Dean Seanchas Air Bearnaraigh
PEIGI NIC’ILLEMHOIRE
AM Barra-glom an liteachain, an Circebost an làghain, ’s an t-Hàcleit nam bonnach móra.”
Cluinnear na facail sin tric ann am Beàrnaraigh, ach tha ceithir bailtean eile ann—Crodhair, Tòbsunn, Bhalasaigh agus Breacleit. Is e Breacleit àrd-bhaile an eilein, oir ’sann an sin a tha an sgoil, Oifis a’ Phuist, agus dà eaglais.
Iomadh bliadhna air ais bha eaglais ann an Circebost agus carson nach bitheadh? Tha an t-ainm a’ ciallachadh Baile na h-Eaglaise agus ged nach eil adhradh anns an eaglais sin an diugh bha latha eile aig fear na mòna. Tha ballachan na h-eaglaise a tha air an togail de ulpagan móra, ’nan seasamh fhathast, agus tha iad furasda am faicinn air tulach uaine os cionn na mara, aig ceann a deas a’ bhaile. Is e fear de shinnsearan Dhòmhnaill MhicAmhlaidh a bhios a’ sgrìobhadh ann an Gairm aon de na clachairean a thog an eaglais.
Glé fhaisg air an eaglais bha tigh-steallaidh, far an robhas a’ deanamh uisge-beatha a bha cho cumhachdach ’s gur gann a bha gloine dheth sìos air uglaichean duine an uair a bhiodh e a’ dol timcheall mar chaora leis an tuathallan.
Beagan shlatan bho’n tigh-steallaidh bha ceàrdach. Bha gobha an déidh gobhainn a’ tighinn, ach cha robh iad a’ fuireach fada oir bha bàs aithghearr a’ cur ás dhaibh uile. Cha robh sin idir cho iongantach oir b’ e an aon bhean a bha aca uile. Cha robh ann am bean a’ ghobhainn ach tomaraid bho Phiullaidh, gun chogais, gun nàire, le teanga cho geur ri deamhais air a h-ùr ghleusadh, a chuir an eitig ’na dòigh shlìogach fhéin anns a’ chiad triùir aig an robh i pòsda. Bha an ceathramh fear-posda ’na ghille-mo-ghnothaich na b’ fheàrr na bha i fhéin. Rinn esan a’ chùis oirre. Thug e oirre suidhe air an innean theth, agus fhuair i losgadh nach deach i os cionn.
Eadar eaglais, tigh-steallaidh, agus ceàrdach cha b’iongnadh ged a bha muinntir Chalanais air a’ chléibeadaich ag iarraidh a-null a Bheàrnaraigh a h-uile latha bha coinneamh anns an eaglais. Air Di-Sathuirne, cho luath ’s a bha càinealachadh an latha ann, bha clann-nighean Bheàrnaraigh air an casan a’ coimhead a-mach ach dé an coltas a bh’ air:
Seall a-mach eil frasan ann,
Seall a-mach a bheil e fuar
’S mo luaidh a’ tighinn á Calanais.
Air feasgar Di-Sathuirne, an déidh iad fhéin a spleocaigeadh (no sprocaigeadh!) bha gillean Chalanais aig a robh carabhaidhean ann am Beàmaraigh a’ gabhail an aiseig.
Bhiodh biadh deiseil aig a’ chlann-nighean dhaibh. Cha bu mhiarraidean balaich Chalanais idir, agus bu dheagh chaomh leotha biadh math a chuireadh smior-cailleach ’nan cnàmhan-droma. Dh’ itheadh iad a leòr de ’n t-suagaraid de mhin-eòma agus geir, a bha air a bhith
Air madainn na Sàbaid bha bodaich Chalanais agus an cuid mhnathan a’ gabhail an aiseig chon na h-eaglaise. Bhàtar a’ fàgail na cloinne aig an tigh, ach cha b’ ann gun rabhadh mu Dhi-luain a’ bhreabain.
Cha b’ ann falamh a bha bodaich Chalanais a’ tighinn ach le spliuchain làn thombaca. ’Sann dhaibh a b’ fhiach tighinn, oir ged a bhiodh an suidheachan cruaidh agus an t-searmoin tioram, bu shuarach aca oir bha duais mhath a’ feitheamh orra. An uair a sgaoileadh an eaglais bha adharc le uisge-beatha a’ feitheamh air a h-uile mac màthar a bha comasach air suap a dheanamh le tombaca. Chaidh sin air adhart airson iomadh bliadhna, ach chaidh an ceòl air feadh na fìdhle buileach nuair a thàinig Maighstir Uisdean ’na mhinistear do Sgìre Uige. Ged ’sann an Uig a bha Mgr. Uisdean a’ fuireach bha aige ri cumail coinneimh, air a’ cheathramh Sàbaid de ’n h-uile mìos, ann an eaglais Chirceboist.
Is e sabardach de dhuine mór a bha anns a’ mhinistear, agus cha robh e ’na dhroch fhear-teagaisg idir. Bheireadh e bragadaich gu leòr air a’ chùbaid, agus cha robh càil a dhìth cur-a- mach air—shearmonaicheadh e airson dà uair a thìde gun iaradh a dhol air a theanga. Bha e glé fhurasda eòlas a chur air, mar a fhuair an sgioba a bhiodh a’ toirt an aiseig dha a-mach. A’ chiad dhroch latha a thuit orra, eadar gaoth mhór agus droch mhuir, bha an sgiobadh air an clàbhadh leis an fhuachd, ach cha robh iad fada air falbh bho thìr an uair a chaidh Mgr. Uisdean air a ghorra-cnamh ’s dh’ fhosgail e a’ chiad bhotal. Chùm Mgr. Uisdean botal air a’ bhotal riutha gus an do ràinig iad Uig, agus drama mar a gheibheadh an sgiobadh theireadh fear thall agus a-bhos “Mà, b’ e thu fhéin am ministear.” Na creidibh gun do dh’fhàg Mgr. Uisdean e fhéin falamh.
Latha eile ann am meadhon an t-searmoin chualas fuaim neo-àbhaisteach a’ tighinn bho thaobh na mara. Dh’ iarr Mgr. Uisdean air fear de na bodaich a dhol a-mach a shealltainn dé a bha ceàrr. Thàinig fios a-steach gu robh na mucan biorach a’ dol seachad. Thug Mgr. Uisdean aon shùrdag chon an doruis ag éigheachd “A-mach leibh, gheibh sibh searmoin latha sam bith ach chan ann a h-uile latha a gheibh sibh mucan biorach.” Chaidh a h-uile càil bun-os-cionn. Bha a’ chàparaid a lean na bu mhiosa na ged a bhiodh dà fhichead cù Alsatian ann a splogain a chéile ach có aca a gheibheadh bìdeag de chaisean-uchd dó-bhliadhnach muilt.
Bha Mgr. Uisdean, mar a h-uile ministear eile, a’ cumail searmoin baistidh an dràsda agus a rithist. Aon latha bha aige ri ochdnar chloinne a bhaisteadh—seachdnar bhalach agus aon nighean. Bhaist e na balaich an toiseach, agus nuair a thainig e chon na h-ighinn thòisich e le “Tha mi ’gad bhaisteadh an ainm an Athar etc. ,” ach chrìochnaich e“ ’S cha bu dual dhut a bhith gun fhear.”
Tigh a’ Chaolais
An ceann ùine chaidh Mgr. Uisdean agus cuid de ’n t-sluagh a-mach air a chéile. Cha robh Mgr. Uisdean a’ smaoineachadh gu robh e a’ faighinn urram a dhreuchd. Is dòcha nach robh è. Cha do chùm e an comanachadh bho dhuine a riamh ach ’se dithis dhaoine ann a Sgìre Uige a chunnaic an ath mhinistear freagarrach airson suidhe aig Bòrd an Tighearna. Biodh sin mar a bhitheas e. Is e their mise, gur h-iomadh oidhche chridheil a chaidh a chur seachad ann an iomadh tigh ag éisdeachd ri Tormod Dhaibhidh (nach maireann) a’ deanamh seanchas air Mgr. Uisdean.
Chan eil fhios agam càite an deach Mgr. Uisdean nuair a dh’ fhàg e Uig, ach thàtar ag ràdh gur h-ann ás an Eilean Sgitheanach a thàinig e. Thàtar cuideachd ag radh gu robh e glé chàirdeach do Choinneach Stiùbhard aig an robh tuathanachas Hàcleit. Tha làn fhios agam gun tainig Coinneach Stiubhard ás an Eilean Sgitheanach aig deireadh an ochdamh linne deug. Gu cinnteach thàinig fear de chàirdean còmhla ris, agus ’se ministear a bha ann deth—an t-Urramach Uisdean MacLeòid. An e so Mgr. Uisdean?
Bha tigh Choinnich Stiùbhard ann an t-Hàcleit far a bheil tigh Sheòrais Chalum an Tàilleir an diugh. Bha Coinneach ’na thuathanach math agus phòs esan Màiri Nic a’ Ghobhainn á Iarsiadair. Bha teaghlach mór aca, ach cha do dh’fhuirich duine aca ann am Beàrnaraigh ach aon nighean do ’m b’ ainm Catrìona. B’ e so Catrìona Stiùbhard a phòs Iain Dòmhnallach a’ Chaolais. Bha so mu 1844. Thog Iain Dòmhnallach Tigh a’ Chaolais ann an Crodhair mun do
Bha Uilleam Black a sgrìobh an leabhar a’ fuireachd barrachd air aon uair ann an Tigh a’ Chaolais. ’Sann mu 1870, trì bliadhna mun deach an leabhar a chlo-bhualadh, a thug e an sgrìob mu dheireadh ann. Bha e glé dhuilich faighinn do ’n Chaolas, agus bha Uilleam Black fhéin ag ràdh gum b’ fhasa dha dhol guIceland . ’Sann airson “Thule,” seann ainmIcelandagus ann baile gus an latha-an-diugh ann tha an leabhar air ainmeachadh. Is e Bòstadh a tha a’ dol fo ainm “Borvabost” anns an leabhar. Bha Uilleam Black ann am Bòstadh iomadach uair. Bhiodh e a’ dol an cois clann-nighean Iain Dòmhnallaich a-null a Bhòstadh a shealltainn air Aonghus Màiri agus air Aonghus Buidhe.
Tha Tigh a’ Chaolais ’na sheasamh fhathast glé choltach ris mar a bhà e bho chionn ceud bliadhna—tha e ’na sheasamh aig beul Caolas Bheàrnaraigh Bhig ann an Crodhair, agus aig ceann an tighe tha rathad Bhòstaidh a’ dol chon na làimh chlì. ’Sann le Iain MacIomhair (Iain Thormoid Bhig) a tha an tigh an diugh.
Chan eil duine de shìol Iain Dòmhnallaich agus Catrìona Stiùbhard ann an Leódhus an diugh ach dà theaghlach de iar-oghaichean—teaghlach ann an Circebost agus teaghlach ann an Càrlabhagh.
Tha Iain Domhnallach fhéin, a bhean, agus ceathrar de ’n teaghlach air an tiodhlacadh anns an t-seapal ann an cladh Bheàrnaraigh Bhig. Tha an seann chladh so air creagan beaga os cionn na tràghad (Tràigh an Teampuill) far an robh Gealchos bho chionn iomadh bliadhna a’ cruinneachadh shligean. Air leabaidh am bàis bha a h-uile duine de chlann Iain Dòmhnallaich agus Catrìona Stiùbhard ag iarraidh air ais do Thigh a’ Chaolais far an do rugadh ’s an do thogadh iad. Mar sin, bho chionn trì bliadhna chaidh cuimhneachan airson an fheadhainn aca nach robh anns an t-seapal a chur air balla an t-seapail.
Bha aon fhear de na balaich ag iarraidh toll fhàgail ann am balla an t-seapail ach am biodh e a’ coimhead nan eathraichean a’ dol seachad:
Ged nach eil mi ’m Beàrnaraigh Bheag
Na creid nach eil e air m’ ùidh,
B’ fheàrr leam na m’ aghaidh ri teachd
A bhith coimhead nan clach anns an Stùigh.
Sin agaibh deireadh na sgeòil. Cha bu chòir dhuinn diomoladh a dheanamh air Sgitheanach sam bith. Na dìochuimhnichibh cho gasda ’s a bha iad ris a’ Phrionnsa, agus nach do ghabh duine aca an t-slighe ghoirid shalach airson an airgid. Tha ciabhag bhuidhe a’ Phrionnsa agus seacaid-bheag Fhionnghail NicDhòmhnaill ri am faicinn fhathast ann am broinn seotal gloine ann an Caisteal Dhun-Bheagain. Nach eil sin fhéin a’ sealltainn dhuinn cho dìleas agus a tha na Sgitheanaich?
title | Dèan Seanchas air Beàrnaraigh |
writers | Peggy MacMillan |
internal date | 1962.0 |
display date | 1962 |
publication date | 1962 |
level | |
reference template | Peigi Nic’IlleMhoire in Gairm 40 %p |
parent text | Gairm 40 |