Eachdraidh an Fhearainn an Leodhas
LE SEUMAS MACTHOMAIS
CHA bhiodh e seach an rathad aig an àm-sa, nuair a tha gluasad ùr a-measg nan croitearan anns an Eilean gu feum a bharrachd a dheanamh de ’n talamh, cunntas aithghearr a thoirt air eachdraidh an fhearainn an Leódhas—mar a fhuair an sluagh sealbh air an fhearann air tùs, agus na h-atharraichean a thàinig o àm gu àm.
Mar tha fios againn b’ e an t-iasgach, araon iasgach an sgadain agus iasgach an truisg ’s a’ langain, am prìomh rian cosnaidh aig muinntir Leódhais fad trì cheud bliadhna. Ach tha fios againn mar an ceudna gu robh iad ’nan tuathanaich mus deach iad a riamh gu muir. Am beul-aithris an t-sluaigh gheibhear beagan iomraidh air an dòigh anns an d’ fhuair an luchd-àitich a’ chiad eòlas air tuathanachas, ach chan eil móran iomraidh againn ann an sgrìobhadh air a’ chùis roimh thoiseach an ochdamh linne deug.
A réir coltais theagaisgeadh an sluagh an toiseach ann an obair fearainn leis na soisgeulaichean Ceilteach. Thàinig iad so air tùs leis an t-soisgeul o Thir-mór agus á Eirinn anns an t-siathamh linn. Thog iad eaglaisean beaga chlach—cill mar a theirte riutha—an eileanan a’ chuain agus an àiteachan iomallach an cois nan cladaichean. Choisinn iad an teachd-an-tìr gu neo-eisimeileach le bhith ag àiteach agus a’ togail spréidhe. Fhuair sluagh an Eilein a-measg an robh iad ri saothrachadh eòlas an t-soisgeil agus eòlas an fhuinn aig an aon àm.
Chan eil a’ chiad iomradh soilleir a tha againn air an tomhas agus an dòigh tuathanachais a bha r’ a fhaotainn anns an Eilean a’ dol nas
Tha Màirtin Màirtin ag innseadh ’na leabhar a sgrìobh e mu na h-Eileanan a Siar ceud bliadhna an déidh so gu robh slios an iar an Eilein air àiteach gu ro mhath, agus gu robh machraichean air taobh a sear an Eilein fo bhàrr mar an ceudna. Bha an talamh àitich anns an latha ud far a bheil e an diugh, an cois na mara, agus bha coirce, eòrna, is seagal ’gan oibreachadh, agus mar an ceudna lìon is còcrach.
Bha lìon is còcrach ’gan cur gu feum anns na beartan iasgaich, agus bha sgoiltean snìomha anns an Eilean far an robh caileagan ag ionnsachadh snìomha agus fighe. Bha spréidh de gach seòrsa air an àrach—crodh is eich, gabhair is caoraich, mucan is féidh.
Na Tuathanaich Mhóra.
Ri linn Chlann Choinnich a bhith ’nan uachdarain air Leódhas bha an oighreachd gu léir ach beag air a roinn air tuathanaich mhóra—daoine aig an robh foghlum agus eòlas tuathanachais, agus aig an robh ùidh ’nan obair, daoine a réir eachdraidh a bha uasal ’nan gnè agus ’nan dòighean. Thàinig iad so á Tir-mór, agus bu luchd dàimh is càirdean an uachdarain iad, a thug dhaibh seilbhean móra fearainn air feadh na h-oighreachd mar dhuais airson coibhneis a nochd iad dha anns na làithean a dh’ fhalbh, a chionn nach robh an còrr aige bheireadh e dhaibh. Theagaisg iad an tuath an obair fearainn, agus dhéilig iad gu coibhneil ris a’ mhuinntir a bha fo ’n ùghdarras.
An déidh so thàinig tuathanaich eile nach robh idir cho iochdmhor. Bha an aire gu h-iomlan air am buannachd fhéin, agus leag iad uallaichean troma air an luchd-àitich a bha fo ’n riaghladh agus a phàidh gu daor le an saothar, an cuid agus am maoin airson am beagan talmhainn a bha iad ag oibreachadh airson an teaghlaichean fhéin. Bhuineadh Moireasdanaich agus Moirrich, Bharbhais, Clann Amhlaidh, Uig, Clann MhicLeòid, nan Loch, agus Clann MhicIomhair Steòrnabhaigh, do na tuathanaich an-iochdmhor so. Cha robh dachaidh bhunaideach aig an tuath cheatharna fo ’n riaghladh, agus is minic a sgiùrsadh iad o ’n tigheadas gun rabhadh gun aobhar, gu fasgadh an tuim agus maorach a’ chladaich.
Ach an déidh do ’n uachdaran, MacCoinnich, an oighreachd aige a thoirt á làmhan nan tuathanach móra so, agus a thuigsinn gum b’ fheàrr toradh na h-oighreachd a bhith aige fhéin na acasan, cha robh cor na tuatha gu minic ach truagh fo ùghdarras a luchd-ionaid a bha dleasadh an fheòrlainn dheireannaich ann an rathad càin agus seirbhis.
Imrich cuain.
Is e am fàsgadh so a dh’ fhuadaich móran á Leódhas gu ruig America. Ach a thuilleadh air sin bha ìmpidh air a chur orra le eachdraidh an t-saoibhreis a bha cho soirbh r’ a chosnadh thar chuain, agus le féin-iarrtas nam muinntir aig an robh soithichean faraidh airson luchd siubhail. Mu thoiseach an naoitheamh
Atharraichean.
Thainig atharraichean uair agus uair o thoiseach an ochdamh linne deug gu meadhon an ath linne air seilbhean agus roinnean fearainn air feadh an Eilein. Anns a’ bhliadhna 1718 bha trì fichead ’s a’ ceithir de thacannan móra ann, gach aon diubh fo riaghladh aon duine. B’ ann de Chlann Choinnich a’ mhór chuid diubh so. A thuilleadh orrasan bha daoine de ’n t-seann stoc an seilbh air bailtean fearainn—Clann Amhlaidh, na Moireasdanaich, agus Clann MhicIomhair. Bha a’ chuid eile de ’n talamh àitich aig còrr air dà cheud croitear air an dùthaich, agus ceithir fichead is aon an crìochan baile Steòrnabhaigh.
Anns a’ bhliadhna 1789 bha am fonn gu léir air àiteach le sluagh aig an robh còir-sheilbh air an talamh fo làimh an uachdarain a bha nis a’ tuigsinn amaideis fhéin ann a bhith deanamh saoibhir na tuathanaich mhóra air chosg na tuatha. Ged a chaill an tuath luchd teagaisg is seòlaidh fhuair iad beannachd nach robh aca roimhe, brosnachadh math airson an còraichean fhén a leasachadh. Fhuair an tuath a bha uair fo ùghdarras nan tuathanach móra, gun ghréim cinnteach air nì sam bith, gun sùil ri fuasgladh no soirbheachadh, seilbh gach aon aca air fhearann fhéin, agus is iad sliochd nan daoine sin croitearan an latha an diugh.
An cuid de dh’ àiteachan, mar a bha Beàrnaraidh Bheag, leigeadh bailtean fearainn seachad gu bhith fo fheurach, agus an àiteachan eile rinneadh tacannan móra de na croitean beaga. Thachair so an Eadar-a- Fhaodhail, an Gausonn, agus an Lìnseadar. Mar so bha an sluagh gu tric air allaban gun fhearann gun thigheadas, air an sgapadh thall ’s a-bhos.
Caoraich.
Mu ’n bhliadhna 1841 bha 1913 de chroitean an Leódhas, agus ged a bha beò-shlainte iomchuidh aig na croitearan le math an fhuinn agus na spréidhe b’ e comhairle an uachdarain 6000 diubh a chur thar chuain agus am fearann aca chur fo chaoraich. Chuireadh am fearann fo chaoraich gun teagamh, oir aig an àm bha prìs mhath air clòimh, agus b’ fheàrr airgead na daoine! Ach an uair a ghlac clòimh Astràilia am margadh, agus a thuit prìs na clòimhe aig an tigh chuireadh bailtean chaorach fo fhéidh. Rinneadh so ri linn an Ridire Seumas Mac-Mhathoin a cheannaich an t-Eilean anns a’ bhliadhna 1844.
Roimh an bhliadhna 1850 is ann ainneamh a gheibhteadh ann am baile croit shlàn ann an aon àite, ach iomair an sud ’s an so, agus cha b’ urrainn do neach cinnt a bhith aige gur h-e na feannagan a dh’ àitich e am bliadhna a bhiodh aige an ath bhliadhna. Fhad ’s a mhair
Thainig atharrachadh suidheachaidh mu ’n bhliadhna dh’ ainmich mi. Fhuair gach croitear a chuid fearainn ann an aon àite, agus ás déidh Achd nan Croitearan anns a’ bhliadhna 1886 an cuid a dheanamh cinnteach dhaibh thòisich iad air leasachadh an tighean còmhnaidh. Cho fad ’s nach robh gréim aca air an fhearann no fios idir dé cho fad ’s a dh’ fhàgte air iad cha robh ann dhaibh, mar a shaoil leotha, ach call saothrach tigh a leasachadh a dh’ fhaodadh a bhith aig neach eile no air fhàsachadh mus tigeadh ceann na bliadhna. Dh’ fhàg sin tighean bochda gu leòr aig daoine fad iomadh ginealach.
Ach o ’n bhliadhna 1886 thòisich iad a’ leasachadh an tighean còmhnaidh agus, uidh air n-uidh, tha sinn a’ faicinn adhartas gach bliadhna ann an uile bhailtean an Eilein. Rè an naoitheamh linne deug chaidh sluagh an Eilein ann an lìonmhorachd. Dh’ fhàs an àireamh bho naoi mìle gu ochd mìle fichead anns an ùine sin. Thug sin ’na chois feum agus iarrtas air an tuilleadh talmhainn airson an sluagh a bheathachadh. Cha robh sùil ri furtachd ach na bheireadh iad le spionnadh an gàirdeanan ás an talamh no ás an fhairge.
Beag air bheag, a dheòin no dh’ aindeoin, bhriseadh sìos na tacannan móra, agus an àite an fhichead a bha ann o chionn leth-cheud bliadhna chan eil ann an diugh ach naoi. Chuir cuibhle an fhreasdail car eile dith o chionn suas ri dà fhichead bliadhna. Sguir obair an iasgaich ach glé bheag, agus chuir an òigridh cùl ris a’ mhuir agus an aghaidh air tìrean céine a shireadh an lòin. Leig na seann laoich a dh’ fhàgadh seachad beag air bheag an t-àiteach. Agus an uair a sgaoil obair a’ chlò o chionn ùine air ais neartaicheadh an dìth suim a tha aig a’ mhór-shluagh do ’n fhearann, ionnas gu bheil roinn mhath de ’n talamh àitich bàn a’ coimhead an adhair, agus an àite bainne an cruidh a bhith aig móran an diugh tha iad an urra ri bainne a thig thar chuain.
Air chùl a’ chiad chogaidh mhóir bha iarrtas neo-shàsaichte aig an òigridh a thill dhachaidh air fearann, agus bhris Bòrd an Fhearainn tacannan ann an caochladh cheàrnaidhean air feadh an Eilein ’nan roinnean beaga far an deach sluagh math air thigheadas. Ach a nis tha cuid de na croitean sin, mar a tha cuid de ’n t-seann fheadhainn, fo luachair.
Carson tha sin mar sin an uair a tha acfhuinn oibreach ann an diugh a ni an obair nas aithghearra, agus fada nas aotroma na bha i leis an spaid, leis a’ chliabh agus leis a’ chlèith? Tha barrachd air aon aobhar air a’ chùis.
(1) Mar a dh’ ainmich mi cheana, dh’ fhàg móran de ’n òigridh an t-Eilean o chionn suas ri dà fhichead bliadhna an tòir air teachd-an-tìr air taobh eile a’ chuain. Troimh ùine bha e eu-comasach do na seann daoine dh’ fhàg iad air an cùl an talamh a bhuileachadh. Far nach eil òigridh ag éirigh suas cha bhi àiteach.
(2) A rithist, a thaobh ’s nach eil an sluagh làn riaraichte leis na riaraich an sinnsre a thaobh bìdh is aodach is tighean, cha chuir a’ chroit bheag dhith air a feabhas na choinnicheas ri feuman an teaghlaich. Mar sin feumar cosnadh eile a lorg far a bheil e gu bhith cuideachadh toradh an fhuinn. Ach chan urrainn fear a bhith ’g obair
Mura cuirear oibrichean air adhart an Leódhas nach eil ann—agus chan eil e soirbh fhaicinn an diugh co ás a thig iad— ’s an t-iasgach cho marbh agus obair a’ chlò cho teagmhallach— ’s ann bàn a bhios na feannagan.
(3) Feumar aideachadh nach eil an t-àl òg a tha ag éirigh suas a’ faicinn luach mór anns an talamh idir. Is fheàrr leo gu mór airgead ’nan dòrn na buailtean fo arbhar agus crodh anns an innis. Bidh an suim do ’n fhearann a rèir an luach a tha iad a’ cur air. ’S e a’ cheist, có aca as buannachdaile air a’ cheann thall leantainn ag àiteach agus a’ fighe, no ag àiteach agus ri obair mara, no aghaidh a chur air aon obair far am faighear i? Tha caochladh bheachdan air a’ cheist sin, ach ’s e an sluagh fhéin a dh’ fheumas am freagairt, gach aon air a shon fhéin.
Tha sochairean aig a’ chroitear nach bu chòir dha dealachadh riutha gun chnuasachadh cùramach mu ’n deidhinn. Tha dachaidh shaor aige, agus ged nach leis fhéin a’ chroit faodaidh e an fheum a thogras a dheanamh dhith gun a chomhairle chur ri neach eile. Tha sin ’ga fhàgail neo-eisimeileach agus ann an tomhas neo-iomnach. Gheibh e còmhnadh bho ’n Riaghaltas airson leasachadh iomchuidh air an tigh, no airson tigh ùr a thogail. Tha saorsainn aige ’na dhol a-mach ’s ’na thighinn a-steach a-measg a luchd-eòlais, saorsa ’na obair agus ’na chuideachd—sochairean air nach cuirear làn luach gus an caillear iad.
Chan eil e soirbh fhaicinn aig an àm dé an ath char a chuireas cuibhle an fhortain dith, ach tha dòchas againn nach tig an latha anns nach bi tuath thapaidh chridheil ann an Leódhas. Tha sinn a’ glacadh misneachd mhath bho na h-oidhirpean soirbheachail a thatar a’ deanamh air iomall nam bailtean air feadh an Eilein o chionn beagan bhliadhnachan gu bhith tionndadh le còmhnadh Bòrd an Fhearainn talaimh neo-thorach agus eadhon na mòintich gu bhith ’nan ionadan feurach airson àrach chruidh is chaorach. Tha raointean uaine ri sgaoileadh gach bliadhna far nach robh biadh bheathach no dhaoine ri fàs bho rugadh sinn.
title | Eachdraidh an Fhearainn an Leódhas |
writers | James Thomson |
internal date | 1962.0 |
display date | 1962 |
publication date | 1962 |
level | |
reference template | Seumas MacThómais in Gairm 39 %p |
parent text | Gairm 39 |