[362]

Giuthas Albainn

ALASDAIR I. MACILLLEMHAOIL

THA iomadh seòrsa giuthais rim faighinn sna coilltean air feadh an t-saoghail, achnar dùthaich fhéinse giuthas Albainn, no giuthas nam mórshliabh, an t-aon diubh a chinn gu nàdurrach. ’Se so achraobh bu bhitheanta anns achoille mhóir a bha san t-sean aimsir adlùth chòmhdach na tìre, eadar Gleann Lìobhann is Raineach gu ruige srathan Chataibh san taobh tuath, agus an ear gu crìochan Bhràigh Mhàirr. An diugh tha móran den fhonn so fo mhòine, ach gheibhear fhathast bunan móra san riasg, far an robh uaireigin craobhan maiseach, an cinn ris na h-àrdaibh.

Tha am fiodh so fìor bhuan agus nuair a bhatar atoirt amhullaich bho sean Chaisteil Caol-a- Chùirn tha e air innseadh gun dfhuaireadh sailean giuthais a bha cho slàn, fallains a bha iad nuair a chuir na saoirnan àite iad, trì cheud bliadhna roimhe sin.

Tha iomradh cuideachd gum bitheadh iasgairean Loch Bhraoin adeanamh sìoman den rùsg. Agus nach ann le clàraibh giuthais a chòmhdaicheadh ùrlar teampall Sholaimh. Gun teagamh cha be giuthas Albainn a bha so.

Anns an Fhraing bha mòr spéis aca don chraoibh, agus aig an àm san robh an Naomh Màrtainn (337-400 A.D. ) acur caisg air saobhchreidimh a-measg an t-sluaigh, rùnaich e gun gearradh e sìos na doirean giuthais far an robh adhradh air a dhèanamh. Co-dhiù rinn sluagh connspaid cho mórna aghaidhs gum bfheudar dha na craobhan fhàgailnan seasamh.

Ann an cuid de bhailtean beaga iomallach saGhearmailte bha ena chleachdadh aig an òigridh, an àm féisdean àraidh, danns a dhèanamh mun cuairt craoibhe giuthais, agus laoidhean a sheinn nach buineadh idir don Chreidimh Chrìosdaidh. Bha achraobh cuideachd air a sgeadachadh le coinnlean, flùran, ùbhlan agus liùghagan. Bha iad den bheachd gu robh spiorad beò a-measg nam meanglan a bheireadh dhaibh gach miann a lùigeadh iad san dol mun cuairt.

Se so toiseach cleachdaidh an latha an diugh ann a bhith asgeadachadh na craoibhe-Nollaig le tiodhlacan don chloinn, agus tha an Naomh Neacail agabhail àite seann spioraid na craoibhe.

Ann a Ruisia ma thuiteas craobh ghiuthais fo neart na gaoithe, cha reicear am fiodh idir, ach bheirear e mar thiodhlac don Eaglais. Co-dhiù be sin an cleachdadh roimhe so.

Se craobh-dhuircein a tha anns aghiuthas, maille ris an spruis, làrag, an seudar is iomadh seòrsa giuthais eile. Ruigidh i mu cheud troigh an àirde agus còrr is dusan troigh timcheall a bun. Tha dearbhadh air gu seas i tuilleadh is trì cheud bliadhna. Ach mar as tric gearrar sìos i nuair a ruigeas i na leth-cheud bliadhna. Tha na craobhan òga air an curnan grunnan dlùth air achéile, oir mar sin fàsaidh iad dìreach suas gun fhiaradh o thaobh seach taobh. Far am faic sibh aon leatha fhéin air fonn fosgailte tha i fàs càm, snaimeach agus air bheag fheum an obair saoirsinneachd.

[363]
[364]

Chan eil achraobh atilgeadh a duillich ri tìm agheamhraidh mar tha achuid mhór de chraobhan eile. Tuitidh iad aig ceann gach dara bliadhna, ach aig acheart àm than duilleach ùr deiseil, agus mar sin chan eil na meanglain lom aig àm sam bith.

Tha e furasda eadardhealachadh a chur eadar giuthas Albainn agus giuthas eile, le beachdachadh gu math air cumadh na duilleig. Air achraobh dhùthchasach tha i sona càraid chaola, ceangailte ri chéile aig am bun, agus mu thrì òirlich air fad.

Gheibhear sheòrsa dhuircein air gach craobh, cuid dhiubh fireann agus cuid eile boireann. Tha an fheadhainn fhireann mu chairteal òirlich air fad, agus is annta sin tha amheanbh-mhin bhuidhe(pollen)a chithear saChéitean air gach lòn-uisge an cois na coille.

Tha na duircein bhoireann nas motha, air chumadh uighe, agus mar as tric tha trì anns gach cròilean. Tha fras na craoibhe annta so, agus bheir e còrr is bliadhna rig abachadh. Aig toiseach an t-samhraidh, nuair tha gaoth is grian fàbharach, fosglaidh lannan gach duircein. Sguabaidh an osag amheanbh-mhin bhon fhlùr fhireann, còmhdaichidh e an sìol a tha nis abaich, agus a bhios air a sgapadh thalls a-bhos leis aghaoith.

Tha gach gràinne sìl air uidheamachadh airson an turuis le sgiath bheag thana, agus gach smùirneanpollencuideachd le bhalgga aotromachadh.

Chuir na coilltean farsaing giuthais gu mór ri adhartas is beairteas dùthchannan ceann-a- tuath na Roinn EòrpaNiorbhaidh, An t-Suain, Ruisia, is Suómaidh no Finland. Tha sin gu h-àraidh fìor mu Ruisia far a bheil gach dìcheall air a dhèanamh gus nach tig lasachadh air cur is togail nan craobh.

Is ann ás na dùthchannan sin a bha Breatainn atoirt, uaireigin, achuid bu mhotha den fhiodh so, ach an diughse giuthas á Canada is ás na Stàitean Aonaichte a tha leasachadh na gheibhear againn fhéin.

Leis an adhartas a rinneadh an togail thighean o chionn ghoirid, faodaidh sinn a bhith cinnteach gum bi giuthas air a mheas nas prìseil na bha e riamh roimhe.

Tha Luchd Ughdarrais nan Coilltean glé fhurachail mun chùis so, agus chan eil dearmadga dhèanamh air a bhith leudachadhs agleidheadh Giuthas nam Mór-shliabh.

titleGiuthas Albainn
internal date1962.0
display date1962
publication date1962
level
reference template

Alasdair I. Mac’IlleMhaoil in Gairm 40 %p

parent textGairm 40
<< please select a word
<< please select a page