[306]

Tigh-Tasgaidh Shrath-Nabhair

THA Eaglais na h-Alba an déidh aonta a thoirt do bhuidheann chileadairean, no trustees,eaglais aBhlàrain Odhair (Bettyhill) ann an Sgìre Fair, a chur gu feum mar thigh-tasgaidh. ’Se na cileadairean Iosaibh MacAoidh (Mealnis), aBhean-uasal Jessie Burr (de Chlannic Aoidh Scearaigh), Rob MacAoidh (Am Baile Ur), Seòras MacDhomhnaill (Clachan), Iain Coinneach MacAoidh (Crasg) Seòras Bell MacAoidh (Suardlaidh) agus Mànus MacAoidh (Cioriomaidh), agus chuir iad am fios so thugainn ag innse tha dàil aca a dhèanamh:

Tha dùil againn cunntas a ghleidheil air beatha an t-sluaigh a bha gabhail còmhnaidh ann an sgìrean Dhùirinis, Thunga agus Fair, anns an dùthaich air an robh Srath-Nabhair mar ainm o shean agus air a bheil an t-ainmDùthaichic Aoidhmar chuimhneachan air achinneadh aig a robh i mun do reiceadh an oighreachd beag air bheag. Ach chan e tigh-tasgaidh nach buin ach don chinneadh sin a tha fo ar n-aire idir.

Tionailidh sinn, is bheir sinn am follais, na rudan a bha ar sinnsirean acur gu feum: soithichean is àimeis tighe, uidheam airson tuathan.


[307]

Tigh-tasgaidh Shrath-Nabhair (faic an ath dhuilleag)

achais agus iasgaich, agus gu h-àraidh rudan a tha anochdadh ealain-ceàirde muinntir na dùthcha.

Bheir sinn am follais eiseimpleirean den litreachas a bhuineas dhuinn, bhon t-seachdamh linn deug gus an latha-an-diugh— ’nam measg dàintean a bhuineas do linntean nas fhaide ás. Bheir sinn iomradh air aphìobaireachd a shìolaich bho Dhòmhnall Mór MacCruimein, agus air na h-òrain a bhuineas don àite (oir be fear a mhuinntir na dùthcha so a chuir an clò achiad chruinneachadh de cheòl Gaidhealach).

Ni sinn cruinneachadh de dheilbh-camara de gach seòrsa togalaich is seud-chomharra anns an dùthaich.

Chan eil an sin ach pàirt de na bhios anns an tigh-thasgaidh. Faodaidh sluagh an àite nithean a thoirt seachad no rudan fhàgail ann air iasad: làmpa mheirgeach, spàin-fhiodha bhriste, uidheam airson càis a dhèanamh, no leathar a bha air a chleachdadh ann an aodach. Faodaidh na càirdean a tha thall thairis cuideachadh leinn. Bann an Alba Nuadh a chumadh air chuimhne bàrdachd cho drùidhteachs a thagainn air ioma-ruagaidh Shrath-Nabhair, agus bann an Astràilia a thog an rosg as sine a thagainn a cheann (chaidh a sgrìobhadh mun bhliadhna 1725). Tha fhios gun deach móran eile a sgapadh; dhfhaodadh gun tog pàirt dheth ceann fhathast.

Cha bhi e comasach dhuinn an tigh-tasgaidh fhosgladh am bliadhna. Tha beagan atharrachaidh ri dhèanamh ris an togalaich, agus chan eil math cus cabhaig a chur air obair achruinneachaidhs an rèiteachaidh. Ach bheir sinn deagh aire air sam bith a chuirearnar cùram, agus bithidh sinn fada an domain duine sam bith a bheir comhairle oirnn.”

titleTaigh-Tasgaidh Shrath-Nabhair
internal date1962.0
display date1962
publication date1962
level
reference template

Gairm 40 %p

parent textGairm 40
<< please select a word
<< please select a page