[374]

A’ Ghloinne

Le IAIN MAC A’ GHOBHAINN

BHA Coinneach ’na shuidhe aig bòrd an tigh-òsd ’na aonar ’s e a’ coimhead aodann geal deàlrach an T.V. a bha mar ghréin air fàsach gainmhich. Air a bheulaibh bha gloine dhubh phortair. Air cùl a’ chunntair chunnaic e ceann maol os cionn paipear ’s air cùl a’ chinn botail uaine ’s bhuidhe ’s ghorma. Mu choinneamh an T.V. bha sgàthan mór anns am faiceadh e an aon sgeulachd a’ dol air adhart. Sheall e sìos ris a’ bhòrd. An dùil am biodh i fada gun tighinn? Mar a b’ àbhaist bha esan leth-uair a thìde air thoiseach oirre. Cha robh fhios aig’ air ainm an dealbh-chluich a bh’ air an T.V. ach co-dhiùbh bha shùil air, oir bha e faireachdainn -chomhfhurtail ’na aonar aig a’ bhòrd. Ann an trì-chairteal na h-uarach thigeadh i steach, a ceann mar òr, ’s thogadh e a shùilean an ceann greiseig ’s leigeadh e air nach robh i fadalach idir.

bhòrd air falbh bhuaidhe bha triùir còmhla, ’s cha robh ’n còrr anns an tigh-òsda aig an àm. B’ ann le fear aca a bha an tigh-òsdaduine àrd a bha a’ fàs rudeigin crùbach, aodann dearg mar leóbag le cus deocha, is shaoileadh tu gu robh e sealltainn troimh cheò. Bha a làmhan air chrith an uair a thogadh e gloine gu a bheul. Còmhla ris bha a bhean, àrd bhàn gu math na b’ òige na e fhéin. Bha ise a’ sealltainn mar gum b’ ann a-mach á nèamh shoilleir anns an robh i mar rionnag òir. Bha i bruidhinn ris an treas duine, fear àrd tapaidh le aodach dubh, léine gheal, ’s aodann chiùin. Is bha a shùilean-san mar gum b’ ann a’ sealltainn troimh ghàire a bha air a bhith ann o thoiseach an t-saoghail. Air a làimh dheis bha fàinne mhór dhearg.

Bha a shùilean fhéin air an TV ach bha e a’ sealltainn riutha air fàth aig amannan. B’ e Seonag ainm a’ bhoireannaich, Uilleam ainm a céile agus Tormod ainm an fhir eile. Bha e àrd anns a’ pholas. Air an TV bha an dealbh-chluich a’ dol air adhart ’s chual e ’n dràsd ’s a rithist facal no dhà:

“I tell you I’m leaving,” ars an duine ’s e tionndadh aig an dorus.

“Who’s stopping you?” ars am boireannach ’s i ’na suidhe air cathair air beulaibh sgàthain, a’ cìreadh a cinn.

Mhothaich e gu robh Ruaraidh air am paipear a chur sìos ’s e coimhead an TV.

Tha sinn a’ dol a-mach airson mionaid,” arsa Seonag ri a céile.

Ceart gu leòr,” ars esan ’s e gàireachdainn. Cha do sheall Ruaraidh a-null.

Cha bhi sinn fada,” arsa Tormod ’s e a’ gàireachdainn ’s a làmh air gualainn Uilleim. Bha e na b’ àirde na Uilleam.

Thug i a còta bho ’n chathair ’s dh’ fhalbh iad. Thug Uilleam sùil as an déidh ’s thog e ghloinne leis an uisge-beatha bho ’n bhòrd, a dòrtadh beagan dhith ged a bha a dhà làimh timcheall oirre.

“Two years of this,” arsa fear an TV. “Two years.”

“You know what to do about it,” ars ise ’s i a’ tionndadh air falbh ’s a’ togail paipear. Bha e fhathast ’na stad aig an dorus.

“I .... I .... If only I could leave you!” Bhuail e a làmh air a’ bhalla ’s thainig gàire gu a h-aodann mar sholus a’ lasadh sìos a chnàimh.


[375]

“I thought you said you were,” fhreagair i, a’ tionndadh duilleig. “I thought you couldn’t put up with my–corruption!”

Chaidh Uilleam a-null chun a’ chunntair.

Thug Ruaraidh a shùilean bho ’n TV ’s lìon e gloinne uisge-beatha. Sheas Uilleam aig a’ chunntair a’ sealltainn ris an TV. Chan eil fhios an robh an sgeulachd ’na cheann mar fhras shneachda no theine.

Thainig an duine null thuice.

“I loved you,” ars esan, “I .... God forgive me” (thòisich i gàireachdainn) “I thought you were .... what you aren’t. I still .... No, I don’t love you. But .... It’s impossible to live like this.”

“For you, perhaps.”

“For both of us.”

“I’m quite happy,” ars ise.

“The trouble is, you never wanted children, did you?”

“Children,” ars ise. “All that sentimental stuff. The little golden heads! Don’t make me laugh.”

“Stop it!” dh’ éigh e. Sheall e rithe is stad i gàireachdainn.

Bha làmh Uilleim timcheall air a’ ghloinne. Cha robh e air òl boinneag de ’n uisge-beatha. Ann an ceann ùine mar gum biodh e a’ dùsgadh á bruadair thubhairt e Coinneach.

Am faic thu sin ceart gu leòr?”

Chì, tapadh leibh,” arsa esan. Thionndaidh Uilleam air falbh ’s cha dubhairt e ’n còrr. Bha na cuislean air cùl a làimh mar ròpaichean gorma.


[376]

“Now I’ll tell you something,” ars ise “Do you think you’ve ever made me happy? Do you? Well, I’ll tell you something. You couldn’t ....”

“Shut up!”

“I won’t shut up. I’m tired of this. Why do you think I go out with other men? You haven’t enough courage to ....”

Bha e ’g a coimhead ach cha dubhairt e smid. Chuala Coinneach dorus a’ fosgladh ach cha b’ e ise a bh’ ann. ’S e bh’ ann Seonag is Tormod. Stad iad a’ coimhead Uilleim, ’s anns an t-sàmhachd chuala iad uile fear an TV a’ bruidhinn mar gum b’ ann á saoghal leis fhéin nach ruig duine a chaoidh gus am bi a spiorad a’ bàsachadh, ’s an t-solus mu deireadh a’ dol ás.

“I’m leaving you,” ars esan ’s e a’ bruidhinn cho slaodach ’s gu saoileadh duine gu robh e ’g éisdeachd ri a ghuth fhéin. “I’m leaving you because you are incapable of love. You think because you are someone’s .... mistress .... that you understand what love is. To be in love is to die daily unless your loved one is safe and happy. You want to keep her with you forever in case she stumbles by accident or the universe is plotting to destroy her. To be in love is to die of devils and angels because someone else moves within you, forever. But I’ve had enough of carrying these devils about with me. I cannot bear any more.”

Dhùin e ’n dorus ás a dhéidh, ’s ruith i chun an doruis. Dìreach an uair a rinn i sin chunnaic Coinneach a’ ghloinne uisge-beatha a’ bualadh an TV ’s a’ briseadh ’na pìosan, ’s an t-uisge-beatha a’ dòrtadh chun a’ làir mar gum biodh rudeigin a’ sileadh dheur. Thionndaidh Uilleam air falbh bho ’n chunntair mar duine ann am bruadair ’s chaidh e chun an doruis ’ga shlaodadh ás a dhéidh. Ruith ise chun an doruis ach stad i letheach-slighe. Dìreach anns a’ mhionaid sin fhéin dh’ fhosgail an dorus ’s thàinig i steacha’ nighean ris an robh Coinneach a’ feitheamh. Bha i fichead mionaid fadalach. Sheall i timcheall oirre airson mionaid no dhà ach mu dheireadh choisich i null far an robh e, a falt òr a’ deàrrsadh. Chaidh Coinneach a-null chun an TV a chuideachadh Ruaraidh na pìosan gloinne a thogail bho ’n làr, ’s an t-uisge-beatha thiormachadh. Cha dubhairt aon duine aca smid ri chéile fhad ’s a bha iad a’ deanamh sin ’s cha do sheall iad ri aon duin’ eile a bha anns an rùm.

titleA’ Ghloinne
writersIan Crichton Smith
internal date1962.0
display date1962
publication date1962
level
reference template

Iain Mac a’ Ghobhainn in Gairm 40 %p

parent textGairm 40
<< please select a word
<< please select a page