[328]

An Comh-bhraithreachas Ceilteach

GARBHAN MACAOIDH

RUGADH mi ann am Baile Atha Cliath, Eireann, anns abhliadhna 1963. Bha mi fortanach gum bann an so a bha mo mhàthair afuireach nuair a thàinig mi a-steach don t-saoghal, oir ged is Albannach mi, tha mi saor an so agus chan eil e am fiachaibh orm cead-siubhail a thoirt leamsa gach uair a dhfhàgas mi an tigh, mar muinntir na h-Alba. Tha mi saor agus ged a gheibhinn an saoghal mar a thà e, cha tugainn seachad so dhut air. Tha abheatha glé dhuilich ann an Alba bhon àm sin a thòisich Mgr. Alfred Balliol Caimbeul, am prìomh-mhinistear, air an Rian Apartheid a thoirt don taobh siar de Alba agus do na h-eileanan. Cha robh mi riamh anns an dùthaich sin, ach is ann gu bitheanta a dhinnseadh mo mhàthair dhomh, agus misenam bhalach beag, gu robh cuimhne aice cho brèagh a bha an saoghal aca ann an Innse Ghall nuair a bha i òg agus a daoine beò.

Dhfhuirich mi ann an Eirinn fad mo bheatha gu ruige so, agus so an athaich a tha acòrdadh rium. Tha iomadh caraid agam agus tha mi abruidhinn na Gàidhlige Eireannaich gu fileanta. Ach co-dhiùbh, chan eil minam dhuine glé shona idir. Is tìr-ghràdhaiche mo mhàthair, agus theagaisg i a baralaichean dhomhsa cuideachd. Theagaisgeadh i dhomh gur nàrach e don duine a dhùthaich fhéin a dhìochuimhneachadh.

Chan eil fhios agam carson a thug Mgr. Alfred Balliol Caimbeul an Rian Apartheid do Alba. Bha ar cànan (tha mi ag ràdhar cànan,” ach chan eil ach beagan Gàidhlig Albannaich agam a dhionnsaich mi aig glùn mo mhàthar) ann an staid bhochd co-dhiùbh, agus cha robh ach beagan dùthchasaiche afuireach ann an Innse Gall nuair a rinneadh lagh achead-shiubhail. Mar a bhà, thubhairt aPhàrlamaid ann an Lunnainn gu robh na cànanan Ceilteach acur bacadh air Aonachd an t-sluaigh Bhreatunnaich, agus gun robh na Gàidheil agus na Cuimrichnan daoine cunnartach don Chomunn NATO, a chionn gun do bhruidhinn iad cànanan coimheach nach robh aig na h-Ameireaganaich. Mar sin, lean na h-urracha móra ann an Lunnainn an t-eiseamplair Africanach, agus thionail iad na Gàidheil agus na Cuimrich ann am bothain agus tha e toirmisgte dhaibh dhol don bhaile mhór ach anns amhadainn airson an oibre. Feumaidh iad tilleadh air ais anns an fheasgar. Tha cead-siubhail aig gach duine Ceilteach agus iarraidh na maoir-shìthe e gach uair a rachas iad don bhaile, dìreach mar a bha e ann an Africa mun do rinn amhuinntir dhubh an t-ar-a- mach mór. Tha an t-Apartheid atoirt buannachd mhór don luchd Beurla, oir pàidhidh iad tuarasdal nas lugha do na Gàidheil. (Choisinn Rùnaire Stàit na h-Albainn an t-O. B.E. airson a chòmhnaidh leis an Apartheid).

Ach dhìochuimhnich mi mo sgeul . . . .


[329]

Bho chionn mìos na dhà bha mi ann an Tigh Cofaidh OLeary ann an Sràid Sheamraig, nuair a shuidh Eireannach mór sìos aig abhòrd far an robh mise. Bha mi aleughadh an leabhair Eireannaich Stair an Phobuill Cheiltich (Eachdraidh an t-Sluaigh Cheiltich) agus dhfhoighnich am fear mór rium an robh ùidh agam air achinneadh Cheilteach. Thubhairt mi gu robh, agus dhaithnich e bho mo chainnt gum bAlbannach mi.

Well,” thubhairt e, “am bheil thu deònach rudeigin a dhèanamh air sgàth na h-Alba, matà?”

Fhreagair mi gu robh mi deònach an còmhnaidh, agus sheas an t-Eireannach suas a rìs. “Thig còmhla rium, me bhoyo. Tha cothrom agad Alba a chuideachadh a nis.”

Chaidh mi leis gu dorus uaine ann an caol-shràid dorcha. Chnag e trì uairean air an dorus agus dhfhosgail bodach crùbach e. Ghabh sinn a-stigh agus chunnaic mi gu robh sinn ann an seòmar mór far an robh buidheann daoine asuidhe mun cuairt bhùird.

so?” dhfhoighnich duine air an robh coltas gum bfhear-na-cathrach eEireannach beag reamhar.

Chagair mo chompanach rudeigin ann a chluais agus rinn am fear beag cromadh cinn. “An tir-ghràdhaiche thu?” dhfheòraich fear-na-cathrach.

Seadh,” arsa mise.

Sin thu féin. Thig an so agus dean suidhe matà, a bhràthair. An aithne dhut na daoine eile an so? Is teachdairean nan dùthchannan Ceilteach iad uile.”

Chomharraich fear-na-cathrach a-mach iad. “Bràthair Gwilym agus Bràthair Dafydd ás aChuimrigh, Bràthair Raoul Juhel á Breatunn na Frainge, Bràthair Farghuar ás an Eilean Mhanainn, Bràthair Myhal Pezzack ás aChorn, Bràthair Seòras agus Bràthair Dùbhghlas á Alba, Brathraichean Liam, Tadhg, Caoimhghin agus Tomás, fir-ionaid EireannachBràthair Ruy de Castro, Rùnaire Comuinn Cheiltich anns an Spàinnagus Bràthair O Donall, Ceannard nan Eireannach anns an Spàinn. Chan eil na fir eile an so ach mar fir-choimheid, ach tha sinn toilichte gu bheil iadnar meadhonBrathair Ramón Kelly á Peru, Bràthair Mac an t-Saoir á Canada, Bràthair Antonio Jones á Patagonia agus fichead ball á Ameireaga.”

Choimhead fear-na-cathrach ormsa an sin. “Anns achiad dol a-mach feumaidh mi innseadh dhut gur ann glé dhìomhair a tha achoinneamh so. Is mór ormsa cron a dhèanamh ortsa ach tha latha mór afeitheamh ort mura bi thunad thosd mu dheidhinn nan rud a thachras an so. Tha sinn acur cath ris an eucoir agus tha an nàmh glé chumhachdach. Agus a nis, air adhart leis aghnothach! Bha thusa abruidhinn, a Bhràthair Chaoimhghin.”

Chlaon Bràthair Caoimhghin a cheann. “Bu mhath leam chluinntinn ciamar a tha sinn dol a dhèanamh an obair so. Feumaidh sinn an cinneadh Ceilteach a bheòthachadh a rìs, ach ciamar?”

Tha ar nàimhdean làidir,” thubhairt an t-Eireannach air an robh Tadhg, “agus feumaidh sinn bhith làidir cuideachd. Nuair a bha Eire acathadh airson a saorsa dhùisinnich ar gaisgich bomaichean,


[330] gunnachan agus dineamait. Chuir iad mèinnean air na sràidean agus phlannt iad bomaichean anns na bailtean Sasunnach.”

Ach cha bhi an dòigh sin againne,” arsa fear-na-cathrach. “Tha àm gu marbhadh agus àm gu briseadh sìos, ach is ball-airm nan gealtairean an dineamait. Ni sinn cogadh le ar n-inntinnean agus gheibh sinn buaidh. Mar eiseamplair, tòisicheamaid an diugh air bruidhinn mu dheidhinn abhìdh ris an canarCorn Flakes. ”

Rinn abhuidheann borbhan agus bha coltas feargach air aBhràthair Tadhg. “An ann afealla-dhà a tha thu?” ghlaodh e.

Fuirich sibhse oraibh,” arsa fear-na-cathrach. “Innsidh mi minnleachd dhuibh. Chan eil ach aon dùthaich Cheilteach a mháin aig a bheil a riaghaltas féin agus nach eil fo cheangal aig dùthaich mhór eilear tìr-ne, Eire. Feumaidh sinn tòiseachadh ann an Eirinn matà, agus tòisicheamaid leis achànan. Chan eil staid na cànain glé shlàn fhathastagus carson nach eil? Chan eil i slàn a chionn gu bheil ar sluagh abhruidhinn na Beurla air an rathad, anns na bùthaidhean agus anns achisdin. Feumaidh sinn sluagh Ceilteach a chruthachadh an so, agus leanaidh na dùthchannan eile an eiseamplair. As eugmhais cànain, cha bhi dùthaich Cheilteach ann. Ach tha na h-Eireannaich adèanamh an diugh? Ionnsaichidh iad aGhàidhlig anns an sgoil, ach tha facail Bheurla air gach pacaid bìdh a cheannaicheas iad. Chan fhaic iad na h-ainmean lòineagan gràinne no milis sùbh-làir air na pacaidean agus air na pigean anns na bùthaidhean, achCorn FlakesagusStrawberry Jam. ”Agus mar sin, chan eil na h-Eireannaich ag iarraidhLòineagan GràinnenoMilis Sùbh-làirnuair a tha iad anns abhaile. Tha iad ag ùisinneachadh nam facal Beurla. Mur eil aGhàidhlig air a bruidhinn anns achisdin agus anns na bùthaidhean tha i marbh. Gach uair a tha facal Beurlanar beul, tha sinn atoirt air falbh oibre bho na Gàidheil agusga toirt do na Sasunnaich. Agus sibhse a tha afuireach ann an Alba agus anns aChuimrigh, tha sibh adèanamh an dearbh rud. Tha sibh atoirt obair a tha na Ceiltich an eiseimeil, do na Sasunnaich agus do na dùthchannan beairteach eileobair nan clò-bhuailtearan, luchd-dèanamh bhotul, bhocsaichean agus phacaidean, agus na h-eadar-theangairean, —agus tha móran dhiubh ann na Eirinn an diugh. Bheir mi eiseamplair eile dhuibh. Carson nach eil obair gu leòr anns an taobh an iar? Tha iomadh aobhar ann, ach air feadh nan rud eile, cha dean na Gàidheil leabhraichean, biadh ann an canastairean, inneil bheaga no na h-uile bathair a dheanar anns an dùthchannan beaga mar Lochlann agus Tìr-nan-Suis. Nuair nach robh obair aig an t-sluagh ann an Tìr-nan-Suis, thòisich iad air uaireadairean a dhéanamh anns na tighean. Anns an Olaind rinn na clò-bhuailtearan obair glé eireachdail air inneil-clò bheagaobair a burrainn dhaibh dhèanamh anns an dachaidh no ann am bothan sìmplidhagus an diugh tha iad afaighinn òrduighean á dùthchannan coigreach airson obair clò-bhualaidh ealanta. Ann an Lochlann tha bailtean sealbhach air eileanan neo-thorrach, far nach bitheadh ach ròin agus eòin na mara ann, nan robh iad ann an Alba. Ach, mo chàirdean, tha eadar-dhealachadh mór eadar na tìrean eile so agus Alba no aChuimrigh no na dùthchannan Ceilteach againntha iad saor. Ann an dùthaich shaor, le prìomh-bhaile, pàrlamaid agus cànan


[331] dùthchasach, tha obair aig luchd-polaitics, luchd-teagaisg, eadar-theangairean, luchd-ealain, clò bhuailtearan, ceannaichean bathar na dùthcha, agus iomadh dreuchd eile. Bhon ath mhìos air adhart, matà, cha reicear airteagal ann an Eireann air nach eil treòirinanns aGhàidhlig. Thoir aire, a bhràthraichean, ged nach eil bean an tighe atuigsinn céill de fhacail marLuxagusMazdaagusBovril,” tha i ag iarraidh abhathair so do réir nan ainmean, agus canaidh i na h-ainmean anns aGhàidhlig cuideachd ma bhios iad air an treòirin.”

Hm, glé sheòlta,” arsa Bràthair Dùbhghlas. “Glé sheòlta.”

Agus a nis, a chàirdean,” thubhairt fear-na-cathrach, “ sinn le ar bràthair ùr Albannach?” Sheall e ormsa. “A bhràthair, an t-airgead a tha agad?”

Rinn mi gàire. “Oceud not no lethcheudchan eil mi cinnteach.”

Ceart gu leòr,” arsa fear-na-cathrach. “Théid thu do Sgoil aChogaidh Inntinnich ann an Gaillimh am màireach.” Agus rinn mi sin.

A chiad leasan,” arsa fear-teagaisg achogaidh inntinnich, “Eòlas-smaointinn agus feachd-oilean. Théid sibhse, a bhràthraichean, gu Alba, far am bi sibh acumail beò achinnidh Ghàidhealaich. Cruthaichidh sibh ghrunnanna h-oibrichean dìreach agus na h-oibrichean neo-dhìreach. Oibrichidh an dara grunnan an aghaidh na Gàidhlige agus saorsa na h-Albaanns na pàipeirean, ann am polataics, agus anns an t-seirbhis shìobhalta, gus an toirmisgear achànan agus an gnìomhachas dùthchasach anns an tìr. An sin tòisichidh obair an ath ghrunnain air sgàth na Gàidhlige agus na h-Alba. Bithidh spiorad nan Gàidheal feargach a thaobh an toirmisg, agus tarraingidh sibh buaireadh anns an dùthaich. Craobh-sgaoilidh sibh air an réidio anns aGhàidhlig, clo-bhuailidh sibh pàipeirean agus leabhraichean anns achànan, agus an sin stéidhichidh sibhcadresan aghaidh an t-sàrachaidh Shasunnaich. Ach, anns achiad dol a-mach feumaidh sinn fir-choimheid a chur gu Breatunn. tha deònach a dhol?”

Nuair a thubhairt e so bha clisgeadh cho mór orm gu robh mo làmhan acrith agus mo ghlùintean mar uisge. Thog deichnear an làmhan.

Tha mi ag iarraidh dusan,” arsa am fear-teagaisg.

Thog fear eile a làmh.

Gu math. Fear eile?”

Sheas mise. “Théid mi, matà.” Ach chuimhnich mi Mgr. Alfred Balliol Caimbeul agus a mhaoir-shìthe agus bha eagal orm.

Chan eil saorsa no sìth air an t-saoghal, ach bithidh. Bithidh nuair a tha na dùthchannan beaga saor a rìs, agus solus a thàinig á I Chaluim Chille agus Ara nan Naomh adeàlradh feadh an Roinn-Eòrpa. Bha na Ceiltich mór agus uasal, agus bithidh iad mór. Ach cha bhi iad mór le neart nan arm, ach le neart an spioraid agus na fìrinn. Tha na famhairean acreidsinn gu bheil iad cumhachdach ach tha an dadmunn nas cumhachdaiche. Tha briseadh na fàire atarraing am fagus.


Facal Eireannach airlabel

titleAn Comh-Bhràithreachas Ceilteach
internal date1962.0
display date1962
publication date1962
level
reference template

Garbhan MacAoidh in Gairm 40 %p

parent textGairm 40
<< please select a word
<< please select a page