Kierkegaard
Le IAIN MAC A’ GHOBHAINN
RUGADH am feallsanach Soren Kierkegaard ann sa’ bhliadhna 1813, an Copenhagen far na bhàsaich e nuair a bha e dà fhichead, ’s a dhà. Bha beagan airgid aige ’s mar sin chaith e a bheatha a’ sgrìobhadh, gun feum aige air obair eile a dhèanamh. Ann an dà bhliadhna dheug sgrìobh e fichead leabhar ’s a h-aon ’s dh’ fhàg e grunn mór phàipearan a chùl air a sin.
Tha ar linn fhìn a’ coimhead gur e feallsanach mór a bh’ ann de Khierkegaard, gidheadh feallsanach eu-coltach ri a roi-shealbhadairean, ach a-mhàin, ’s math dh’ fhaoite, Nietzche. Bha feallsanach mar Hegel a’ togail riaghailtean móra a dheanadh an saoghal air a thaobh a-muigh fhéin soilleir, ach cha b’ ann mar sin a bha Kierkegaard. Ma bha Hegel a’ déiligeadh ris an t-saoghal ar an taobh a-muigh, ’sann a bha Kierkegaard a’ déiligeadh gu tric ris an fheallsanach fhéin. Tha fhios againn bho Einstein gu feum sinn sin a dhèanamh agus ’se sin as coireach gu bheil barrachd a’ leughadh Kierkegaard an diugh na tha a’ leughadh Hegel.
Mar sin, bu chòir fios a bhith againn air beatha Khierkegaard ’s leis an fhìrinn innse bu chòir dhuinn an còmhnaidh sùil gheur a thoirt air an fheallsanach mus sgrùd sinn a chuid feallsanachd.
’Se duine crotach a bh’ ann de Khierkegaard ’s chan eil teagamh nach bu chòir dhuinn cuimhn’ a chumail air a sin. Nuair a bha pàipearan-naidheachd Chopenhagen a’ sàs ann, bha iad a’ tilgeil sin air.
Thachair aon deuchainn ri Kierkegaard ’na òige; is e sin gun cual e athair a’ mallachd Dhé, ’s bha e smaoineachadh a chaoidh gu robh mallachd air an teaghlach (mar a bh’ air taighean àraidh Greugach) air sgàth sin.
Thachair deuchainn eile ris cuideachd. Bha e dol a phòsadh nighean do ’m b’ ainm Regina, nighean a bha na b’ òige na e fhéin: rinn e cùmhnant rithe. Ach chaidh a’ chùmhnant a bhristeadh nuair a dhrùidh e air nach robh math dha pòsadh a chaoidh, oir dh’ aithnich e gu robh obair mhór mu choinneamh, a dh’ fheumadh a bhith dèanta ann an aonranachd. Ach bha e cho mothachail ’s gu robh e airson am pian a bheagachadh do Regina. ’S air an aobhar sin rinn e mach[104]
Duine mór-cheudfathach crotach ann am baile beag nach robh ga thuigsinn, b’ e sin Kierkegaard.
Bha feum air na facail ud a ràdh, ach a dh’ aindeoin cùis ’sann air feallsanachd a tha sinn a-mach agus mar sin bu chòir dhuinn a ràdh gur e an seòrsa feallsanachd a thug e am follais feallsanachd existential no feallsanachd a bha a’ tighinn beò anns an fheallsanach fhéin, no mar a their sinn“ ’Se an duine am feallsanachd”. Bhàsaich Socrates airson a cheistean ach cha do bhàsaich Kant no Hegel airson am feallsanachd fhéin. Carson a bhàsaicheadh? Cha robh iad fhéin ’na bhroinn. Cha robh Socrates ag agradh feallsanachd idir, agus mar sin tha Kierkegaard nas fhaisg air Socrates na tha e air Kant no Hegel, agus gu h-àraidh tha e nas fhaisg air fochaid Shocrates. Agus sin cuideachd a dh’ aindeoin na fìrinn so gur e pàganach a bh’ ann de Shocrates agus Crìosdaidh de Khierkegaard.
Anns an naoidheamh linn deug bha Crìosdalachd a’ fàs liberal,eadhon an Copenhagen.
Mhothaich Kierkegaard gu robh daoine dol do ’n eaglais ach leis an fhìrinn innse cha robh dragh aca, cha robh iad an teis-meadhon na cùise. Cha robh Crìosd ’nam beatha, no, ma bha, ’se Crìosd liberal a rinn iad dhaibh fhéin. Agus air sgàth sin bha iad a’ smaoineachadh gu robh Crìosdalachd reusonta. Thubhairt Kierkegaard riutha nach robh, bha e mì-reusonta no baoth no mar a their sinn anns a’ Bheurla absurd. “Cha ruig duine creideamh le reuson: agus ’se mearachd na h-eaglais gu robh i teagasg gu ruigeadh. Feumaidh an duine leum a dheanamh agus tha an leum sin duilich. Chan eil Crìosdalachd furasd. Ach airson ministearan Chopenhagen (’s cha b’ e iadsan ’nan aonar) bha e ro-fhurasd: ’s airson an coimhthionailean bha e ro-fhurasd cuideachd. Thubhairt Kierkegaard riutha gu feumadh iad an leum amaideach a dheanamh ach ma bha duine aca ga thuigsinn cha robh móran airson an deuchainn sin a ghiùlain.
Oir, arsa Kierkegaard, airson an leum a dhèanamh feumaidh iad neachan (no individuals) a dhèanamh dhiubh fhéin. ’Sann glé ainneamh a gheibh sinn neachan a-measg dhaoine. Tha chuid as motha de dhaoine làn de bharailean a tha iad ag òl á leabhraichean ’s nach buin[106]
Ach ciamar a nì duine neach dheth fhéin? Cha dèan gun phian, tha sin cinnteach. Nì e neach dheth fhéin le na taghaidhean a nì e. Tha againn ri taghaidhean a dhèanamh fad ar beatha (So no sin). A réir an taghaidh a nì sin, tha sinn gar dèanamh fhìn. Mura dèan sinn taghadh idir ’se taghadh a tha sin cuideachd. An fheadhainn nach dubhairt smid ás leth nan Iùdhach roimh ’n chogadh, rinn iadsan an taghadh: agus airson Pilate a’ nighe a làmhan bha e cho ciontach ri na h-Iùdhaich a cheus Iosa: nì sinn neachan dhinn fhìn le ar taghaidhean. Agus mar sin chunnaic Kierkegaard nach robh ministearan no coimhthionailean a thìm fhéin ’nan neachan oir cha do rinn iad taghadh idir. Dh’ fheumadh iad fhéin a bhith air a’ chrois, ma bha iad a’ dol a thaghadh Chrìosd. Cha dèanadh na bu lugha na sin a’ chùis. Bha e fhéin air a’ chrois fad a bheatha ach chan fhac’ e gu robh a ghibhtean spioradail fhéin mì-nàdurrach.
’Se an sgeulachd mhór a mhìnich Kierkegaard dhuinn sgeulachd Abraham is Isaac. Duine sam bith a leughas am mìneachadh so chan urrainn dhà gun aideachadh gu bheil e ann an làthair inntinn cho geur ’s a chaidh a bhuileachadh air an duine (no air an neach). Carson a thagh Kierkegaard an sgeulachd so? Ann an dòigh, nach do sheall Freud sin dhuinn, oir mar a bha Abraham a’ dol a dh’ ìobairt a mhic air beinn, nach ann mar sin, le bhith a’ mallachd Dhé, a dh’ ìobair athair KhierkegaardKierkegaard fhéin? Ach thagh e an sgeulachd sin, féin-fhiosrachadh, air an aobhar gur e sin an aon sgeulachd a sheallas dhuinn có air a tha e a’ bruidhinn ’na fheallsanachd.
Oir dh’ iarr Dia air Abraham a mhac ìobairt, a mhac a fhuair e mar ghibht ’na shean-aois. Dé bu bhaothail na sin? Is dé bu bhaothail na so cuideachd, nach tug Dia aobhar sam bith dha airson an ìobairt sin a dhèanamh. An robh fhios aig Abraham fhéin gur e guth Dhé a bh’ ann: dh’ fhaodadh gur e an diabhal a bha ga mhealladh. Dé theireadh e ri bhean no ri nàbaidhean an déidh tilleadh dhachaidh:
’S a dh’ aindeoin sin dh’ fhalbh Abraham le Isaac ’s air an t-slighe cha dubhairt e smid oir cha thuigeadh duin’ e ged a bhruidhneadh e. So air baothalachd a’ chreideimh, anns an sgeulachd so, ma tha i ann an sgeulachd sam bith: so an taghadh piantail: so an leum, ma rinn duine leum a riamh: so neach a-measg neachan, Abraham.
Duine sam bith a tha ag iarraidh faighinn a-mach mu dheidhinn Khierkegaard—agus chan eil teagamh sam bith nach bu chòir do gach duine sin a dhèanamh ma tha e airson ar linn a thuigsinn—leughadh e am mìneachadh so. Tha sinn a’ creidsinn nach deach earrann a riamh a sgrìobhadh mu ’n Bhìobuill cho drùidhteach ’s cho geur ri so.
Tha Kierkegaard ag innse dhuinn gum bi sinn air ar meas air ar taghaidhean, chan ann air ar facail no air ar sgrìobhaidhean.
Mar a thubhairt sinn tha e duilich do dhuine an leum amaideach a dhèanamh ach mura dèan e e chan eil e ach mar fhaileas anns an t-saoghal ’s mar a thubhairt sinn cuideachd cha bhi na Nazis no a leithid fada gun gréim fhaighinn air. Tha ’n cudthrom so searbh (eadhon do Khierkegaard fhéin) ach co-dhiùbh bhruidhinn e mach, ’s dh’ fhuilig e móran fanaid ann am baile beag Chopenhagen air sgàth na facail a sgrìobh e ’s air sgàth a bheatha a bha beò anns na facail. Tha sinn a’ faicinn ’na bheatha pian do-ghiùlan ach cuideachd aig amannan gàirdeachas mhìorbhaileach; duine beag crotach nach do ruith a riamh bho chùraman na h-inntinn ach a bha a’ fulang gun sgur air an son.
Agus airson an sgrìobhadair so, nach eil an sgrìobhadh so fhéin mu dheidhinn Khierkegaardaesthetic is baoth mura dèan esan neach dheth fhéin cuideachd?
title | Kierkegaard |
writers | Ian Crichton Smith |
internal date | 1962.0 |
display date | 1962 |
publication date | 1962 |
level | |
reference template | Iain Mac a’ Ghobhainn in Gairm 41 %p |
parent text | Gairm 41 |