[208]

Iain Maccodrum

LE CAIRISTIONA NICILLE BHRAITH.

(Ard-sgoil Inbhir Nis.)

CHUALA sinn uile iomradh air Iain MacCodrum, bàrd a rugadh mu dheireadh na seachdamh linne deug ann an Aird an Runnair air taobh an iar Uibhist-a- Tuath. Is e bàrd ainmeil a bha ann agus tha móran naidheachdan is sgeulachdan air an innse mu thimcheall.

Is e aon sgeul a dhfhuirichnam inntinn an te a leanas.

An uair a bha MacCodrum afuireach ann an Langais, rinn e deiseil aon latha gu falbh a choimhead air Fear Bhaile Raghnaill agus air na càirdean air taobh an iar na dùthcha. Smaoinich a bhean gun gabhadh i an cothrom an uair a dhfhalbhadh Iain gu cuirm bheag a dheanamh do bhoireannaich eile a bha anns achoimhearsnachd. Bha amharus aig Iain gu robh rudeigin air bonn ged nach do leig e dad air, ach an uair a bha e tuaiream mìle no dhà bhon tigh thill e.

Anns na làithean ud bhiodh daoine arùsgadh nan tighean a h-uile Earrach agus acur an tughaidh mar thodhar air an fhearann. ’Se an dearbh obair a bha aig Iain aig an àm agus bha dara ceann an tighe gun sgrath gun chonnlaich. Dhìrich e an àird air an tobhtaidh agus leig e e fhéin sìos troimh na cabair. Bha na boireannaich cruinn mun bhòrd ag òl mogain agus abair gun do chlisg iad.

Na caraichibh, na caraichibh”, arsa Iain, “cha do rinn mise ach tilleadh a dheanamh an altachaidh dhuibh”.

titleIain MacCodrum
internal date1963.0
display date1963
publication date1963
level
reference template

Cairistìona Nic ’Ille Bhràith in Gairm 42 %p

parent textFàire Ur a Nochdadh
<< please select a word
<< please select a page