[230]

Na Ceiltich Ann Am Manchester

MAIRI COXON

Tha Gàidhlig gu leòr ann am Manchester, co-dhiùbh.”

Nuair a thubhairt mi so ri Hearach anns a’ Ghearasdan agus ri boireannach am Barabhas, cha do chreid iad mi. Rinn am boireannach Leódhasach glag gàire gus is beag nach robh na deòir a’ ruith sìos a gruaidh leis a lachadh.

Ach cha dubhairt mi ach an fhìrinn. Is baile glé Cheilteach a tha ann am Manchester (no, mar a chanas sinne, Mancuinainm a dh’ ionnsaich sinn bho na h-Eireannaich a tha a’ fuireachd an so). Tha iomadh comunn Ceilteach ann am Mancuin: meur a’ Chomuinn Ghaidhealaich, Coisir Ghaidhealach, meur Connradh na Gaedhilge (Comunn na Gàidhlig Eireannaiche), comunn Mannach, dhà, no trì chomuinn Chuimreach agus clas Gàidhlig Albannaich. Ann an linn Bhictoria dh’ fhoillsicheadh irisleabhar Ceilteach iomraiteach ann am Mancuin, ach chan eil am pàipear so ann a nis.

Cha chluinntear móran Gàidhlig air sràidean Mancuin, ach tha sanas mór anns a’ Ghàidhlig Eireannaich air dorus “Connradh na Gaedhlige” ann am meadhon a’ bhaile mhóir. Gach Nollaig cumar dannsadh mór Gaidhealach agus suipeir ann am Mancuin, le òrdugh na cuirme air a chlò-bhualadh anns a’ Ghàidhlig Albannaich. Ged is baile Sasunnach so, cha d’ fhuair a’ Ghàidhlig bàs am measg nan Albannach a tha a’ gabhail còmhnuidh ann. Roimh chogadh Hitler chumadh seirbhis Ghaidhealach ann an eaglais Naoimh Aodain, ann an dlùth-bhaile Didsbury (Mancuin-a- Deas), ach chan eil seirbhisean anns na cànainean Ceilteach ach aig na Cuimrich a nis (Tha eaglais ann am Mancuin far am bheil na seirbhisean anns a’ Chuimrig), agus an dràsd ’s a rithist tha aifrionn anns a’ Ghàidhlig Eireannaich ann an eaglais Chaitligich.

Co-dhiùbh, tha sinn mór ás ar clas Gàidhlig ann am Mancuin. Ged a stéidhicheadh an clas airson nan Albannach anns a’ bhaile, tha iomadh Sasunnach agus coigreach eile a’ freasdal nan coinneamhan. Anns an t-seisean 1959–60 bha gille Duitseach á Amsterdam anns a’ chlas, agus an uiridh bha caileag Iùdhach a’ freasdal.

Stéidhicheadh clas na Gàidhlig 10 bliadhna roimh so le Bhasti Ghranns Washington. A chionn ’s nach robh fear-teagaisg airson a’ chlas chuir i sanas anns a’ phàipear-naidheachd ag iarraidh fìor-Ghàidheil mar fhear-teagaisg. Bha sinn fortanach gun do fhreagair ar sean charaid Leódhasach Uilleam Gilliosa MacDhòmhnuill nach maireann. Tha sgoilearan Uilleim anns gach uile cheàrn de ’n t-saoghal. Ged nach eil Uilleam beò a nis, is maireann obair agus tha buill a’ chlas làn déidhealachd agus seasmhachd.

Gu dearbh, tha Gàidhlig gu leòr ann am Manchester.

titleNa Ceiltich ann am Manchester
internal date1962.0
display date1962
publication date1962
level
reference template

Màiri Coxon in Gairm 39 %p

parent textGairm 39
<< please select a word
<< please select a page