[208]

Am Bucas

Le PEIGI MOIREACH.

CHA shaoil thu air ri fhaicinn nach eil e mar na ceudan eile a chì thu shìos is shuas thalls a-bhos, le asnaichean dearga is uinneagan lainnireach agus leis achridhe beag dubh, am fón, ’na theis mheadhon. Cha chreideadh tu mura buineadh tu don bhaile againn fhéin cho sònraichte is cho eadardhealaichte agus a tha bucas afón againne.

Tha mi toilichte fhaicinn gu bheil muinntir abhaile mhóir a nise agabhail beagan alla den bhucas beag, mar a bha Gaye Gambol


[209] an latha eile san Express, i fhéin is banacharaid ann an bhucas ri taobh a chéile abruidhinn ri chéile gus an robh an t-uisge seachad, a dhaindeoin na bha a-muigh afeitheamh. ’Se sud achiad turas a chunnaic mi buaidhean abhucais afaotainn urram. Ach is fhada gu ruig gin eile inbhe bucas aonarach ceann an rathaid againn.

Ach na creid nach bi sinn atoirt am feum ceart ás afón, sinn a bhitheas. Agus gach taobh cuideachd, fónadh is fuireach mar gum beadh. Tha cuimhne agam oidhche a chaidh mi null le spàirn a dhfhónadh fear a choreigin . . . . bha romham as abhucas ach Ciorstag Ceit is i afighe aig a peilear. Bha fón sàmhach air a chreathail fo h-uileann. Leig i feasgar math leam a-mach air an uinneig is lean i oirre afighe. Sheas mi, dhfhuirich mi, cha robh an còrr air a shon. An ceann fichead mionaid a-mach leatha.

Ach siuthad thusa,” ars ise, “Thubhairt Magaidh gu fónadh i á Glaschu aig a h-ochd, ach chan fhuirich mise rithe nas fhaide.” Le sin ghabh i dhachaidh agus fhuair mi cothrom dhol an sàs.

Chuala mi mu uair eile a thàinig glagsa fón . . . . is gun duine ann . . . . ach chùm e dol gus an do fhreagair Seonaidh Cairt aBhainne anns an dol seachad. Be Niall nan Càraichean a bha afónadh is e airson fios a chur don sgoil gu robh Fear-sgrùdaidh nan Sgoil air achidhe is gun robh aige-san ri thoirt an sin le taxi.Tha e coltach gu robh sealladh ann, a seana làir is copna busna deann a-null an achaidh, is bha fios aig amhaighstir bha roimhe mus robh cas abhodaich an càr Nèill.

Ach chan eil am bucas cho coibhneil do gach neach . . . . le droch oidhche, is dorus nach fhuirich dùinte agus sgread na gaoithe timcheall ort, ciamar a bheir thu chreids air gille aig acheann eile gu bheil gaol agad air, gun eagal a chur air nach ann ri uilebheist a tha ghnothaich?

Tha fuireach eile ann a tha glé mhath sabhucas . . . . ma bhitheas am bus fadalach is uisge ann . . . . tha e tèaruinte is blàth a-stigh. Ach chunnaic mi iad ann nach robh lorg bus . . . . uill, chan fhaca buileach, oir bithidh càraidean meadhon-oidhche cinnteach ás gum bi dorchadas aca. Tham bucas beag blàth is dorcha a-stigh is a-muigh . . . . ma tha thu airson coimhead chì thu aghealach, solus iùil nan leannan. ’Se sin a tha iad ag radh co-dhiù . . . . chan eil mise ris na cleasan so.

Ach tha fios agam gun chuir an dearbh dol-a- mach tha so mo chridhe am iosgaidean aon uair. Air oidhche dhorcha gheamhraidh thug mi ceum gu ceann arathaid gu fónadh. Bha i greannach fhéin agus le fuaim na mara is na gaoithe cha robh mi cho treuns a bhithinn


[210] aig àird amheadhoin latha idir. Chan eil mi creids nach robh sinne ag obair air seanchasan taibhsean an dearbh oidhche, ach co-dhiù, lean mi air madhart. Cha robh solus sabhucas . . . . mar bu bhitheanta an déidh oidhche danns . . . . agus mar sin cha robh solus iùil agam a-null an rathad. Ràinig mi, dhfhosgail mi an dorus agus sheas mi a-stigh. Ma sheas thuislich mi air ni-eigin a-stigh, chaidh gàgail uamhalt mi-nàdurra troimh mo chluasan agus thug mi na buinn. Cha bheireadh bana-bhuidse Tham aShanter na idir làir Sheonaidh orm an uair ud.

Chanainn fhathast gur e each uisge a bha ann mura biodh Dòmhnall Posta air feòrach latha na mhàireach;

Na chuir thu fhéin a dhiarraidh eireagan am bliadhna, a Pheigi? Fhuair mise iad a-raoir, agus abair gu bheil iad mór brèagha, agus slàn ge do sheas amadan air choreigin oirre anns abhucas mus tug mi a-steach iad.”

Nach mi a bha gòrach acur leithid is each uisge ás leth ar bucas beag fhéin, is e cho dòigheil blàth ri tigh céilidh le iomadh fàilt, no mar seirbhiseach beag, grinn, modhail, a chì iomadh ach nach leig dad air.

titleAm Bucas
internal date1963.0
display date1963
publication date1963
level
reference template

Peigi Moireach in Gairm 42 %p

parent textFàire Ur a Nochdadh
<< please select a word
<< please select a page