Dh’fhuirich Clann Domhnaill
SOMHAIRLE MACGILL-EAIN
GLE thric—cha mhór nach canainn, mar as trice—tha rud glé bhoireann anns a’ churaidh. Cha robh teagamh nach bu churaidh an Caiptean Iarmar: chumadh e a cheann cho àrd neo-chùramach ri Seoc mór Caimbeul fhéin, nuair bu righe na spealgan agus na peileirean; choisicheadh e a-measg shligean a’ spreadhadh mar gum bu lòineagan sneachda iad. Ged a theireadh cuid gum biodh crithean a’ tighinn air Iarmar nuair a chiaradh an oidhche agus a bha strì an latha seachad, chan fhacas riamh air ach aogas a’ ghaisgich “ri uchd buailte.” Bha e ’na dhuine dreachmhor: mu chóig troighean is deich òirlich a dh’ àirde; air a dheagh chumadh, le deagh aodann, ach gun robh a bhial cho boireann ’s a chunnacas air fireannach—boireann ann an cumadh, chan ann am briathran no an guth. Bha e soilleir gun d’ fhuair Iarmar àrach a-measg bùirdeasaich Shasuinn, “na buic mhóra”; agus bha móran de bhuadhan an stuic ghràineil sin air. Cha robh ann am mór-roinn an Ochdamh Airm Bhreatannaich ach gràisg an sùilean a’ Chaiptein Iarmar; ach nuair a thogradh e fhéin, chluicheadh mealladh nam ban òga m’ a shùilean agus m’ a bhial boireann.
Cha robh Iain Howard ’na oifigeach, agus cha robh e ’na churaidh; cha bu mhò bha e ’na ghealtair. Cha do chaill e a thoinisg anns an fhìor chunnart, ach bha e “faiceallach.” Chan fhàgadh esan a chorp ann an gainmhich Libia nan rachadh aige. Nan tilleadh MacLeòid, thilleadh Iain Howard, nam b’ urrainn da. Uime sin, bha e air a bhroinn ann an trainns cho tric agus cho luath ri fear sam bith. Cha robh alladh a’ churaidh fo ’n ian aig Iain Howard.
Cha robh Dòmhnall Dòmhnallach ’na oifigeach, ach bha e ’na Dhòmhnallach. Chaidh móran iomrall air anns an arm. Cha chromadh a shùil fo shùil an ùghdarrais, agus chan iarradh e fàbhar air neach. Ràinig e Libia ’na shaighdear cumanta ged a bha uiread sgoile aige ’s a bha aig fear sam bith san réiseamaid; ach cha robh a dhol ás aige a niste. Cha e ’na shuidhe air cùl càir is a chluas ri bocsa frith-theud.
Bha Iain Howard anns an aon chàr is a chluas-san ri bocsa eile. Cha robh iad ach air ùr thighinn do ’n bhataraigh anns an robh e.
Bha lasadh de uaill chunnartach ann an Dòmhnall Dòmhnallach. Cà robh leithid a shinnsre-san anns a’ bhlàr? An dà Inbhir Lòchaidh, Allt Eireann, Cill-Saoidh, Raon Ruairidh, Sliabh an t-Siorraim, Sliabh a’ Chlamhain, an Eaglais Bhreac! Cà robh leithid nan Dòmhnallach, [356]
Cha robh cath ann, agus cha robh móran sam bith a’ tachairt. Thigeadh is chuirteadh sanas leis a’ bhocsa an dràsda ’s a rithist. Thigeadh Iarmar gu cùl a’ chàir agus chanadh e facal na dhà ri Dòmhnall, agus dh’ fhalbhadh e an uair sin; ach cha robh e fada air falbh uair sam bith. Chitheadh Dòmhnall ’s a chompanach a-mach air cùl a’ chàir, ach chan fhaiceadh iad romhpa, no a-mach air an dà chliathaich. Uime sin cha robh Iarmar ’nam fradharc an còmhnaidh ach bha fhios aca gun robh e faisg gu leòr airson a h-uile guth a theireadh iad a chluinntinn.
Bha norraidhean cadail a’ tighinn air Dòmhnall ged a bha a chluas ris a’ bhocsa. Chlisg e ás aon norradh le sanas anns a’ bhocsa, agus b’ fheudar dha iarraidh an sanas a thoirt a rithist. Nuair a thàinig an sanas an dara uair, cha d’ rug e air buileach, agus dh’ iarr e a thoirt an treas uair. Bha Iarmar a niste ’na sheasamh aig cùl a’ chàir.
“Amadain leibidich,” arsa Iarmar. “Dé ’n donas a tha bhuat? Bheil thu bodhar?”
Thuirt Iarmar facal no a dhà eile, an “teanga choitchinn” an ochdamh Airm, agus bha Dòmhnall air a thachdadh le tàmailt is le cuthach.
Fhuair Iarmar an sanas agus dh’ fhalbh e gu beulaibh a’ chàir. Bha an Dòmhnallach mar nach robh e riamh roimhe. Gum bruidhneadh Sasunnach, Gall no Gaidheal fo ’n ghréin ris-san mar sud! Agus gun ghuth aige ri fhreagairt! Esan anns an robh fuil Mhic Iain Mhic Sheumais; fuil Iain Ghairbh Mhic Ghille Chaluim; fuil Eachainn Ruaidh nan Cath; fuil Ruairi Bhig Mhic Iain Mhic Ruairi Mhic Mhurchaidh Bhuidhe; fuil “Fir mhóra a’ Bhràighe”; fuil . . . . ! Cha dubhairt Howard guth ris; thuig e gun “deach an diabhal an gille dubh a’ Bhràighe.”
Ann an deich mionaidean thàinig gleadhar luingeas-adhair. Leum Howard a-mach a choimhead, agus ruith e gu beulaibh a’ chàir, far an robh an Caiptean Iarmar. An dà mhionaid bha e air ais, ag éigheach, “Messerschmidtean! Tha ’n Caiptean Iarmar ag iarraidh ort dìon a ghabhail ann an trainns! sa’ mhionaid! greas ort!
Cha do ghluais Dòmhnall Dòmhnallach, ach dh’ eubh e àird a chlaiginn—gus an cluinneadh Iarmar e,
“Messerschmidtean! Can ri Caiptean Iarmar an sparradh—— — !” Ruith Howard gu trainns, is dh’ fhuirich an Dòmhnallach, ’s e feadaireachd ’s a’ mànran ris fhéin, air an fhonn“The Campbells are coming, ”mar bu tric a chuala e aig a sheanmhair:
“Fir Chloinn Dòmhnaill, leóghainn gharga;
Sìoda ’gan còmhdach, sròl ri ’n garbh chrann:
Oganaich chuimir fhuair urram fir Alba,
Dh’ fhàg an crup salach air chumadh na h-earba.”
Saoil, arsa Dòmhnall ris fhéin, am bheil Iarmar air a bhroinn am bonn
Thill Howard far an robh e, shuidh e air a bhocsa fhéin, agus cha dubhairt e guth ri Dòmhnall fad chóig mionaidean. An uair sin thàinig an Caiptean Iarmar. Bha sanas eile aige ri thoirt do Dhòmhnall, gus an cuireadh Dòmhnall a-mach e. Cha dubhairt e diog mu na h-itealain Ghearmailteach. Bha mealladh nam ban oga ’na shùilean bòidheach agus m’ a bhial boireann.
title | Dh’fhuirich Clann Domhnaill |
internal date | 1962.0 |
display date | 1962 |
publication date | 1962 |
level | |
reference template | Somhairle MacGill-Eain in Gairm 40 %p |
parent text | Gairm 40 |