[366]

An Dudach

ANNA FHRISEAL

THA i an crochadhna h-àite àbhaisteach. Agus, gach uair a chì mi i, bheir i gu geurnam chuimhne mar a thachairrud air an cuala sibh iomradh ged nach do thuig sibh brìgh an t-seanachais. Ach bhon a chaochail mathairs dòcha gu faod mi an sgialachd ìnnse gun dragh a chur air duine sam bith, ged a tha fios is cìnnt agam nach creid amhórchuid mi, na bu mhotha na chreid iad aig an àm.

Bha mathair anns amhonadh an ud acur ribeachan, an-uair a thàinig e a-steach air gu robh rudeigin neo-àbhaisteach mu aodann creige thall muchoinneamh. Aig bun na creige bha na drisean agus an raineach afàs cho dùmhails a bha iad riamh, ach, os an cionn, bha sgoltadh anns achreig nach bàbhaist a bhith ìnnte. Air éiginn, rinn e a rathad a-steach troimh na drisean is eile, agus a-steach gun deach e do uaimhe àird fharsainn.

An toiseach, cha burrainn dha móran fhaicinn, ach air dha a shùilean fàs cleachdte ris an doilleireachd, nach ann a chunnaic e rud a theab a chur á cochull a chridhe. Bha e an impis teiche le bheatha an-uair a chunnaic e rudeigin eiledùdach an crochadh aig bial na h-uamha. Gu h-obann chaill e buileach glan an t-eagal a ghabh e roimh na cruthan móra, gach aon air uilinn, aspleuchadh air gun ghluasadiad fhéins an coin phabach mhóra mun casan cho stòlda ris na closaichean fhéin. Ghrad thuig mathair gu robh fa chomhair fuasgladh na seann sgeòil. Bha an Fhéinn an sud, an suain fo na seann gheasaibh.

Rug mathair air an dùdaich! Shéid e aon uair i. Shéid e uair i. Ach gun bhuil. Ar leis gu robh tiamhaidheachd is briseadh dùil an déidh nochdadh anns na sùilean móra a bhaga dhùr choimhead. Dhfhiach e le uile neart aon uair eile, agus, air an treas ionnsaigh thug e buaidh, agus an-uair a lìon fuaim na dùdaich an uamh feuch gach uile chruthna dhuine a rithist agus na coin aruith gu sona a-nulls a-nall.

Thòisich othail ris am bfhiach othail a ràdha. Tabhanadh nan con. Na daoine adùmhlachadh timcheall air mathair, abreith air làimh airsan agus air a chéile, abruidhinn mar nach sguireadh iad a chaoidh, gun sùil ri freagairt.

Bha dithis co-dhiùbh aig nach robh gnothaich mór ris an othail. Air an dara fear, bha coltas gruamach, -gheanail, a thug air mathair smaoineachadh gum be so Conan, “Aimlisg na Féinne.” Air an fhear eile, bha coltas ùghdarrais shèimh, ’ga chomharrachadh, ar le mathair, mar Fhionn fhéin. Agus sin mar a bhà, mar a chaidh a dhearbhadh an-uair a chuir an duine so e fhéin agus a chompanaich an aithne do mathair.

Cha do chuir e iongnadh sam bith air mathair na coigrich a bhith meirgeach ròcanachnan cainnt an toiseach, agus cha bfhada, co-dhiùbh, gus an robh na facail aruith gu siùbhlach. Agus ged nach cualas a leithid sud de Ghàidhlig bho chionn mìle bliadhna bha i so-thuigsinn do mathair gun spàirn mhór sam bith.


[367]

Sin, matà, mar a thàinig thugainne gu Sealladh-cùil aoighean cho annasach agus a bha riamh againn. Cha mhór nach robh mo mhàthair bhochd gun bhial gun teanga air dhi fhaicinn mar a bha an teaghlach air meudachadh. Ach air dhi a bhith tùrail, ìnnleachdach, chaidh aice air dhòigh air choreigin air suipeir fhoghainteach ullachadh. Gu fortanach bha an t-sloc bhuntàta làn, agus ged a bha e follaiseach nach baithne do na coigrich buntàta no tea no iomadh rud eile a fhuair iad againne, ghabh iad ris a h-uile dad mar an tuagh ris an t-samhaich cheart. Bha eadhoin Conan gruamach agabhail air gu robh a h-uile dad ra thoil.

An déidh achiad fheasgair ud, cha robh an imcheist bu lugha air mo mhàthair a thaobh na dhitheamaid. Cha robh aphoit riamh gun na chumadh i de choineanan, no de iasg, no de eòin seilge, agus, air uairibh, sitheann-féidh nach dfhuarar le cead an uachdarain tha eagal orm! Agus gu an t-iongnadh? Nach bainmeil na sealgairean an Fhéinn riamh gun tighinn air an cuid chon. Be na féidh fhéin na creutairean air am beòlaiche iad, oir be na tuirc-allaidh agus na madail-guil air am bu trice am biodh iad an tòir rin ciad làithean.

Leis gu robh tigh cuimseach mór againn cha robh sinn gann de sheòmraichean cadail, ach bu léir nach deanadh na leapaichean feum sam bith do dhaoine cho luirgneach sud, agus bfheudar dhaibh cadal air an làr. Bu chùis nàire sin do mo mhàthair gus an do ghabh i thuice fhéin gum bu dual dhaibh cadal air an làr an a bfheàrr a bha iad.

Leis an fhìrinn ìnnse, nan ciad oidhcheannan ud, bha an aglasadh mus deachaidh neach fo na cabair againn a chadal air leabaidh no air làr, oir bha na h-uiread ra ràdha agus bha ceistean agus freagairtean adol air aiss air adhart bho thaobh gu taobh.

Chuir mathair tombaca agus uisge-beatha an aithne do na coigrich, agus bu taitneach am faicinn, casan sìnte a-mach, pìob anns gach bial, agus gloinne dheisearach anns gach làimh, air an socair gu buileach glan. Cha robh iad riamh sgìth a dhéisdeachd ris a h-uile dad a burrainn dhuinn ìnnse mu na lìnntean eadar an cur fo gheasaibh agus am fuasgladh. A chionn gu robh mu ochd lìnntean diag ann, bha iad cho fad air chùl na naidheachd agus gum bu neònach mura maireadh an aithris iomadh uair dhuinn.

Be sinne a bha fo gheasaibh agus sinn ag éisdeachd rin seanachas-san mu na làithean gaisgeil a dhaom cho fad air ais. Chuala sinn mun draoidheachd chumhachdaich leis an do chaochladh iad ann am prioba na sùla bho laoich bheòthail an tréine an neairt gu sgoinn mharbhanta. Ach cha dfhuair sinn riamh a-mach carson a thachair sin.

Chuala sinn mun oillteil air an tainig, don uamha, an duine nach do shéid an dùdach ach uair. Shéid e aon uair agus dhfhosgail an sùilean. Shéid e an dara uair agus ghluais iad deiseil gus éirigh cho luaths a shéideadh e an treasa srann. Ach, an àite séideadh, nach ann a ghabh e an t-eagal agus a-mach leisna dheann afàgail na Féinne air h-uilinn. Dhfhàgadh iad mar sin na bu mhiosa na bha iad riamh.

Labhradh Fionn gu tric mu a mhac, Oisean, nach robh còmhla ri càch an-uair a bhuail an tubaist iad. Dhìnnseamaid dha na burrainn dhuinn, eadar mhath is dona, agus tha cuimhne agam cho muladach


[368]s a bha e an-uair a chuala e cho -shonas a bha Oisean mun do chaochail e, bochd, dall, aonaranach, aosda.

Leis na sgialachdan a bha adol, chuireadh seachad na feasgair gu luath, taitneach. Coltach ri mathair bha Gàidhlig na Féinne so-thuigsinn dom mhàthairs dhomh fhéin cuideachd. Feumaidh nach eil atharrachadh cho mór anns achainnts a tha anns an litreachas troimh na linntean.

Bhiodh ceòl againn cuideachd. Sheinneadh iad òrain mhórafeadhainn a baithne dhuinn agus feadhainn nach baithne. Agus bha iad teòma fa leth air cluiche na clàrsaich, agus aig ar céilidhean feasgair rachadh i mun cuairt bho làimh gu làimh. Agus an réidio! Cha leig mi leas ìnnse an t-iongnadh a chuir e orra achiad turus a chuala iad e.

Fad an t-siubhail bha an dùdach an crochadh os cionn an teallaich, le coltas grinn oirre bho chuir mo mhàthair gleansa aisde.

Bha iadnan cuideachadh mór do mathair an obair an earraich a bha air deireadh ri lìnn droch thìde agheamhraidh.

Sin mar a chuir iad seachad an tìdeag obairs asealg fad an , ’s acòmhradhs aceòl fad na h-oidhche. An toiseach, co-dhiùbh. Ach chaidh an naidheachd fad is farsainn gu robh creutairean annasach afuireach còmhla ruinn, agus shaoileadh sibh gun do chrom leth an t-saoghail òirnn. Thàinig feadhainn bhon Bh.B. C. agus feadhainn bho S.T. V. Thàinig fir naidheachd, fir dhealbh, fir ealain agus fir fanaid. Agus cha robh aon seach aon aca cìnnteach an e cùis mhìorbhuil a bha fon comhair no an robh cuideigin atarraing an coise.

Thainig Fred MacAmhlaidh agus rinneadhClàir ás gach Ceàrnnach cualas riamh a leithid. Ach besan an aon fhear ris an do ghabh iad, oir treuns ged a bha ar n-aoighean cha robh iad ach fiata fhathast a-measg choigreach. Mar sin theicheadh iad bhon mhór-chuid. Bu bheag orra, gu h-àraidh, luchd togail dhealbham beachd, ’s dòcha, gur e draoidheachd air choreigin a bha fa-near dhoibh. a bhann dhfhàs Conan cho searbh den ghnothaichs gun do rug e air fear camara agus thilg e e fhéin agusinneal do dhallt còmhla! Sin mar nach fhaca sibh dealbh dhiubh riamh, ged a bha feadhainn ag ràdha gun do thog iad dealbhannan agus nach tainig iad riamh a-mach.

Thòisich an spòrs an-uair a thòisich na Geamachan thalls a-bhos, oir cha robh dad a bfheàrr a chòrdadh riutha na bhith afaicinn dhaoine móra tomadach aruiths aleums atilgeil chabar mar a bha iad rin ciad chuimhne fhéin. Thòisich iad fhéin afiachainn. Agus biad fhéin a bha ealanta anns gach seòrsa lùth-chleas. Air mo thaobh-bhòrd tha cuachan agam fhathast a choisinn iad.

Thàinig am foghar, agus, aig toiseach an Dàmhair, am Mòd Nàiseanta. Thàrlas gum bann am Baile-Chaolais, glé dheiseil dhuinn, a chumadh e abhliadhna ud. Leis gu robh an teaghlach againn fhéinnar buill den Chomunn Ghaidhealach, bha còir againn air an fhurmailt a thugadh le Pròbhaist Bhaile-Chaolais a fhrithealadh. Ach, gun sinne iarraidh, thugadh cuireadh do ar n-aoighean cuideachd.

Bha iad uile an làn dheise Ghaidhealaich, agus air dhoibh a dhol a-steach don t-seòmar thosdaich a h-uile duine. Agus bu bheag an


[369] t-iongnadh. Bha am fear bu lugha aca ochd troighean a dhàirde le giùlan gaisgeil a réir sin.

Chaidh leigeil leotha a dhol a-steach airson nan comh-fharpaisean, ged nach do chuir iad an ainmean a-steach don oifis, seach gur h-e coigrich a bhannta, oir bha daoine agabhail riutha a nise ged nach robh aon duine anns an rìoghachd ach sinn fhéin a bha acreidsinn iad. Rinn iad sguabadh uabhasach an comh-fharpuis an Orain Mhóir agus anns achomh-fharpuis airson òrain nach robh riamh roimhe an clò. Chaidh iad chun nan céilidhean agus chun nan cuirmean, agus chòrd an t-seachdain glan riutha ged a bha e acur iongnaidh orra cho tearcs a bhathas acleachdadh na Gàidhlige.

An déidh aMhòid chaidh an ùine seachad gu sìtheil airson greis, ach cha do lean cùisean mar sin fada.

Beag air bheag, bhuail e òirnn gu robh rudeigin ceàrr air ar n-aoighean. Chan eil e furasda a chur an céill gu a bhann, achs ann a bha tuar leth-chadalach atighinn orra, tuar eadar-dhealaichte bhon bheòthas a bha annta a cheana. Agus, mar a chaidh na làithean seachad, bu tric a gheibheadh achadalachd làmh an uachdair, ionnas agus gun gabhadh iad norrag eadhoin an teas mheadhon ràdha. Thàinig achuis gu aon-cheann beagan roimhn Nollaig. a bhann, cha do thìll iad o chuairt-seilge. Ach, gus an tàinig an dorchadas, cha robh sinn ro iomagaineach; bha iad eòlach air na monaidhean a nise, agus bha na coin leotha co-dhiùbh.

Ach, air acheann thall, chaidh mathair a-machgan iarraidh.

Thug rudeigin air dèanamh air an uamha far an do thachair e an toiseach orra.

Bha iad an sin! Agus na coin aig an casan, dìreach mar a bha iad achiad turus a chunnaic e riamh iad, air an sìneadh a-mach gu socrach an àite a bhith air an uilnean. Bu léir dha gu robh iad air tuiteam, air adhbhar air choreigin, fo na seann gheasaibh a rithist.

an déidh , dhfhiach mathair ri an ath-bheothachadh leis an dùdaich, ach ged bu léir dha nach robh iad cho tromnan cadals a bha iad roimhe, cha deachaidh leis. Mar sin, le cridhe trom, mu dheireadh thall, dhùin e an uamha le clachan móra, ach afàgail beàrna an suds an so troimh an faigheadh aghaoth.

Tha mathair a nise marbh, agus chan eil cuimhne aig móran air nastrainnsearan,” mar a theirte riutha, a thàinig uair gu Sealladh-cùil. Ma throgras sibh faodaidh sibh sùil a thoirt air ais air na paipearan a thug iomradh orra aig an àm, cuid dhiubh le fanaid. Ach is ann agamsa a tha an aon dearbhadh. Tha an dùdach an sud fhathast mar a lìomh mo mhàthair i, os cionn an teine, agus, aige tha fios, ’s dòcha gun séid mi i de na làithean gun fhios a thachras.

[Sanas]

titleAn Dudach
internal date1962.0
display date1962
publication date1962
level
reference template

Anna Fhriseal in Gairm 40 %p

parent textGairm 40
<< please select a word
<< please select a page