Anns An Fhasan
LE EIRIC NIC LEOID
THA am fuachd air a thighinn oirnn agus tha cuid de chaileagan air na geansaidhean boban a chur orra airson aon gheamhradh eile. ’S iad sin na caileagan a bhios a’ feitheamh na tìde blàithe le fadachd, a chionn gum bheil fios aca nach eil iad a’ coimhead cho grinn ’s a dh’ fhaodadh iad le na còtaichean “plasdaig” agus na brògan trom. Ach tha feadhainn eile cho bòidheach agus cho sprogail anns a’ gheamhradh ’s a tha iad aig àm sam bith eile de ’n bhliadhna. Oir ’s iad sin na caileagan glic a cheannaich cuid de ’n aodach bhlàth a tha anns an fhasan an tìde so. Tha mise an dràsda a’ dol a dh’ innse dhuibh mu ’n aodach so.
[Dealbh]
Tha geansaidhean ann an dràsda a tha blàth agus sgiobalt. Ri coimhead riu shaoileadh tu an toiseach gur e geansaidh pólo fo geansaidh le amhaich “V” a bh’ ann. ’Sann a tha iad air pólo a chur am broinn “V” ann an aon gheansaidh. Gheibhear a fear so ann am móran dhathan agus gheibhear cuideachd amhaich pólo ’na aonar a dh’ fhaodadh tu cur am broinn amhaich geansaidh “V” sam bith a tha agad, gus nach bi a’ ghaoth a’ séideadh mu d’ amhaich.
Mas e briogais as trice a bhios ort troimh an tìde fhuair chunnaic mi, an là eile ann an uinneig bùtha, aodach còmhdachaidh a chòrdas riut gu cinnteach. B’ e cleòca blàth tartan ann a stuth tiugh clòimh a bh’ ann. Cuiridh mi ’n geall nach fhaic thu móran dhiùbhsan timcheall agus chan fhaca mi dad cho stoilleis riu.
[206]Tha fios agad fhéin ma bhios do chasan blàth gun cùm sin an còrr dhiot blàth. Geallaidh mi dhut gum bi bootees suas gu na calpan air a h-uile nighean anns an fhasan am bliadhna—gu fìrinneach, cheannaich mi-fhéin paidhir dhiubh ann bho chionn ghoirid. Gheibh thu asuedeiad agus ann a leathair—feadhainn dhubh, feadhainn dhonn, feadhainn gheal agus feadhainn dhearg, a ruigeas suas gu do ghlùinean mas toil leat, le sàilean ma dhà òirleach a dh’ àird.
Bhiodh dreas clòimhe mar so feumail cuideachd. ’Se fasan a’ gheamhraidh so air dreasaichean, pìos dhe ’n aodach a bhith mu d’ amhaich mar scarf. Tha iad blàth agus aig an aon àm tha iomadh dòigh air am faod thu an ceangal no suaineadh gus atharrachadh beag a thoir air an aodach.
Bhoill, a chaileagan, ma ghabh sibh mo chomhairle-sa bha sibh blàth agus bòidheach fad a’ gheamhraidh agus an ath thìde bidh earrainn fasain eile ann ag innse dhuibh dé an t-aodach as fheàrr airson an earraich.
title | Anns an Fhasan |
internal date | 1963.0 |
display date | 1963 |
publication date | 1963 |
level | |
reference template | Eiric NicLeòid in Gairm 42 %p |
parent text | Fàire Ur a Nochdadh |