Tigh Mairi an Doichill
bho IAIN EARDSAIDH MOIREASDAN
IS i so seann sgeul, facal air an fhacal mar a bha i air a h-innse le Tarmod MacLeòid á Beàrnaraigh na Hearadh, nach cuala i air a h-innse ach aon uair, agus a thug leis i mar a tha i ann an so.
Bha uair a’ fuireach air a’ Ghaidhealtachd boireannach a bha glé mhosach, ris an canadh iad Màiri an Doichill. Cha deachaidh duine riamh a thigh Màiri air an do dh’iarr i suidhe. Có-dhiùbh chuir balach tapaidh geall gun toireadh e oirre iarraidh airsan suidhe. Chaidh am balach so, do’m b’ainm Uilleam, do thigh Màiri air beul oidhche agus thubhairt e: “Gum beannaicheadh Dia an tigh dorcha deatharra so.” Fhreagair Màiri e, agus i a’ tionndadh bho ’n teine air an robh i a’ dùr-amharc: “Bho ’n bheannaich thu ’n àrdraich tàrr a-mach ás.” Fhreagair Uilleam: “Na h-eòin a th’ air an àirigh ’s mithich fantainn.” Dh’ fhaighnich Màiri an uairsin dheth: “Gu dé an t-ainm a th’ ort?” “Tha,” arsa esan, “Uilleam Dèan Suidhe.” “Uilleam Dèan Suidhe?” arsa Màiri. “ ’S mi a shuidheas,” arsa Uilleam, “ ’s math an airidh is bean an tighe ’ga iarraidh.” “Ma shuidheas chan fheàrrde,” fhreagair Màiri, “tha an rathad mór air chùl an tighe agus a’ ghealach ’na h-àirde: ann an so gheibh thu ùrlar lom, talamh toll, is dearganan a chriomas do mhàs gu fanastachd.”
Bha bràgha bheag aig Màiri air am biodh i a’ bleith, agus a’ cur a ceann air a’ bhràghainn thubhairt i: “So cadal an Doichill.” Rug an uairsin Uilleam air cabar maide, agus a’ tighinn os a cionn leis a’ mhaide thubhairt e: “So dùsgadh na dunachd,” “Stad, stad, a dhroch dhuine,” thubhairt Màiri, “gu faigheadh tu biadh.”
“Dé dh’ fhóghnadh dhut féin ’s do d’ bhuidheann gu léir, nach fhóghnadh dhomh fhéin car aon oidhche?” thubhairt Uilleam.
“Sòbhraichean chreag ’s bàirnich nan leachd, uisge teth is deanndagan,” fhreagair Màiri. Fhuair Màiri an uairsin bowla agus chuir i beagan min-chorca ann agus dh’ fhàg i ri taobh an teine e. “Fàg sud gus an tig mi ás an tobair,” ars ise ri Uilleam. Ach fhad ’s a bha i anns an tobair lìon Uilleam suas am bowla leis a’ mhin cho cruaidh agus a ghabhadh e. An uair a thill ise rug i air a’ bhowla agus thubhairt i: “Cha chreid mi fhéin nach do dh’ fhàs so mór bho dh’ fhalbh mi.” “O, nam biodh tusa ’na do bhean chòir,” arsa Uilleam, “bhiodh do chuid ag at mu do làmhan an còmhnuidh.”
Chuir Màiri an sin ceann agus casan beathaich air an teine ann an preis. Nuair a bha iad bruich dh’ fhaighnich Uilleam dhi: “Dé do chuid fhéin dhe ’n so? “Tha,” arsa ise, “ochd ingeanan nan dùirn agus ceithir speir luirgnean; dé do chuid fhéin dhe?” arsa Uilleam, “na bheir mi mach dhomh fhéin le aon rann, sùil, bus agus eanchainn, dà chluais o bhun nan stùic, fear cumail a’ chinn, àrd labhradh a’ chlagainn.” Mar sin fhuair Uilleam a’ chuid a b’ fheàrr dha féin agus cha robh aig Màiri ach cnàmhan.
Dh’ fhalbh Uilleam ás tigh Màiri ás déidh sin agus chaidh e do thigh nàbaidh. Dh’ fhaighnich iad dheth an uair a chaidh e a-steach càite[360]
Thill Uilleam a rithist do thigh Màiri agus dé a bha i ag ithe ach buntàta pronn is bainne. “Is uaigneach a chriomas tu,” arsa Uilleam“ ’s trom an luchd a th’ air a’ chois chaoil” (cas na spàine). “Is fhasa teàrnadh na dìreadh,” arsa ise, “chan eil an t-slighe ach goirid, chan e m’ éirig a cheannaich mi. ’S ioma fear a cheannaich nach do phàigh.” “Maoidh sin air an fhear a dh’ith do chuid,” arsa Uilleam. “ ’S e bàrd a b’ athair dhut,” arsa Màiri. “Cha b’ àrd na ìosal e,” arsa Uilleam, “ach bha e anns an mheud mheadhonach.”
title | Tigh Màiri an Doichill |
internal date | 1962.0 |
display date | 1962 |
publication date | 1962 |
level | |
reference template | Iain Eardsaidh Moireasdan in Gairm 40 %p |
parent text | Gairm 40 |