[196]

Comhradh Cagailte

DOMHNALL I. MACLEOID (Ard-hàsaig)

BHA iadnan suidhe mun teine bhlàth ghuail, an triùir aca. Bha fead aig aghaoith is traod aig an uisge air an t-sràid a-muigh. Bha an dorchadas dùmhail air taobh a-muigh na h-uinneig is soluis na sràide ga tholladh an suds an so. Bha iad mar gum biodh iad an aonarachd, gun duine san t-saoghal ach iad fhéin, is iadnan suidhe sud mun teallach.

Is màite gura gailbhead na h-oidhche a stiùir an smuain air tùs gu nithean domhainn agus dìomhairis minig stoirm a rinn a leithid riamhach co-dhiùsann air na nithean sin a thòisich iad.

Bha Tormod san oisean thallbe sud àite-san riamhagus cha robh guth ás a cheann re ùine mhóir. An ceann greise, is càch ri deasbaid, rinn e an casad beag agus leis achleachdadh stad càch. “An dùil, a Dhòmhnaill,” ars esan, “a bheil sonas aig na Gaidheil nach eil aca sna bailtean so? Feuch nach e aobhar an toil-inntinn gu bheil iad a linn mhór gun chus foghluimnar dùthaich-ne agus chan fhaic thusa is mise ann an so, cuimhnich, ach luchd foghluim”.

Thuirt Tormod sud is chlos e airson ùine eile. Be sud a chleachdadh riamh. Bha cuid ag ràdh nach robh cion aig Tormod air beachd sam bith de na bhiodh e cur a-mach, nach robh e ach airson deasbaid a thogail; mara robh gu dearbh thog e deasbaid iomadh uair is an iomadh cuideachd, is an uair sin dhéisdeadh e fhéin ris acheist fad na h-oidhche tuilleadh.

Och isd, a Tharmoid”, arsa Seumas Ruadh, “chan eil san sgoileir agus san duine chumanta ach creutairean tur dhealaichte; gheibh an sgoileir sonas á fhoghlum is gur ann ann a tha ùidh aige, agus gheibh an tuathanach sonas á thuath. Cha dèan math dhut a ràdh gur h-e fhoghlum tha tighinn eadar an sgoileir is suaimhneas, ma tha sam bith adèanamh sin. Cha shaoil mi gu bheil.”

Tha aon rud atighinn eadar esan is suaimhneas”, arsa Dòmhnalldhèanadh esan beagan feallsanachd, cuideachd, ged nach robhitealaich cho àrd ri Seumas— “agusse sin dìreach gu bheil cus foghluim atighinn eadar e is a Chruthair”.

Chunnaic e Seumas atoirt sùil thàireil air, ach cha chuireadh sin sìos no suas Dòmhnallbha e air tighinn suas ris an t-sùil ud o Sheumas Ruadh.


[197]

Foghlum, foghlum, ’se sin glaodh do sheanargur e cus foghlum sgrios dhaoine. Càite bheil do reusan, a dhuine? Nach cualthu riamh guth an eòlais gad chuireadh is fhios agad air na subhailcean tha aicena cuilidh”.

Ma chuala tun guth sin”, arsa Dòmhnallcha ben t-eòlas e; an neach a thuirt sin riut be thuirt e cuideachd ri Eubhs ri Adhamh o shean”.

Bha Seumas is a shluaigh ruaigte. Tha a chuid fheallsanachd-san ro àrd, mar bha i riamh, gu ruighinn air doimhnead beatha nan daoine tha beò san t-saoghal.

Is minig a thug Dòmhnall buaidh riamh airDòmhnall aig a bheil beachdan a sheanar agus tùr duine foghluimte, Dòmhnall dam bheil na h-uimhir de thàire aig Seumas airson a sheann chleasan, Dòmhnall nach tug luaidh riamh don bhaile mhór.

Se sin smuaintean Thormoids e nise ga choimhead. “Tha mo chleas seachad airson oidhche”, ars esan, “tha iadnan dithis deiseil aig achlaidheimhtha, cho math ri dithis a chunnaic mi fhathast”.

Bha an teine air dol sìos is iad ga choimhead. Dhéirich Tormod a dhiarraidh guail agus dhéirich càch leis, is iad afalbh. Bha fhathast aghaoths an t-uisge ann, agus an uair a bha càch air falbh is Tormod gan coimhead on uinneig bu ghann a sheasadh iad an casan air an t-sràid. Chaidh iad á fhianuis air cùl nan tighean, sruth asda mu thràth is iadnan ruith.

Tharraing Tormod an cùirteir is dhùin e mach am fuachds an dorchadas. “Dithis dhòigheil,” ars esan ris fhéins e sgioblachadh oisean na leapa, “ach a chanadh gur bhràthair iad?”

titleCòmhradh Cagailte
internal date1963.0
display date1963
publication date1963
level
reference template

Dòmhnall I. MacLeòid in Gairm 42 %p

parent textGairm 42
<< please select a word
<< please select a page