Tagair Tri Tulaich
1. Drochaid Thung. 2. Airighean An Rubha. 3. Cathair Bharbhais.
RUARAIDH MACGILLEATHAIN
BITHIDH sinn a’ leughadh anns na paipearan naidheachd gum beil buaireadh air feadh an t-Saoghail uile agus a réir naidheachdan na Gàidhealtachd chan eil na h-Eileanan an Iar falamh comhstri agus claidhmhaireachd.
Tha cuid ag ràdh gum bu chòir na tighean beaga tha timcheall Drochaid Thung a chur ri talamh. Chan eil móran eòlais againne air an astar sin agus fàgaidh sinn an crannchar aig muinntir a’ Bhac.
Canaidh cuid eile gum beil làn thìde Airighean An Rubha, tha tighinn rudeigin dàna air mòinteach Shiaboisd, an iar thuath air Loch an Tobair, a shìobadh gun dàil o aodann na talmhainn. Gu dearbha bithidh sinn duilich deireadh Airighean An Rubha fhaicinn oir ’s cuimhne leinn a bhith leum fhèithichean Lèana-Leitir air an t-slighe dh’ an an dròbh, ach ged a bhiodh clann-nighean an Rubha ri fanaid oirnn dh’fhuiligeadh sinn àite ionaltraidh ’s ionailt dhaibh fhathast. Dearbhaidh coisichean na mòintich òirnn nach e àite ionaltraidh no ionailt a tha iad ag iarraidh ach cnoc fradharcach, faisg air an rathad far am faicear iad ri faoineagraich ’nam bicìnis. Mas e sin an fhìrinn bha latha agus trusgan eile aig banachaigean Allt a’ Bhioruachan.
Falbhaidh còmhradh an duine fada nas fhaide air a’ mhòinteach air latha sèimh na tha beachd againn. B’ e sin a t-aobhar gun cuala sinn air a’ mhadainn chiùin ud a nighean ag eubhach ri càch “Trothaidibh ach am faic sibh na Siaraich a’ dol dh’ an an dròbh.” Ann an tiota bhiodh iad air na tulaich ag amharc oimn mar gum b’ e creutairean á saoghal eile a bh’ unnainn. Le athadh theicheadh sinne air falbh air sibheadh oir tha Donnchadh Leumrabhaigh nas eòlaich an diugh air na“kulaks”air cùlaibh a’ Chùirteir Iaruinn na bha sinne air caobhagan Shesiadair an uair ud. Agus sheasadh iadsan air na tuim ’s chan iarradh iad feobhas fearas-chuideachd aig ar dol seachad ach a bhith magadh oirnn ’s chreideadh sinn gur h-e am port a bhiodh aca— “Na Siaraich gun bhròg gun chaisbheart ri dol seachad dh’ an an dròbh.”
Ach nam b’e an dé an diugh fhreagradh sinn iad le—
Muinntir iomrall an Taobh Sear
A thog an imirich cho fad ás
’S chaidh a dh’ ionailt leis na cearcan
Mach far am biodh a’ bhó ac’.
Aig ar dealachadh dh’ eubhadh iad ruinn “Bheil Siarach nan osanan an nochd a’ tighinn dh’ am iarraidh?” Agus seach gu bheil e coltach gun teid Airighean an Rubha fhàsachadh bheir sinn beagan ruinn dhuibh air fonn “Mo shoraidh chum na Gruagaichean” gus nach dìochuimhnich sibh ar n-aonachd.
’S e crìochan bhailtean ’s rìoghachdan
’S fhearainn agus sgìreachan
’S coireach nach eil sìth againn
Dhar-fhìribh mar bu chòir dhuinn.
Bha coinneamh-ràith ur Pàrlamaid
Gun eagal fiamh na fàbharrachd
Ged dh’ aontaich iad na h-àirighean
A chur gu làr le ’n òrdaibh.
’S na tobhtaichean neo-àbhaisteach
Air chùlaibh Thung is Chàrlabhaigh
A’ smùideadh bharr nan làraichean
’S smàl chur ris a’ chòrr dhiubh.
’S bi Earraid, Maor ’s Siamalan
’S bàilidhean ri siadaireachd
Dh’ ur sealg air feadh na fiallaichean
A’ fìachainn ri ur fògradh.
’S mas e ’s gun teid ur fuadachadh
Tha tulaich air a’ Bhuaim a-stigh
Gun chròdhan mart no buachaille
’S nach gluais sibh ’s cuiribh ceò unnt.’
’S ma theid sibh unnt’ na dùilichibh
Gun cluinn sibh seinn na sùgradh unnt’;
Tha staid gun shuim gun chùram dhuibh
’S an ùrlar dhùint fo chòinneach.
Ach sgeadaichibh an cliathaichean
’S na sgrathan air na ceanglaichean
’S falaichibh scorr an t-sìoltachan
’S na mìosan ’bhiodh ’na seòmar.
’S cuiribh tigh-ionnlaid ’s àirneis unnt’
’S cuibhrig chloimhteach ràcairean
’S bi bhanachaig ’s bian a’ chàmhail oirr’
Is spìocan àrd fo brògan.
’S an àird am bòrd a dh’ innseas dhuinn
Mu leabaidh-oidhche ’s a’ phrìs aice,
Le bracaisd air ur truinnsearan
Mar chì sinn air a’ Mhòr-Thir.
Bha mòran unnt’ bha luachmhor leinn,
Bha sonas, saorsa ’s suaimhneas unnt,’
’S b’ e ’ghrian bu tric ar n-uaireadair
Troimh ’n dorus chluain gun chòmhla.
’S b’ e geugan fraoich ar bousdairean,
’S a’ cheap a stòl a b’ annsa leinn,
Ri cluinntinn eòin an t-Samhraidh
Muigh air lanntairean na mòinteach.
’S ma sgaras sinn na crìochan ud
’S gach gàrradh-crìoch a dh’iadhaidh sinn
An dùil ’m bi fois is fialaidhachd
Mar shìon òirrne ri dòrtadh.
Rithist tha sinn a’ faicinn gu bheil fear Siorrachd Rois an aghaidh Moireasdanach a chur air Cathair Bharbhais ’na Cheann-Cinnidh. Thubhairt e gur h-e fear do Chlann Mhic Leòid a b’ airidh a bhith blàthachadh an t-suidheachain, a chionn gur h-ann do Chlann Mhic Leòid a bhuineas Eilean Leódhuis air fad. Bha sinn déidheil a bhith ’n cuideachd gach cinneadh os cuimhne leinn agus shaoileadh sinn gun gabhadh Ceann-feadhna dòigheil a thaghadh ás gach treubh. Mar a fhaigh MacLeòid Cathair Bharbhais chan eil duine de’n a’ chinneadh aige ann an gin de na bailtean so—Bhalsaidh, Crothair, Tacleit, Toboson, Circibost na Fìbhig, agus roghnaicheadh cuid dhinn Cathair Fhìbhig là sam bith ro te Bharbhais, oir ’s cuimhne leinn teaghlach a Chlann Ic Leòid a bhith ann is bha cholas gu robh iad toilicht agus aoigheil gu leòr fhad ’s a bha iad ann.
Bithidh sinn gu tric a’ smuaineachadh gur h-e ainmeanan gun Mhac is fheàrr. Tha iad nas fhasa a litreachadh ’s a sloinntearachd sa’ Bheurla. Chan fhaod sinn a bhith a’ deanamh cus uaill á “Mac” oir ma theid sinn a-null air clach mhìle Phàruig na sìos air Gàrradh domhainn a’ Ghreumaich ’sann a tha Mac a bhith ’nar n-ainm ’na dhuiligheadas dhuinn mar a bi sinn a’ falbh le teisteanais ar n-aois mu’r n-amhach mar tèarainneach Muillear Lacasdail . . . . †
Aig àm a’ chogaidh nach iomadh fear ann a seiribhis a’ Rìgh, nach maireann, a sheas air a’ bhrat-ùrlair air beulaibh Oifigeir o nach b’ urrainn dha ainm a litreachadh ceart, agus bha sinne ’nam measg. Cha robh fios againn có bha ceart—McL., MacL., Macl. na iomadh dòigh sam bith eile a chithear sgrìobhte iad. Mar sin bu chòir dhuinn a bhith cho seòlta ris na Moireasdanaich, Clann a’ Ghobhainn, agus na “Tamsanaich.” Nuair a theid iadsan chun na Galltachd na measg na Beurla gearraidh iad air falbh am “Mac” agus cha bhi unnta ach “Morrison,” “Smith” is “Thomson” agus litrichidh a’ mhor-chuid sin anns a’ Bheurla.
Fàgaidh sinn a réisd Cathair Bharbhais aig na Moireasdanaich a chionn nach eil Mac ’nan ainm. ’Se Mac no Nic a tha ann an uile chreutairean na talmhainn; a réisd tha sinn de ’n bheachd gu bheil Mac roimh ainm sam bith anabharra.
† An Siorraidh Miller, a thuirt anns a’ chùirt an Steòrnabhagh: “You are talking as if the sheep were walking about with their birth certificates tied round their necks. ”
title | Tagair Tri Tullaich |
internal date | 1962.0 |
display date | 1962 |
publication date | 1962 |
level | |
reference template | Ruaraidh MacGilleathain in Gairm 40 %p |
parent text | Gairm 40 |