[59]

Caoraich air a’ Ghaidhealtachd

le AONGHAS MACLEOID.

’S mór a chualas mu àrach a’ chruidh air monaidhean na Gaidhealtachd, agus gun teagamh sam bith is mór na dh’fhaoidte de chrodh marbhaidh a thogail air na monaidhean sin. Ach am bheilear a’ gabhail suime de na dh’fhaoidte a thogail de chaoraich?

Gheibhear caoraich mhaola agus caoraich dhubh-cheannach ’s a’ Ghaidhealtachd agus faodar iadsan le chéile àrach agus a gheamhrachadh air na monaidhean. Anns an t-seagh so, tha iad nas freagarraiche na’n crodh, oir ged a dh’fhaodar gnèthean cruidhmar a tha an crodh Gaidhealach agus crodh Ghailbhidh (Galloways)a chumail air feurach monaidh a shamhradh agus a gheamhradh, cha tig iad beò air a so a mhàin agus cha thog iad laoigh gun bhiadh làimhe mu dheireadh a’ gheamhraidh agus anns an earrach. Chan ionann sin ’s do’n chaora a thogas uain air feurach a’ mhonaidh a mhàin. Tha cuid de àitean ’s a’ Ghaidhealtachd nach cùm biadh ris na caoraich fad na bliadhna, agus, a bharrachd air a sin, gheibhear caoraich ’s a’ Ghaidhealtachd nach toir am beò-shlàinte far feuraich chuimsich. A dh’aindeoin sin, chithear caoraich air a’ Ghaidhealtachd nach eil a’ cothachadh am mìr as lugha de fheur milis nan achadh ìosal agus nach eil a’ faotainn fiù biadh làimhe. Gu dearbha, ’s ann


[60] a dheanadh iad so tàire air a leithid de bhiathadh! Mar sin, bhiodh e iomchuidh caoraich chruadalach thapaidh de’n t-seòrsa sin a thogail air a’ Ghaidhealtachd ma tha dhìth oirnn an tuilleadh feòla a thoirt far an talmhainn.

Is mór as fheàirrde talamh a chur fo chrodh, agus is dòcha nan robhar air sin a dheanamh gu ìre mhóir nach biodh an raineach ’na chnap-starraidh agus ’na chuis dragha mar a tha e an diugh. Ach a dh’aindeoin sin, tha iomadh sgìreachd ’s a’ Ghaidhealtachd nach eil freagarrach ach air son nan caorach a mhàin. A dh’aon , chan eil cosgais mhór sam bith co-cheangailte ris a’ chaora. Ach is mór an obair a tha fuaighte ri bhith a’ cruinneachadh fodair airson a’ chruidh, agus chan e obair a mhàin ach cosgais throm far am bheil an talamh doirbh a threabhadh agus far am feumar innleachdan sònraichte a chur gu feum air a shon so. Chan e sin an salann saor!

Ann a bhith a’ togail agus ag àrach chaorach, bu chòir do’n tuathanach gabhail ris a ghnè as fheàrr a thig air a chuid fearainn. Gheibhear am Breatainn uile mu dha fhichead gnè caorach ach cha leig sinne, air a’ Ghaidhealtachd, leas suim a ghabhail ach de na caoraich mhaola agus de na dubh-cheannaich.

Eadhoin ’nam measg so, gheibhear gnèthean sònraichte, agus is iad na gnèthean sin ris am bu chòir dhuinn ealla a ghabhail. Cha mhór gum faic thu ach caoraich dhubh-cheannach an Leódhas, ach tha iad de ghnè a tha sònraichte agus nach fhaicear ach ainneamh an àite eile. Air tìr-mór, cuideachd, chithear eadar-dhealachadh a réir na sgìreachd do’m buin iad. Thoiribh sùil air caoraich Lannraig agus Bhaile Ur nan Stiùbhartach. Tha caoraich Lannraig nas truime agus tha iad sin air an cleachdadh ri talamh ìosal agus monadh nas fheàrr na gheibhear am Baile Ur nan Stiùbhartach no’n Leódhas. Tha gnè chaorach Leódhais gu sònraichte air leth bho chàch agus sin a chionn gur e glé bheag reitheachan a thugadh do’n cheàrnaidh sin a tìr-mór bho chionn fhada. Is maith dh’fhaoidte gum bheil rud-eigin de cheangal eatorra agus na caoraich sin a bha air an eilean bho sheancaoraich Shealtain agus Shóaidh. Theagamh gur e an ceangal so a tha a’ fàgail an cuid clòimhe cho mìn agus a tha ’gam fàgail fhéin cho subailte lùthmhor ann a bhith a’ leum nan gàrraidhean agus nan toll.

Tha caoraich Leódhais nas fhaide ’s a’ chois na caoraich na tìre-móire; tha a’ chlòimh nas giorra agus nas mìne agus chan eil iad idir cho garbh-chnàmhach. Tha móran a bharrachd bainne aca agus tha coltas air an cuid uain daonnan gun d’fhuair iad an deagh bhiathadh agus an deagh àrach. ’S ann a tha caoraich Bhaile Uir an t-Sléibhe a rithist de ghnè a tha, mar gun b’eadh, eadar gnè Leódhais agus gnè na Lannraig.

Is math as fhiach dhuinn beachd a ghabhail air na h-atharraichean a thainig air àireamh a’ chruidh agus nan caorach ’s a’ Ghaidhealtachd. Tha an t-Ollamh Friseal Darling, anns a’ chnuasachd a rinn e, a’ cur an céill gu soilleir gun deachaidh àireamh a’ chruidh ’s a’ Ghaidhealtachd an lughad, cha mhór anns gach ceàrnaidh, ach gur h-ann a tha móran a bharrachd chaorach ri’m faotainn. Is iongantach gu dearbh nach mór àite anns am faicear so cho soilleir, cunbhalach, ’s a chithear


[61] e an Leódhas, agus sin ged a tha feurach na ceàrnaidh sin nas lugha brìgh na tha e am móran àitean eile.

Tha an talamh monaidh cho beag brìgh ’s nach fàs fiù gasan de’n raineach an Leódhas, ach, mar a nochdas mi dhuibh an ceart-uair, ’s mór a chaidh àireamh nan caorach am meud o chionn deich bliadhna fichead.

So agaibh cunntas a thugadh o na h-iomraidhean a thug na croitearan fhéin, agus ged a dh’fhaodas miann nan subsadaidhean a bhith ’na mheadhon air beagan a chur ris an àireamh, chithear bho àireamh nam bliadhnachan a tha mi a’ cur fo’r comhair, mar a tha na caoraich a’ sìor fhàs lìonmhor agus aig a cheart ám, àireamh a’ chruidh a’ sìor fhàs beag.

LEODHAS AGUS NA HEARADH.

1918 1939 1947 1950 1952

Aireamh a’ chruidh 13,623 9060 8053 6681 6404

Aireamh nan caorach 78,147 114,329 163,513 179,436 187,166

’S ann a their cuid gur h-ann a tha tuilleadh ’s a chòir de chaoraich an Leódhas agus gur e so as aobhar do’n chall a tha am measg nan uan ’s nan othaisg. Ged a dh’fhaodas sin a bhith fìor an corra àite chan eil teagamh nach tog an t-eilean na tha air a chaoraich ma tha an gnè freagarrach air an fhonn.

O chionn bhliadhnachan fhuaras reitheachan òga bho Bhòrd an Fhearainn a chum stoc an eilein a leasachadh, agus ged is math a dh’fhaodas iad sin a dhèanamh, is dòcha cuideachd gun caill ar cuid chaorach an cruadalas, agus gum bi iad nas buailtiche do eus-shlaintean agus do thubaisdean. Chan eil teagamh air nach e caoraich a chumas ri monadh, agus nach iarr gu baile, as fheàrr a shoirbhicheas an Leódhas.

Ann am Foghar 1950, chaidh breithneachadh air cruadalas agus freagarrachd chaorach leithid an t-seòrsa a lorgar am bitheantas an caoraich Leódhais. Chaidh trì seòrsachan chaorachdubh-cheannaicha chur air tuathanachas ann an Glensaugh an Siorramachd Chinn-Chàrdain. Thugadh na caoraich sin a Lannraig, a Newton-Stewart agus a Leódhas agus chaidh beachdachadh air an adhartas a rinn iad.

Anns an iomradh a thugadh, dh’fhoillsicheadh móran a tha a chum ùidh do luchd chaorach. An toiseach, chaidh na caoraich uile a thomhais an uair a chuireadh air Glensaugh iad aig deireadh an Fhoghair. An uair sin, bha dhà de chaoraich Lannraig cho trom ri trì de chaoraich Leódhais agus bha caoraich Newton-Stewart caran mu’n aon chuideam ri caoraich Leódhais mur a robh iad rud beag na bu truime. An ceann bliadhna, chaidh na caoraich a chur air a’ mheigh a rithist. Chunnacas gun do chaill caoraich Lannraig cóig puinnd fhichead an ach cha deachaidh caoraich Leódhais no Newton-Stewart sìos no suas. Nochd so gun robh feurach Ghlinnsaugh freagarrach gu leòir do chaoraich Leódhais agus Newton-Stewart ach gu tur -fhreagarrach do chaoraich Lannrag.


[62]

Chuireadh na caoraich uile fo reitheachan de’n gnè fhéin. Chumadh sgeul mhionaideach air an àl, agus chunnacas gun do rinn caoraich Newton-Stewart na b’fheàrr na càch a thaobh na rugadh agus na thogadh de uain. Bha caoraich Leódhais beagan air dheireadh ach bha caoraich Lannraig na bu mhiosa na ’n sheòrsa eile. Gun teagamh, cha do rug caoraich Leódhais cho math ri caoraich Lannraig ach bha iad na bu chomasaiche air na h-uain a thogail. Thomhaiseadh na h-uain aig ám Càsga, agus so mar a bha an cudthrom.

Uain Lannraig 38 punnd

Uain Newton-Stewart40 punnd

Uain Leódhais 45½ punnd.

Chaidh na rùisg a thomhas cuideachd. Bha rùisg Lannraig mu cheithir puinnd; rùisg Newton-Stewart mu thrì; rùisg Leódhais beagan is phunnd. An uair a chaidh a’ chlòimh a choltachadh, air an làimh eile, bha clòimh Leódhais cus na b’fheàrr na càch.

Tha so a’ nochdadh corr rud. An toiseach, ged a bha caoraich Leódhais na b’aotroma na càch, thog iad na h-uain bu truime, a’ sealltainn gum bheil iad nas fheàrr air a bhainne. A rithist, cha do chaill caoraich Leódhais na Newton-Stewart feòil ged a chaill càch; fad a’ gheamhraidh ’s ann a bha caoraich Lannraig a’ call cudthrom, ged a bha càch a’ buannachadh.

Cuideachd, rug caoraich Newton-Stewart am barrachd uain air càch agus thog iad iad uile; chaill caoraich Lannraig sia-deug uan as gach ceud eadar breith agus Càsg, agus chaill caoraich Leódhais cóig as gach ceud. A thaobh gnè na clòimhe, bha clòimh Lannraig na bu truime, ach cha robh i fhéin no clòimh Newton-Stewart cho math ri clòimh Leódhais.

’S mór a rinneadh o chionn bhliadhnachan le luchd ealain de gach seòrsa a chum fiosrachadh a thoirt do thuathanaich mu ghalairean spréidhemar a ghabhas iad seachnadh agus leigheas. Ach chan eil na croitearan air uairean ro dheònach gabhail ris an eòlas ùr so. An uair a fhuaras dòigh air bacadh a chur air a’ bhracsaidh, ’s ann a bha eagal air cuid gur ann a lagaicheadh a leithid so a ghiollachd na h-uain. Chan eil so idir fìor, agus chan éirich beud do’n uan ri linn giollachd de’n t-seòrsa so ma gheibh e aire choltach ’sa’ gheamhradh. ’San latha an diugh, cha leigear a leas caoraich a chall mar a rinneadh roimhe leis an Tuathalan, leis an Tinneas Chritheanach (a’ Chrith) no le Spòg Dhubh, Spùt, Searg, Cloimh no Tinneas a’ Chladaich. Faodar iad sin uile a sheachnadh, no co-dhiùbh a leigheas a nise.

Ach a dh’aindeoin eòlais agus ealain an latha an diugh, tha a’ chnuimheag ’s a’ chuileag fhathast ’nan cùis ghràin agus dhragha do’n tuathanach agus do’n chroitear. Is iomadh innleachd a dh’fhiachadh ach cha d’fhuaras aon fhathast a thug buaidh iomlan air a so. Feumaidh an cìobair a bhith sùileach, furachail agus ma chì e coltas na cnuimheig b’e a’ ghliocas a’ chaora a ghlanadh agus sin dìreach le uisge fuar. Faodar an sin gabhail aig an lot le cungaidh shònraichte agus anns an dòigh cheudna dh’fhaoidte a’ chuileag a sheachnadh. Dh’fhaodar an corr a ràdha air a’ cheart phuing so, ach chan eil mi a’ dol a radha ach aon fhacal anns an dealachadh. Nan deanadh daoine feum de gach eòlas a tha againn an ceart-uair fhéin, cha leigeadh leas uimhir de chall a bhith am measg chaorach thall ’s a bhos.

titleCaoraich air a’ Ghaidhealtachd
writersAngus MacLeod
internal date1953.0
display date1953
publication date1953
level
reference template

Aonghas MacLeòid in Gairm 4 %p

parent textGairm 4
<< please select a word
<< please select a page