[211]

Maise Gnuis

LE EALASAID NIC AROTHAICH.

THA mi asgrìobhadh so airson cuideachadh a thoirt dhuibh ataghadh nan Cungaidhean-maise as freagarraiche airson bhur craicinn fhéin. Ach tha nithean eile ri coimhead riutha man dean mi sin. Mar a bi an craiceann air a dheagh choimhead ás a dhéidh cha chuir eadhon na Cungaidhean-maise as daoire tha rim faighinn dreach oirbh.

Coimheadadh gach gu dùrachdach oirre fhéin as an sgàthan. Tha an craiceannna dhealbh do bhur faireachdainnean. Ma tha sibh sgìth bi e nochda; agus ma tha sibh ag ithe biadh mi-fhreagarrach bi sin nochda cuideachd. Mar sinse so achiad rud a dhfheumas sibh coimhead risgum bheil sibh afaighinn cadal gu leòr agus chan eil mi idir aciallachadh sibh a dhfhuireach anns a leabaidh nas fhaide anns na madainnean, fuars gum bheil iad! Cha dean so ach ur deanamh marbhanta an còrr den latha. A bharrachd air a sin na bithibh air ur buaireadh gus cus siotais agus aran milis ithe oirse sin na rudan a bhios ag aobharachadh guireanan air achraiceann agus ma dhitheas sibh biadh freagarrach bi sin air a leasachadh.

Dìreach mar a tha sibh faiceallach gum bheil an t-aodach a bhios sibh aceannach freagarrach agus briagha, agus ur gruaig air a cur air dòigh ann am fasan an latha, bu chòir dhuibh aig an aon àm feum a dheanamh dhe na Cungaidhean-maise a chuireas àilleachdnur gnùis. Chan eil e gu math sam bith a bhith ag éirigh anns amhadainns acur oirbh crathadh de phùdar is suathadh le lipstick.Feumaidh an craiceann a bhith air a ghlanadh gu math agus air a bheathachadh;


[212] agus bu chòir dhuibh a bhith cho cunbhalach mun so agus a tha sibh mu ghlanadh ur fiaclan. Nuair a bhios so dèanta faodaidh sibh na Cungaidhean-maise a chur oirbh.

Anns an ath àireamh innsidh mi dhuibh ciamar as còir an glanadhs am beathachadh so a bhith air a dhèanamh agus na Cungaidhean-nighe as freagarraiche dhuibh.

Bu mhath leam anns an dealachadh comhairle a thoirt oirbh. An do bheachdaich sibh riamh air snuadh ur gnùis? Am bi fiamh aghàire air ur n-aodann nuair a thachras sibh ri neach? Chan eil deifir cho ganns a tha nighean de bhòichead ma tha i acoimhead toilichte agus afaireachdainn toilichte. ’S mór an t-atharrachadh a ni e. Bidh cus a bharrachd chàirdean aig anighean a bheir toileachas do chàchs a bhitheas aig an tha coma co-dhiùgu brith cho àlainns a tha i.

titleMaise Gnùis
internal date1963.0
display date1963
publication date1963
level
reference template

Ealasaid Nic a’ Rothaich in Gairm 42 %p

parent textFàire Ur a Nochdadh
<< please select a word
<< please select a page