[344]

Am Facal Sgriobhte

IAIN A. MACLEOID

ANN an eachdraidh an t-saoghail tha àm an suds an so ris an abair sinnBe sud clach mhìle ainmeil ann an adhartas caitheamh beatha an duine.’ ’Nam measg tha anradioa tha atoirt dhuinn cothrom labhairt an dràsda ri gach ceàrn den dùthaich agus anns gach tigh anns a bheil am bocsa innleachdach air abhòrd no air an dreasair.

Gun teagamh sam bith is ainmeil achlach mhìle ann ar n-eachdraidh an ìnnleachd so a chuireas cluasan a tha mìltean de mhìltean air falbh mar gum biodh iad mun aon téintean ris na bilean a tha alabhairt.

Cha toir òraid air an réidio fada sam bith agus madainn am màrach co aige am bi cuimhne ach air facal no dhà de na chuala e. O mhoch gu dubh, gach latha tha sinn beò, nach iomadh facal a tha adol a-steach air aon chluais agus a-mach air achluais eile. Tha sin ciallach gu leòr oir chan eil ar cuimhne comasach air a bhith gleidheadh gach teachdaireachd a ruigeas ar n-inntinn. Tha cuid de bhriathran a leanas rinn fhads is beò sinn, amhòr chuid chan fhiach an gleidheadh idir agus théid iad á sealladh mar ceò na maidne, ach tha a thuilleadh air sin móran fiosrachadh tuigseach agus luachmhor a bu mhiann leinn a bhith againn ann an cruth buan maireannach, faisg air làimh an car feuma agus tèaruinte bho thubaist ar dìochuimhne.

Tha aon dòigh simplidh air so a dhèanamh— ’se sin a chur sios air paipear le peann.

Tha iad beò fhathast nach do dhionnsaich riamh sgrìobhadh agus bha uair anns an dùthaich so am bu tearc da rìreadh neach a burrainn sgriobhadh a dhèanamh. Bha latha air an t-saoghal nach burrainn duine idir sgrìobhadh, latha anns nach robh co-chomunn eadar daoine ach an cainnt agus am beul-aithris. Bha dòighean, modhan, eòlas agus eachdraidh air an toirt seachad o bheul athar gu mhac agus bu mhór an t-eallach a bha air cuimhne an duineeallach a chaidh a leasachadh an uair a fhuair e dòigh air a smuaintean a chur sìos ann an cruth a mhaireadh agus a thuigeadh e fhéin agus a nàbaidhean agus an sliochd.

Smaoinichibh mionaid air na goireasan a tha agaibh ann an cois comas sgrìobhaidh. Abair gu bheil sibh airson naidheachd a chur gu caraid a tha air taobh thall an t-saoghail. Le peann is paipear agus sgillinn no dhà, ann am beagan ùine trèoirichidh sibh smuaintean bhur cridhe thar mhìltean de mhìltean. Abair gu bheil sibh airson cnuasachadh a dhèanamh air cuspair àraid. An toiseach gheibh sibh gréim air gach leabhar is urrainn dhuibh agus leughaidh sibh an rannsachadh a rinn daoine eile cheana, agus cumaidh sibh air adhart bhon far an do chrìochnaich iadsan. Nach truagh a bhiodh sinn ás eugmhais an Leabhair Mhóir anns an do sgrìobhadh gliocas, eòlas agus smuaintean luachmhor nam fàidhean, nan rìghean agus nan abstoil.


[345]

Dhfhaodainn móran ghoireasan ainmeachadh ach is ann a tha romham beagan ìnnse dhuibh air mar a thàinig sgrìobhadh am bith agus mar a dhatharraich e gus an do ràinig e an cruth a chì sibh anns gach leabhar is paipear naidheachd air an toir sibh làmh. Anns achànain eile, tha mi adol air ais gu ruige A. B. C.

Tha sibh uile eòlach air na h-ochd litrichean deug a tha ann an aibideil na Gàidhlige agus na h-ochd eile adèanamh sia litrichean thar fhichead anns aBheurla.

mhìle bliadhna air ais bha achlann bheag Ghreugach ariasladh ri an aibideil fhéin bho alpha sìos gu omega. A h-uile litir mar an A. B. C. againne le a fuaim fhéin agus a ciall fhéin, agus nuair a chuirear iad ann an òrdugh àraidh ann am facal tha iad anns amhionaid acruthachadh dealbh ann ar n-inntinn a dhaithnicheas sinn. Chan iad amhàin cuspairean suidhichte a dhaithnicheas sinn mar is cat, tigh is fearann ach smuaintean eadar-dhealaichte agus faireachdaidhean mar gaol is bròn.

Ciamar air an t-saoghal a fhuair gach litir bheag a sgròbar le peann a cumadh is a ciall, a thaga cur air leth ann a bhith ag ath-chruthachadh smuaintean ar cridhe agus briathran ar bilean ann an cruth buan maireannach.

Cha do thachair so ann an aon oidhche no ann an aon bhliadhna. Chan eil sgeul air ciamar a thòisich duine air a smuaintean a threòrachadh ann an dòigh ùr seach cainnt. Is dòcha gun dàinig achiad smuainna inntinn agus e abeachdachadh air lorg a chois fhéin anns apholl. Co-dhiùbh, thòisich ar sinnsirean air dealbhan sìmplidh a tharraing de ainmhidhean, eòin agus nithean air an robh iad eòlach. Abair gu robh Tormod Dubh adol a shealg agus e airson fios fhàgail aig Seumas Geal càitan lorgadh e e. Tharraingeadh e dealbh beathaich air an ùrlar le saighead troimhe agus an saighead acomharrachadh an rathad a dhfhalbh e. Le dealbhan mar so air nithean eòlach bha cothrom aca còmhradh ri chéile gun bhith an claisneachd a chéile. Eadhon gus an latha an diugh bithidh gillean òga agus caileagan ag ionnsachadh cluiche a bhith siubhal na mòintich is a fàgail teachdaireachd aig a chéile le dealbhan sìmplidh air an tarraing le clachan is maidean agus anns apholl.

Be an ath adhartas a bhith adealbhachadh smuaintean agus faireachdaidheanbhiodh dealbh sùil is i asileadh dheurna samhladh air bròn, bhiodh duine reamharna shamhladh air pailteas, duine caolna shamhladh air acras is mar sin air adhart. Bho sin chaidh iad air adhart gu bhith sgrìobhadh samhladh airson gach fuaim a bhanan cainnt agus bheir mi dhuibh eiseamplair no dhà air ciod tha mi aciallachadh.

Air fuaim an litirAbha samhladh ceann daimh; air litirBsamhladh tigh; air fuaim litirCsamhladh càmhail agus airDdorus agus mar sin.

Is ann a-measg muinntir Bhàbailoin a tha achiad aithris air na dealbhannan is na samhlaichean a bhith air an ceangal ri chéile ann an sreathan ciallach. Bha na sgrìobhaichean acasan atarraing air crèadh


[346] bhog agusgan cruadhachadh ann an àmhainn. Tha cuid de na sgrìobh iad air an gleidheadh againn an diugh.

A nis tha e duilich a bhith ro chùramach atarraing dealbh eun no ainmhidh ann an crèadh bhog, co-dhiùbh ann an cabhaig, agus eadar beag is beag is ann a dhatharraich na sgrìobhaichean na dealbhan gu cumaidhean na bu shìmplidh. Dhlùthaich ceann an daimh ri cumadh an litirAa tha againn agus is fhiach dhuibh sealltainn air leabhar a chuireas fo bhur comhair gu mionaideach mat a dhatharraich na seann dealbhan is samhlaichean eadar beag is beag gu ruige nan litrichean air a bheil sinne eòlach an diugh.

Aig an aon àm is a bha na Bàbailonaich asgrìobhadh air crèadh bha anns an Eibheit daoine asnaidheadh air clachan seòrsa de sgrìobhadh dealbhach innleachdach, an sgrìobhadh ris an abair sinnhieroglyphics .

Mar na Bàbailonaich bha na h-Eibheitich asgrìobhadh le samhlaidhean eòin is ainmhidhean agus asnaidheadh air ballaichean an teampuill, air na cladhan agus air toglaichean. Bidh cuimhne aig móran agaibh an othail a bha a-measg sgoileirean arannsachadh agus ag eadar-theangachadh nanhieroglyphicsso ri bhur linn fhéin.

Fhuair na h-Eibheitich a-mach dòigh air duilleagan a dheasachadh bhon luachair a tha fàs ri taobh Abhainn Nile, duilleagan ris an abair sinnpapyrusagus le dubh-sgrìobhadh de shaoigh agus bioran geur thòisich iad air sgrìobhadh. A rìs bha e duilich na samhlaidhean a tharraing gu mionaideach agus mar aig sgrìobhaidhean Bhàbailoin, dhfhàs na dealbhan gu cumadh sìmplidh a sgrìobhadh iad ann an cabhaig.

Bha treubh de mharaichean atàmh mu thimcheall bailtean Tyre agus Sidon dam bainm naPhoenicians,’ daoine a fhuair an beò-shlaint ann am malairt is ceannachd. Bhiodh am bàtaichean atadhal anns an Eibheit agus an sin ghabh iad eòlas air sgrìobhadh nan samhlaidhean. Rinn iadsan beagan atharrachadh agus chuir iad air bhonn aibideil anns an robh litir thar fhichead.

Bha iadsan asgrìobhadh bho thaobh deas na duilleig gus a làmh chlì. Thug iad ainmean air gach litir agus biad achiad cheithir litrichean aca alephan damh; bethan tigh; gimelan càmhail; dalethan dorus. Bho na Phoenicians dhionnsaich na Greugaich an aibideil agus tha móran agaibh eòlach gu leòr air na litrichean Greugachalpha, beta, gamma, delta agus mar sin air adhart. An toiseach bha na Greugaich asgrìobhadh bho làimh dheis na duilleig gu làimh chlì agus air ais bho làimh chlì gu làimh dheis, mar a threabhas tuathanach raoin. Chaidh ùine seachad mun dionnsaich iad gum bfharasda a bhith sgrìobhadh bho làimh chlì gu làimh dheis mar a ni sinn fhéin an diugh.

An déidh nan Greugach thàinig na Ròmanaich agus tha iadsan cliùiteach an eachdraidh airson an cuid laghan agus am miann an còmhnaidh gach a bhith an òrdugh réidh, riaghailteach, snasail. Dhatharraich iadsan litrichean na h-aibideil gus achumaidh air am bheil sinn eòlach. An toiseach bha iad asgrìobhadh agus a snaidheadh ann an litrichean móra snasail agus an àite papyrus nan Eibheiteach bha


[347] iad adeasachadh chraicionn ainmhidhean agus asgrìobhadh orra. Bha craicionn, no mar theireadh iadvellumgann agus daor agus a thaobh cosgais, is ann a ghearradh iad sìos meud nan litrichean agus dhlùthaich iad ris na litrichean beaga againn.

Mar as aithne dhuibh, thainig na Ròmanaich gu ruige Breatuinn lethcheud bliadhna roimh àm Chrìosd agus thug iad a-steach an cuid Laidinn agus an sgrìobhadh. Thachair annasach ás a so.

Gheibhear air feadh Bhreatuinn sgrìobhadh dìomhair no snaidheadh air clachan agus tùran; sgrìobhadh ris an abair sinnOgam.” Tha so mar strìochdan air an snaidheadh ann an àite àraidh air achloich, a h-aon, a dhà, a trì, a ceithir no a cóig cuideachd; feadhainn dìreach, feadhainn air an tarsainn ar réir an litir den aibideil Laidinn a tha iad aciallachadh. Be so obair ar sìnnsirean na Ceiltich aig àm iad a bhith fo smachd nan Ròmanach, ach chaidh an seòrsa sgrìobhadh sin á bith an déidh do na Ròmanaich a dhol dhachaidh agus a thàinig mar a their sinn Na Linntean Dorcha air an dùthaich.

Bì an Eaglais a chùm sgrìobhadh agus sgoileireachd beò troimh na linntean so. Chuir an Naomh Pàdraig air chois manachainn ann an Eirinn far an robh sgoileirean trang ag ath-sgriobhadh nan soisgeul. Bann á Eirinn a thainig Calum Cille gu Eilean I gu caochladh mór a dhèanamh air eachdraidh Albainn.

Troimh nam bliadhnaichean fada ris an abair sinn na Linntean Meadhonach cha robh mòran an taobh am muigh de na manaich a burrainn leughadh no sgrìobhadh. Anns abhliadhna cheud deugs a cóig deug nuair a chuir an Rìgh Iain a sheula rìoghail ri Magna Carta cha burrainn eadhon ainm a sgrìobhadh.

Bha mar a thuirt mi an sgrìobhadh air a chur airvellum ,deasaichte bho chraicionn ainmhidhean. Ged tha rothas gun robh na Sìnich adeanamh paipear dhaibh fhéin anns achiad lìnn, bha faisg air trì cheud deug bliadhna air a dhol seachad mun do dheasaicheadh paipear anns an Roinn-Eòrp. Timcheall air an àm so fhuaradh a-mach mu chlo-bhualadh, agus eadar paipear a bhith saor seach vellum agus clo-bhualadh acur cabhag ann an deasachadh leabhraichean dhfhàs iad saor agus pailt. Thòisich eòlas agus fiosrachadh air sgaoileadh a-measg an t-sluaigh agus anns gach dùthaich san Roinn Eòrp chaidh gluasad air chois a bha gu atharrachadh mór a dheanamh an eachdraidh an t-saoghail gu léir. Ach is e sin sgeul eile air an do sgrìobhadh móran leabhraichean agus nach eil fo mo chomhair-sa an dràsda.

Tha mi an dòchas gum faigh mi an cothrom air uair eile, caibideil a chur ris an òraid so ris an abair miAm facal clo-bhuailte.”

Mas e am facal sgrìobhte a chuireas smuaintean an duine ann an cruth maireannach, is e am facal clo-bhuailte a chraobh-sgaoileas iad gu feum is maith a dheanamh (agus olc air àm! ).

[Sanas]

titleAm Facal Sgriobhte
internal date1962.0
display date1962
publication date1962
level
reference template

Iain A. MacLeòid in Gairm 40 %p

parent textGairm 40
<< please select a word
<< please select a page