AIR an duileig so thall chì sibh dealbh-éibhinn air am bi cuimhne, ’s dòcha, aig cuid agaibh. So a’ chiad dealbh-éibhinn a chlò-bhuail sinn ann an Gairm bho chionn deich bliadhna. Chan eil e ’na ìongnadh, mar sin, gu bheil sinn fhéin a’ toirt sùla oirre agus a’ beachdachadh air dé a thachair dhuinn anns na bliadhnachan eadar sin is so. Tha fear air fàs nas caoile, is fear air fàs nas maoile, agus chan eil sin neònach, oir tha obair agus saothair agus uallach có-cheangailte ri ràitheachan de ’n t-seòrsa so. Ach tha sinn beò fhathast. Agus tha Gairm beò. Agus is iad na deich bliadhna air thoiseach as cudthromaiche agus as riatanaiche na na deich bliadhna a dh’fhalbh.
Fhuair feadhainn agaibh litrichean bhuainn le leabhraichean-urrais (no ‘raffle books’) ’nan cois. Chan eil sin a’ ciallachadh gu bheil sinn a’ dol an taobh a chaidh Bill Arif, air am bheil iomradh air duilleig eile, agus chan eil e idir a’ ciallachadh bu bheil Gairm ann an dearg chunnart a bheatha. Ach, leis an aois a bhith tighinn òirnn, tha Bodach a’ Chùraim—air nach robh eòlas againn bho chionn deich bliadhna! —daonnan a’ cagair ’nar cluais “Gu de a thachras do Gairm ma thig greim eanchainn air MacThómais no greim cridhe air MacDhòmhnaill, no ma thuiteas iad fo bhus leis an daoraich, no ma théid iad le chéile a thigh nam bochd?” Tha sinn a nise ag ràdha ris a’ Bhodach, “Uill, feuchaidh sinn ri deanamh cìnnteach gu mair Gairm có-dhiùbh.
B’e an “raffle” so a’ chiad earrann anns an dara caibidil. Mar a bhios cuimhne agaibh, rinn sinn iarrtas airgid bho chionn aona-bliadhna diag, agus thuirt sinn an-uairsin nam faigheamaid gu leòr gun geallamaid Gairm airson dà bhliadhna. Thug sìbh-se barrachd ’s a dh’ iarr sinn; rinn sinne barrachd ’s a gheall sinn. A nise tha e fodhainn cruinneachadh eile a dheanamh—nas motha na chiad fhear ma ghabhas sin dèanamh—gus Gairm a chur air a bhonnan ann an dòigh nach searg e a dh’ aindeoin dé thachras dhuinne no a dh’ aindeoin dè nì sinn.
Ré nam bliadhnachan, bha sinne a’ faotainn gach molaidh agus càinidh a bha a’ dol, agus, mar a rinn an Sealbh, bha am moladh na bu phailte na bha an càineadh. Ach cha bu sinne a choisinn am moladh. Cha robh moladh no Gairm air a bhith ann as aonais nan ciadan a cheannaich ’s a leugh Gairm, no idir as aonais nam ficheadan a ghabh grunnan de gach àireamh, ràithe an déidh ràithe, agus a reic iad a-measg an cuid eòlaich. Sin an fheadhainn air am bheil sinn ag iarraidh aon spàirn eile a dheanamh. Nì sinne am bualadh agus am fasgnadh ach is iadsan a mhàin aig am bheil coimeas an sìol a sgapadh.
RUARAIDH MACTHOMAIS. FIONNLAGH I. MACDHOMHNAILL.
title | Air an Spiris |
internal date | 1962.0 |
display date | 1962 |
publication date | 1962 |
level | |
reference template | Ruaraidh MacThómais and Fionnlagh I. MacDhòmhnaill in Gairm 40 %p |
parent text | Gairm 40 |