Cha Robh Ailean Raimh Cho “Fut”
UISDEAN LAING (Astràilia)
LA na Bliadhn’ Uire ann am Baile na Staoine ann an Uibhist-a- deas agus b’ e sin a latha. Doineann a’ sguabadh an tughaidh o mhullach nan tighean le oiteagan fuar is fliuch o ’n àird an iar agus a’ cumail mu ’n cagailtean féin gillean gu leòr d’ am b’ àill a bhith tarraing a-mach a dh’ ionnsaigh tighean nan nàbaidhean airson a’ Bhliadhn’ Ur a chumail anns an dòigh àbhaisteach. Ach cha chuireadh droch shìde bacadh sam bith air an dithis thoirmeisg, Dòmhnall Croiseil agus Calum a’ Chinn Aotruim, nuair a rinn iad suas an inntinn gum biodh e cus na bu taitniche cuairt a ghabhail a-mach a rathad na crùbadh aig taobh an teine ’gan garadh fhéin agus ag éisdeachd ris a stoirm a’ gleadhraich ris an uinneig.
Nuair a chuir iad a’ cheist riu fhéin càit a rachadh iad, cha leigeadh iad a leas feitheamh fada airson freagairt. Ged a bha tigh ar seann charaid, Ailean Ròcaire, còrr is leth mhìle air falbh, cha robh fear sa’ bhaile cho aoidheil no cho càirdeil ri Ailean: bha a chòmhradh is a chomunn éibhinn gu leòr ged nach biodh latha féille idir ann, ach nuair a thigeadh a’ Bhliadhn’ Ur bha e cho ait ri seachd moncaidhean ann a fang dheargannan.
Nam bitheadh Gilleasbuig MacAnaoghais a’ céilidh air Ailean mar as tric a bhà e, bhitheadh ceòl, òrain agus sgaitearachd aca a bharrachd air cridhealas agus dibhearsain Ailein. Cha dìochuimhnich mi gu brath a bhith ag éisdeachd ri Ailean a’ seinn:
Tha mi fo chùram, fo mhóran cùram,
Tha mi fo chùram, o hiù o éile,
Tha mi fo ghruaimean ’s mi’n gaol air gruagaich,
Gur fhad o ’n uairsin,
’S cha chual i fhéin e.
Có nach bitheadh deònach tilleadh air ais an déidh a bhith ag éisdeachd ri Gilleasbuig a’ gabhail òrain no a’ trod ri nàbaidh mu dheighinn crodh a’ dol dh’ an arbhair, agus ag ràdh ris, mar a thubhairt e uaireigin, “Sin far a robh am pòr gu cumail crìche ’s gu leigeil chon.” Cha deach duine riamh a throd ri Gilleasbuig an dara turus.
Bha Gilleasbuig air falbh nuair a ràinig an dithis ghillean agus cha robh duine a-stigh ach Ailean is a bhean. Chaidh am botal mun cuairt trì no ceithir a thursan agus bha an còmhradh cho cridheil agus an ceòl-gàire cho binn ’s a mhiannaicheadh duine sam bith, ach cha robh Ailean cho òg no cho farumach ’s a b’ àbhaist dha bhith. Dh’ fhàs e glé sgìth agus mu dheireadh thuit e ’na chadal agus a dh’ aindeoin ùpraid agus innleachdan Chaluim agus Dhòmhnaill ag éigheach ’na
Cha deanadh so an gnothach ro fhada—chan e so a seòrsa Bliadhn’ Ur còmhla ri Ailean a bha ’nan dùil. Dh’ fheumadh iad smaointean air rudeigin eile na bu chridhealaiche na éisdeachd ri Ailean a’ sranndachd air a leaba agus a bhial fosgailte. Dé a b’ fheàrr na leigeil orra gu robh e ann an gréim tinneis cunnartach a chuireadh, is dòcha, crìoch air beatha an duine bhochd gu h-aithghearr? Mar sin b’ e an dleasdanas, a réir an gòraiche fhéin, brath a chur a dh’ ionnsaigh an t-sagairt agus an dotair iad a thighinn gun dàil, o chionn gu robh Ailean air laighe bhàis. Ach an ath smaointean dh’ aontaich iad gur h-e amaideachd an t-saoghail mhóir a bhitheadh ann brath a chur a dh’ ionnsaigh an dotair o chionn gu robh e deich mìle air falbh bhuapa. Bhiodh e glé chrosda nuair a gheibheadh e mach nach robh nì ceàrr air Ailean ach anachdair na Bliadhn’ Uire, agus bha eagal orra gun toireadh e orra cóig notaichean a phàidheadh dha airson a dhragh.
Ach ’se duine còir agus mathasach a bh’ ann am Maighstir Iain. Ged a chuireadh ballachd-bhùird nan gillean thar a dhòigh e, cha mhaireadh a chorraiche fada agus bha iad cinnteach nach iarradh e uiread is sgillinn bhuapa airson a thoirt a-mach ás an tigh ri leithid a latha. Bha fios aige nach robh móran is sgillinn aca co-dhiùbh eatorra. Thug cumhachd na deoch làidir misneachd dhaibh agus ann am mionaid no dhà bha teachdair òg (gille beag le Gilleasbuig) a’ ruith tarsainn an t sléibh gu tigh an t-sagairt, a’ guidh air tighinn gun dàil o chionn gu robh Ailean cho tinn.
Fhad ’s a bha na truillich a’ feitheamh ri Maighstir Iain, cha robh iad ’nan tàmh. Thog fear dhiubh bioran maide o ’n ùrlar agus chuir e ann am bial Ailein e mar a dheanadh dotair a’ tomhais teas cuirp, agus fhuair a fear eile pìos de shùgan coirce agus spàrr e aona cheann ann am brollach Ailein agus chuir e an ceann eile ri chluais fhéin a’ feuchainn neart cridhe an fhir a bha sìnte air a leabaidh. Bha an dithis aca a’ tòiseachadh air seann stocainn boireannaich a shuainteadh agus a theannachadh mu ghàirdean Ailein nuair a chual iad gnogadh aig an dorus. Gun teagamh ’se an sagart a bh’ ann—cha robh e ’na chleachdadh aig muinntir Bhaile na Staoine gnogadh aig dorsan trì fichead bliadhna air ais. Ann am prioba na sùile bha am bioran, a sùgan agus an treallaich eile air an caitheamh fo ’n bheinge agus chaidh na gillean fhéin air falach fo ’n leabaidh.
Dh’ fhosgail bean-an-tighe an dorus agus thainig Maighstir Iain a-stigh agus le ceum sìtheil chaidh e null gu taobh na leapa. A’ bruidhinn ri Ailean le guth sèimh agus ciùin, dh’ innis e dha cho duilich ’s a bha e fhaicinn cho tinn, dh’ earalaich e air gun e chall dòchas agus, làn de thruas agus de choibhneas, dh’ fhaighnich e “Ciamar a tha sibh a’ faireachadh a nis, Ailein?” Dh’ fhosgail Ailean a shùilean, choimhead e mu chuairt, agus anns a’ chainnt chalma làidir a bha e gnàthachadh fhreagair e “Cha robh mi riamh cho fut.” Chuir a freagradh fearail so a leithid a dh’ iongnadh air Maighstir Iain ’s gura gann a b’ urrainn dha bruidhinn, ach nuair a fhuair e anail air ais agus a thuig e mar a bha a’ chùis, bhiodh e duilich a chreidsinn gu robh sagart riamh cho “fut” —airson mort air a spot!
title | Cha Robh Ailean Riamh Cho “Fut.” |
internal date | 1962.0 |
display date | 1962 |
publication date | 1962 |
level | |
reference template | Uisdean Laing in Gairm 40 %p |
parent text | Gairm 40 |