[337]

Beul-aithris a Strath Fharragaig

IAIN MACAOIDH (Inbhir-Nis)

GU ìre bhig tha an luchd-Gàidhlig ann an Strath Fharragaig air caochladh, agus dhfhalbh gach eòlas a bhaca air seann òrain agus dàin leotha.

Ach aig rannsachadh a bha Cùirt an Fhearainn adèanamh an uraidh, ’sann aig de sheann luchd-Gàidhlig an àite a bha am fearann. Seann bhoireannach a bhinnte is anns an tigh a bha i dealachadh ris, bha an dealbh a rinn Hogarth de Mhac Shimidh (Sìm a bha iomraiteach mu Bhliadhna Theàrlaich), agus cha do dhfhàg bean-an-tighe ann an bharail sinn ach gu robh i mór ás.

Se bana-Fhrisealach a bhinnte fhéin, is ina h-iar-ogha do Mhinistear Both-fhleisginn, Am Ministear Beag, a bhana mhinistear airm ann an Réiseamaid Mhic Shimidh. Tha aice mar sheilbh phrìseil fhathast rud no dhà a bhuineadh dhà, mar a tha aon de na putanan a bha ann an aodach an airm aige, cuide ri sginean is spàinean airgids a leithid sin.

Taobh a màthar, bha fear de na sinnsirean aicena bhrocaire iomraiteach an Srath Fharragaig: is e sin Donnachadh Camshron, no Donnachadh Beag Brocaire. Air tùs bha Donnachadh Beag ag obair ag iasgach abhradain ás leth Frisealaich Fhoithir, Clann Uisdein Fhrangaich. Bhiodh e ag iasgach aig an Rubha Ruadh an Loch Nis. Nuair a chaochail am fear mu dheireadh de Chlann Uisdein Fhrangaich reiceadh an oighreachd, ’s i domhainn ann am fiachan, agus cheannaich Donnchadh Beag dasc-sgrìobhaidh aig an roup, agus bha sin aigega ghleidheadh mar ulaidh. Chaidh Donnchadh Beag an uair sin a dhfhuireachd don chroit a tha ogha a nis air fhàgail. Chomharraich i mach dhuinn gil air slios achnuic mu choinneamh an tighe. ’Se an Slocan Cumhg a bha aice air, agus bann an sin a bha aphoit-dhubh aig Donnchadh Beag.

Tha caraid eile dhaibh ag ràdh gum bu mhac Donnchadh Beag don Donnchadh Mór sin air a bheil iomradh ann an aon de na h-òrain a rinn Aonghus Camshron, no Aonghus Bàn, bàrd a mhuinntir Srath Fharragaig (faic Comunn Gàidhlig Inbhir Nis, Leabhar 28, d. 172):

Mochs mi siubhal samhadainn,
Dìreadh bruthaich leam fhìn,
Fhuair mi sealladh dhen bhuidheann
S iad air uidheam gu grinn;
Dunnach Mórs na coin bhreaca
Dol anns an astaraidh gun sgìos
Air thòir abhalgaire bhuidhe
S an tòirga ruithe gu dian.

Roimhn chogadh mu dheireadh, bhiodh na seann daoine abruidhinn air Donnachadh Beag car anns an aon dòigh.

Leis an ùidh a bhathas agabhail ann an dealbh Mhic Shimidh, ’sann


[338] a theann aMhaighdeann uasal Fhriseal air seinn na bha air chuimhne aice de sheann òran, òran is dòcha a chaidh a dhèanamh mun bhliadhna 1715, nuair a thill Mac Shimidh an déidh a bhith fon choill anns an Fhraing. BhaFear Goirtlig’ (Gorthleck ann an Strath Fharragaig) ’na fhear-cuideachaidh dileas do Mhac Shimidh.

Séisd:
Till dhachaidh, tiugainn dhachaidh,
Till dhachaidh, Mhorair Sìm,
Till dhachaidh, tiugainn dhachaidh,
Till dhachaidh, Mhorair Sìm.

Thuirt Fear Goirtligs eg éirigh,
Ach thréiginn fhìn an Rìgh,
Is seachainn Crois na Ceusar
Airson càirdeas Mhorair Sìm.’

(Theagamh gur h-e Crois na Ceusadh as dòcha bhith ceart na Crois na Ceusar!)

Tha ceithir rannan den òran so an Leabhar 28, Comunn Gàidhlig Inbhir-Nis, d. 323.

Ghabh abhana-Fhrisealach an uair sin òran, agus tha pàirt dheth aig Comunn Inbhir-Nis (Leabhar 26, d. 336). Ach tha rannan aicese nach eil ann an leabhar Comunn Inbhir-Nis. A réir an leabhair sin, be ùghdar an òrainDomhll Mac Thormailt,” † a bha agabhail tàmh faisg air Garrogie, am Bràigh Strath Fharragaig. Chailleadh e ri stoirm sneachda anns abhliadhna 1826, agus fhuaradh marbh e air achnoc os cionn Dhubhrais aig ceann an ear-thuath Loch Nis. Tha e soilleir bhon òran gu robh am bàrdna shaighdear ri linn cogadh Napoleon. Bann mar so a bha an t-òran aig abhana-Fhrisealach:

Séisd:
Tha mi fo ghruaim gur nach dean mi ìnns’,
Gur tric mi smaointins mi leam fhìnn
Nam foighinn fòirleis gu dhol air meòlas
Sann theid min Olaind le òrd an rìgh.

S iomadh chuir mo léin am bùrn,
Is bana-grùdair a rinn dhomh lionnd,
S iomadh bocsa air a ghabh mi snaoisean
Agus aodainn a laar rium.

S eòl dom fhìn rud nach eòl don Airm,
S eòl dom an Eiginns an Caigeann Garbh,
S eòl Caoirinn tha am Bun an Sgùmbain,
Tom aChuathair saBheallaidh Gorm.

S eòl dom Còr- ’n-laraich is Allt Tri Chrò,
Agus Meallagaidh is grinne feòir.
An Elrig uaigneach far am bi an earbag
Agus Garagaidh is mi glé òg.


[339]

Bha a leithid sin a dhainmeannan ann gun teagamh, a réir fear a mhuinntir Strath Fharragaig aig a bheil Gàidhlig agus a chuir seachad a bheatha a-measg nam beanntan agus nan àiteachan a tha air an ainmeachadh leis abhàrd. Ach an àite Tom aChuathairse bu chòir bhith ann Toll aChuathair; an àite Bun an Sgùmbain, Bun Ruigh Sgùmbain; an àite Allt Tri Chrò, Allt Ruigh Chrò. Is e An Eiginn ainm creige os cionn Loch Chill-fhinn, far an tugadh oidhirp air mort a dheanamh ás déidh achogaidh mu dheireadh. Is e An Crò a tha air bràigh aghlinne troimh am bheil Abhainn Fionn-Eirinn aruith, agussann an sin a tha na h-uaighean Abrach, far an do mharbhadh Dòmhnallaich na Ceapaich leis an fhear-bhogha ainmeil Iain Beag MacAnndra, is iad atilleadh dhachaidh leis achreich.

Cho fads a ghabhas, tha litreachadh nam facal atoirt seòladh air mar a tha iad air am fuaimneachadh, ach is dòcha nach bu mhisde beagan seòlaidh eile a thoirt seachad.

ThaS eòl air fhuaimneachadh mar am facal Beurlashawl”; garbh mar garra, chan ann mar garroo; rium mar anns an fhacal Bheurlarim” (car coltach ri Gàidhlig Leódhuis); labhar mar lawar; grinne mar gum be gride a bhann. Tha buille throm air Còr- ’n anns an ainm Còr- ’n-laraich, is gun ach buille glé aotrom air laraich (mar anns an ainm Crian-laraich).

Tha an aon fhonn air an òrans a tha airOchón a rìghsi mo rìbhinn donn Dhfhàg mi fo mhìghean is minntinn trom,” le atharraichean beaga an suds an so.

Is dócha gu faigheadh fear-tionail ealanta pìosan eile den òran bhon bhana-Fhrisealach chaomh so. Bfhiach e an t-saothair cuideachd aGhàidhlig aice a char air clàr, oir tha iomadh eadardhealachadh eadar is aGhàidhlig a tha dlùth oirre air taobh eile Loch Nis.


Dhfhaoite an t-ainm so a choimeas ri sloinneadh an Obair-itheachanRuaraidh Raghailt (Ragh le fuaim a mar anns an fhacal Beurlacar’ ).

[Sanas]

titleBeul-aithris á Strath Fharragaig
internal date1962.0
display date1962
publication date1962
level
reference template

Iain MacAoidh in Gairm 40 %p

parent textGairm 40
<< please select a word
<< please select a page