Air An Spiris
CHI sibh air duilleig eile gu bheil earrann ás ùr againn ann an Gairm na ràithe so: earrann do’n òigridh ’s do dhuine sam bith aig a bheil co-fhaireachdainn ris an òigridh. Is dòcha gu bheil daoine ’nar measg, ann an tìr na Gàidhlig, a tha caoin-shuarach mu’n òigridh; a tha coma iad a bhith falbh nan sitigean, no a’ cur seachad na Sàbaid a’ leughadh Reveille, fhad ’s nach tog iad teampall dhaibh fhéin am follais dhaoine. Ach cha bhi móran dhiubh sin a’ leughadh Gairm, agus tha sinn de’n bheachd gun cuir ar luchd-leughaidh fàilte air an earrainn ùir so.
Far a bheil a’ Ghàidhlig gu daingeann air a bonntachadh san dachaidh agus san sgoil tha e nàdurrach gum biodh taobh aig an òigridh rithe. Ach tha e cheart cho nàdurrach gun gabhadh iad ùidh ann an gnothaichean a bha, bho chionn ghoirid, a-mach air crìochan na Gàidhlig. Mar as cumhainge a ni sinn na crìochan sin ’sann as lugha rùm a bhios air an taobh stigh do’n òigridh. Chan fhuirich iad, ’s có chuireadh umhail orra.
Cha duirt sin gu feum sinn gach nì a leigeil leis an t-sruth, no falbh leis an t-sruth ùr Bheurla no Ameireaganach. Tha dòigh is dòigh ann air beantainn ri sruth. Bha dòigh mhath aig Tom Johnston ’s aig na laoich a chuir Tuath-bhòrd an Dealain-uisge air bhonn. Thug iad cumhachd ás na sruthan ’s tha an cumhachd sin sgrìobhte gu léirsinneach air aghaidh na Gaidhealtachd an diugh. Na sruthan sin a bha a’ cur nam muillnean beaga air ghluasad o chionn fhada, tha iad an diugh a’ cur charan de rothan móra nan gineadairean dealain (na generators).
Tha cumhachd ann an iomadach àite a dh’fhaodadh sinn a chur gu feum a chùm leas na Gàidhlig. Ach cha dean na seann mhuillnean a’ chùis an còmhnaidh. Tha cumhachd aig òigridh na Gàidhlig nan cuirte an sàs i a bheireadh dreach ùr air an dùthaich againn.
Tha sinn glé fhada an comain Cairistìona Dick airson an earrainn ùir so an Gairm a ghabhail os làimh. ’Se ar dòchas gu faigh i làn-chuideachadh bho luchd-sgrìobhaidh, agus gum bi an òigridh, ri tìde, ’nan taic do Ghairm. Bithidh sinn mar sin a’ cuideachadh a chéile, gu spionnadh ás ùr a chur ’nar tìr ’s ’nar teanga.
title | Air an Spiris |
internal date | 1963.0 |
display date | 1963 |
publication date | 1963 |
level | |
reference template | Gairm 42 %p |
parent text | Gairm 42 |