “dòigh Shiaraich” ach cainnt o an dé, oir ràinig ise Srath-Ghlais mu an t-seachdamh linn déug aig Garannaich agus Carannaich (MicDhòmhnaill is eile) agus Sàilich (MicRath) a thainig ’s a thuinich air fearann nan Siosalach.
Bha an “deagh Ghàidhlig” sin an Gleann Moireastain agus Gleann Urchardain an tùs, mar a bha i aig Fàn-Spéich an céin a bha Gàidhlig aca an coitchinne anns a’ cheàrn sin. Ach bha Dòmhnallaich á Gleann Garadh a’ sìobadh trasd bràigh Moireasdain agus Urchardain cuideachd.
Is i an “deagh Ghàidhlig” sin a bha aig mo dhaoine féin airneo is dòich nach biodh an t-ainm sin againn oirre. Theirte le cuid nach robh a leithid sin de Ghàidhlig an Srath-Ghlais riamh, agus iad eòlach a mhàin air an dòigh-labhraich Shiaraich ud, a bha na bu phailte ré ar là féin, ge nach b’ e sin di anns an t-sean aimsir. Ach is fada ceàrr iad. Is dòich gu robh dà cheàrnchainnt ann, céudas, ach re linn mo sheanar, gun tighinn air mo ré féin, cha robh an éis ach beagan coidhealaich a thaobh fuaim cuid focal, agus an dòigh-labhairt againne ag cordadh ri dòigh-litreachadh na Gàidhlig, eadar sean no freac-uarach, mar nach cord an dòigh Shiarach idir. B’ e so an deòchar eatorra:—
An “deagh Ghàidhlig”
(1) ort, mart, 7c.
(2) boc, mac, bat, sop 7c.
(3) lann, mall, cam, fonn, toll, trom 7c.
(4) bochd, cleachd, 7c.
(5) céud, béul (no cèad, bèal) 7c.
An “dòigh Shiarach”
orst, marst 7c.
bochc, machc, baht, sohp 7c.
launn, maull, caum
founn, toull, troum 7c.
bochg, cleachg, 7c.
ciad, bial 7c.
Gheibhte an “deagh Ghàidhlig” sin, tre iomadh ceàrnchainnt is blascainnt, o Cheann-tìr is Arainn gu ruig Cataibh is Rinn-Chat, an taobh deas is taobh sear na dùthcha, an dà thrian de an Ghàidhealtachd re linn do Ghàidhealtachd bhith ann. Gheibhte o Earra-Ghàidheal-fa-thuath gu ruig Leódhuis is Asaint, na pratagan-brìd sin, air an robh “cainnt Shiarach” againn.
Theagamh gum bi cus agam ri ràdh fa dhéidhinn “na cainnte Siaraich.” Is e is aobhar dà nach eil agam air, ach cainnt mo dhaoine a choimeasadh ri “cainnt nan Siarach,” nach cluinnear ach ise air chraol no aig Mòd an là an diu o theasd Gàidhlig Albann as na ceàrnan am b’ fheàrr a labhradh i. Chan eil mi buileach sàsta aig an ainm sin “cainnt Shiarach” againn oirre, le bha i na bu treise aig muinntir Bhàideanach is Raineach na bha i aig cuid Siarach, agus cha robh i aig na Siar-Dheasaich idir. Tha “ceàrnchainnt mheadhonach”
Bha an dà dhòigh-labhairt sin anns an Eilean Dubh cuideachd. Bu tric leam cluinntinn aig sean bhodaich a shamhail seo de fhocal, spèac; agus cha b’ e spéuc no spiac, spéuchc no spiachc, no spéachc, a bha aca. Agus focail eile fo an ionnas chéudna, .i. bu mhó “e” na “ia” aca; agus bu mhó “è” na “é” aca; agus cha robh “chc” an ionad “c” aca. Do réir béul-aithris, thàinig an dòigh-labhairt Shiarach do an Eilean Dubh aig luchd-leantainn Chloinn Choinnich, tra fhuair an fhine sin sealbh air roinn de an chèarn sin, ach mhair an sean deagh Ghàidhlig aig cuid co fada ’s a bha Gàidhlig ann.
Bha an dà sheòl an Srath-Spé cuideachd, ach tearbta o chéile, mar nach robh iad againn; an “dòigh Shiarach” làn is làidir aig Bràigh-Spéich (muinntir Bhàideanach) do an do shìob i o Loch-abar; agus an “deagh Ghàidhlig” aig Fàn-Spéich. An Srath-Nàrunn agus an Srath Fhionn-Eireann b’ i an “dòigh Shiarach” a bha na bu bhitheanta ’nam measg, ri ar ré féin, ge nach b’ e sin do anns an t-sean aimsir; ach chluinnte an “sean dòigh” cuideachd, gu h-àraidh mu cheann sear nan srathan mus tigte a mach air machair Mhoireibh.
Am Baile Inbhir-Nis (ge gheibhear “Leachcainn” (Leachkin) an ionad “Leacainn” ’na ainm-àit, gun dol fad as a’ bhaile) b’ e ceart is cha b’ e cyarst 7c. a theirte an céin ’s a bhàtar a’ labhairt Gàidhlig. Agus bha Gàidhlig an éis fhathast aig ìslean an bhaile re linn mo sheanar (as Achadh-na-h- Eagluise, Giùthsachan, 1830-1920) ge do riaghladh am baile aig marsantan Gallach ré céudan bhliadhnachan roimh an tan sin. Air a los sin deth, bha sliochd nam marsanta Gallach féin air an deagh Ghàidhleachadh tre thìde, o bhuil eadar-phòsaidh. Mar dheisimireachd, bha teaghlach ann, agus Cuthbert a bu ainm doibh, agus b’ e Clann Sheòruis a thàinig a bhith orra, agus làn an cinn de Ghàidhlig aca ré sealbhan ghlùn.
Chualas saobh-sgoilearan ag ràdh “theagamh nach robhas a’ labhairt Gàidhlig riamh am Baile Inbhir-Nis, agus gun deachas o bhéurla Chruithne gu béurla Shasuinn. B’ e seo a dheimhin—Bha Gàidhlig aig cuid am Baile Inbhir-Nis roimh bhliadhna an Dòmhnaich 600 (chan fhios duinn cia fada roimhe) le fhuair Colum Cille eadar-theangair am measg muinntir an bhaile, gun dragh, an àm feuma. Bha i fathast aig dùchasaich an bhaile (oir chan eil mi a’ toirt monaid air dream o chèarnan Gàidhlig-labhrach eile a thàinig a thuineadh anns an bhaile) re linn mo sheanar, mar a thuirt mi cheana.
Beagan mu dhéidhinn na dòigh-labhairt againn:—
ea—Fuaim e, agus an a ach a’ nochdadh gur leathainn an consan a leanadh. ceart (ce’rt), neart (ne’rt): Loch-abar ce’rst: Bàideanach cyarst: gu sear is gu deas, ce’rt no cyart.
io—Fuaim i, agus o ach a’ nochdadh gur leathann an co-fhoghar a leanadh, fionn (fi ’nn), cionn (ci ’nn), iolla (i’ lla): Lochabar, fiùnn: cuid Leódhusaich agus Innse-Dùnaich * eile, feounn. Bidh cuid a’ leughadh ciunn nuair bhios cionn sgrìobhta aca, amhail gur ionann iad sin. Cha b’ ionann iad againn. Theagamh gu robh iunn againn ’nar bruidhinn an cuid focal am bi ionn an Gàidhlig litreachail, ach is ciall mo ràdha gu robh diùras blos againn eatorra sin ’nar focail féin.
Is e theirimid cnoc, agus cha b’ e croc no fòs crochc. Theagamh gu robh cr againne far am bi cn sgrìobhta aig cuid, ach rinn sinn diùras réil eadar cn is cr, tn is tr, gn is gr, mn is mr anns na focail againn féin, co-dhiù bha ar focail ag còrdadh ri Gàidhlig stannartaich litreachail no nach robh. Ach chualas bra gu mnà an Srath-Ghlais, ged nach robh sin aig mo gheil-fhine féin.
Cha bhiodh againn eadar rg, lg, rb, lb, rch, 7c. ach fuaimear beag a shiolpadh a steach gun chead. Far am biodh lide eile ’nan déidh, is gann gu robh am fuaim beag sin féin ann.
Theirimid dearbh (de’rv): Bàideanach de’rw a bha sga coltach ri de’ru, ach cha b’ e sin a bh’ ann, ach fuaim w co-fhogharail. Aig dream eile gu siar, deara-abh, dor-o- ocha, dear-a- ag, fàsan tremolo.
Bha fuaim n againn roimh r agus s, a mach o an fhocal màran (manran) a mhàin. Thug sin orm bhith sga teagmhach am bu chòir do n bhith anns an fhocal sin idir aig co conbhalach ’s a bha n againn an gach focal eile diubh sin. B’ e theirimid sonraich, is cha b’ e sòraich; ceannsaich, is cha b’ e ceausaich. ionnsaich .i. fuaim i (ee Sas.) ach n is s leathann: i’nnsaich agus ì-saich aig Siar-Dheasaich agus aig Searaich: ì-u- saich aig Loch-abar agus rann thuath de Earra-Gaidheal: iùsaich agus iùnnsaich, Bàideanach, Bràigh Rois 7c.: eousaich (yowsaich) aig cuid Innse-Gàidhealaich (Leódhusaich 7c).
Is e dul, is chan e dol, a bha againn gu minic. Chualas dul aig Iar-Roisich. Tha dul aig Eireannaich ma is ceart mo mhothachadh, ach bha e pailt gu leòir an cainnt Albannaich nan linnte meadhonach.
Bu tric leinn canail am beil gu am bheil. Bha sinn cèarr a chionn nach e mùthadh air b a tha ann, ach lughdachadh air f.
Faodar bith gur as an m sin a dh’ éirich am b a chionn seo: Theirimid umpa, uimpe, ròmpa (romhpa), roimpe (roimhpe), ach is e uatha, uaithe, fótha, fóithe a bha againn is chan e uapa, uaipe, fópa, fóipe, ged bha sinn eòlach gu leòir orra sin. Is e sin ri ràdh, bha p againn far an robh m, agus far nach robh m cha robh p.
Tha blas againn an diu far an robh mlas anns an t-sean Ghàidhlig; tha blos againn o an ràdh am follus.
Os barr, chualas pratag-bhrìd aig dream o thaobh deas Loch Nis, nach robh againn féin idir. Theireadh iad am piar gu am fiar (am féur), ach an fhiar, an fheòir. Agus cuideachd am beò gu am feò (feò fuar a’ chamhanaich .i. fèath fuar. . . . ). Chualas bra gu mna agus Banachainn gu Manachainn.
Innse-Dùna—‘Outer Isles’
(Ri leantainn)
title | Cainnt Mo Dhaoine Féin |
internal date | 1962.0 |
display date | 1962 |
publication date | 1962 |
level | |
reference template | Mac ó Bean Choinnich in Gairm 39 %p |
notes | Mac ó Bean Choinnich = Deòrsa Moss (see Gairm Index) |
parent text | Gairm 39 |