[201]

Bocsa-Chlar

NUAIR a tha e fàs cho cumanta do mhóran dhen òigridh a bhith acruinneachadh an tighean a chéile ag éisdeachd ri clàir chaidh mi do na bùthan a dhfhaighinn a-mach mun liuthad seòrsa bocsa-chlàr a thatar acur mur coinneamh. Ma tha sibh asmuaineachadh air fear a cheannach so agaibh na h-innealan as freagarraiche a rèir an fheum gum bheil sibh adol gan cur.

Ma tha sibh ag iarraidh bocsa-chlàr saor airson a bhith ag éisdeachd ri na h-òrain chumanta agus fhads nach eil sibh uabhasach àileasach mun fhuaim, gheibh sibh fear cho saor ri £11 10s. ’Se so fear ris an canar DANSETTE. Tha e beag, aotrom airson a bhith ga ghiùlan o àite gu àite. Na biodh dùil agaibh gum bheil móran brìgh anns abhocsa-chlàr so. Chan eil an t-innealna bhroinn ach lag ach mairidh e iomadh bliadhna ma choimhdeas sibh ás a dhéidh. Cluichidh e clàr sam bith. Chunnaic mi feadhainn bheaga shaor eile mar a tha ELPICO aig £13 16s. 5d., agus fear air a dheanamh le PYE aig £13 2s. 6d. Chan eil an t-inneal annta so dad nas fheàrr na DANSETTE. Tha sibh apàidheadh not no dhà a bharrachd air abhocsa fhéin agus air atharrachadh dhathan.

[202]
[203]

An ath phrìs ás déidh sose COSSOR aig £23 12s. 6d. ’Se PHILIPS a tha gan deanamh so agus tha an t-inneal a thannta glé mhath. Tha fear so Stereophonic. Cha ghabh an COSSOR ach aon chlàr aig gach àm.

Ma theid agaibh air not no dhà eile a chruinneachadh bhiodh sibh na bfheàrr leBUSHaig £28 17s. 6d. Tha an t-inneal anns an fhear so air a dheanamh le GARRARD agus tha e coltach gur e so an t-inneal as fheàrr ann am bocsa-chlàr. Tha am bocsa cuideachd briagha agus faodaidh sibh tòrr chlàir a chur air còmhla gun a bhith gan cur air fear ma seach. Tha am fuaim aige math agus faodaidh sibh doimhneachd achiùil atharrachadh. Chan eil am fear so Stereophonic idir ach gabhaidh sin a leasachadh ma cheannaicheas sibh ceann eile agusamplifier .Cosgaidh sin £13 13s. Tha àite air cuideachd airsonTape - Recordera cheangal ris. Tha am bocsa-chlàr tha so math da-rìribh.

Tha PYE adeanamh bocsa-chlàr a tha cosg £29 18s. 6d. Tha fear so Stereophonic agus faodaidh sibh doimhneachd achiùil atharrachadh air.

Tha sinn a nis atighinn chun an fheadhainn as daoire. Faodaidh


[204] sibh iad so a cheannach airson àirneis tighe. Tha fear math ann ris an canarSTEREOSOUNDagusse inneal GARRARD a tha ann. Tha e cosg £38 17s., agus tha e Stereophonic. Tha speakerleis airson am fuaim a leigeil a-mach agus mas fheàrr leibh am fuaim a bhith ìosal chan eil agaibh ach am fàgail dùinte.

Ma tha sibh ag iarraidh fear uabhasach spaideil gheibh sibh e aig £87 3s. ’S soDYNATRON MAZURKA. Tha bocsa briagha fiodh air agus tha ena sheasamh air ceithir chasan. So am bocsa chlàr as fheàrr a gheibh sibh.

Ma tha sibh airson a h-uile pong a tha na h-inneil chiùil adèanamh a chluinntinn bhiodh sibh na bfheàrr le fear dhe na bocsaichean-chlàr as daoire. Tha barrachd doimhneachd annta. Than fheadhainn a tha Stereophonic nas fheàrr ann an àite mór. Bhiodh iad gu math freagarrach ann an talla-dannsa, ach cuimhnichibh gum feum iad clàir a tha air an dèanamh air leth dhaibh fhéin.

Tha h-uile gin a dhainmich mi chun a so air an obrachadh le solus an dealain, ach tha feadhainn ann cuideachd a dhfhaodas sibh a chluichd far nach eil so ga chleachdadhanns na h-eileanan air neo ma bhios sibh air chuairt on tigh. Tha iad air an obrachadh lebattery” .Tha DANSETTE adeanamh fear dhiubh so aig £15 4s. 6d. agus E.M. I. aig £14 3s. 6d. Tha iad aotrom rin giùlan agus cluichdidh iad clàr sam bith.

Gheibh sibh sheòrsa snàthaid airson bocsaichean-chlàr. ’Se snàthad léig-ghorm nosapphireas saoire. Tha i acosg 6s. agus mairidh i ma dhà mhìos. Tha snàthad dhaoimein acosg eadar 15s. agus 30s. ach mairidh i so còrr is bliadhna. Gheibh sibh fuaim nas fheàrr leis an so.

titleBocsa-chlàr
internal date1963.0
display date1963
publication date1963
level
reference template

Gairm 42 %p

parent textFàire Ur a Nochdadh
<< please select a word
<< please select a page