Cuairt Air Ceos
Le RUAIRIDH MAC A’ GHOBHAINN
“ ’S an deanntagach ruadh
Fàs suas sa’ chagailt bha blàth.”
NACH tric a thig an smuain a tha sin gu ar n-aire nuair a bheir sinn cuairt agus a chì sinn tobhtachan a bha aig aon uair ’nan ionadan fasgaidh do mhuinntir a tha nis air falbh. Tha a h-eachdraidh fhéin aig gach tobhta, agus chan ann a-mhàin aig na tobhtachan ach aig iomadaidh àite eile a tha air an ainmeachadh ás déidh daoine àraidh no airson nì àraidh a thachair aig na h-àiteachan sin.
Thug mi cuairt timcheall baile mo sheanar, Ceòs ann an Leódhus, bho chionn ghoirid, agus bha m’ inntinn a’ dol air ais gu seanchasan a bha mi air a chluinntinn mu “Seann Cheòs”. Thòisich mi aig Glaic nam Fiadh, agus ged nach eil fiadh ri fhaicinn ann an diugh tha e cinnteach gu robh iad ann aig àm a choreigin. Tha fear anns a’ bhaile a tha gu math seachad air a’ leth-cheud a mhionnaicheas gu fac e fiadh anns a’ Ghlaic nuair a bha e ’na bhalach, agus an uair a dh’ fhaighnicheas tu dheth dé rinn e nuair a chunnaic e am fiadh, their e: “Chaidh mi ás a dhéidh le sguab chorca!” Ged is ann caol a bha a dhòchas air gréim fhaighinn air an fhiadh có ’s urrainn a radh nach fhaca e e?
Tha dhà no thrì thobhtachan anns a’ Ghlaic agus ’nam measg tha tobhta Aonghais Mhóir. Nam biodh e an diugh a’ dol a thoirt cuairt troimh ’n Ghlaic dh’ fhaodadh e a ràdh mar a thubhairt am bàrd:
Seileach is luachair,
Cluaran, muran is stàrr
Air tachdadh nam fuaran
An d’ fhuair mi iomadh deoch-phàit’.
Oir tha am fuaran a bha ri taobh a thighe ann fhathast gun dad a dhìth oirre ach a glanadh. ’Se duine eirmiseach a bha ann an Aonghas Mór tha e coltach, agus air là àraidh, is e féin agus nàbuidh dhà ’nan seasamh aig ceann an tighe chunnaic iad fear ris an cainte Dùbhghall le gobhar, ’s e dol ga bhualadh air raon. “Aonghais”, ars am fear a bha còmhla ris, “Seall air Dùbhghall leis a’ ghobhar”. Rinn Aonghas e féin dìreach agus sheall e taobh Dhùbhghaill agus ars esan ri charaid: “Có am fear ac’ air a bheil Dùbhghall?” Có an strainnsear do ’n bhaile a b’ urrainn an diugh a radh gur h-iomadh oidhche shona a chuir Aonghas seachad anns a’ Ghlaic còmhla ris a’
An déidh a’ Ghlaic fhàgail thàinig mi gu Leac na Ceàrdaich. Tha an leac ann fhathast ach chan eil foir air a’ cheàrdaich. ’S iongantach mura robh gleadhar gu leòr timcheall air an àite so uaireigin, oir far a bheil Tigh an Dotair an diugh ’na sheasamh bha an seann tigh-sgoile, agus tha mi a’ creidsinn gu robh am maighstir-sgoile coltach ri maighstir-sgoile Goldsmith a bha“passing rich with forty pounds a year” .An dùil an robh e riamh air cluinntinn mu ’n E.I. S. agus an S.S. A., agus mar a tha iad gu tric an amhaichean a chéile?
Dlùth do Leac na Ceàrdaich tha an seann Phost Office, no seann tigh Aonghais Alasdair a bha ’na shaor, agus mu ’n duirt Murchadh Gobha a bha greis a’ teagasg ann an sgoil Chnoc-Iain-Duibh:
Aig taobh an t-sàile tha saor a’ tàmhachd
An laoch chaidh àrach air bràigh nam mòinteach
Chan iarrainn àicheadh ach bhith ’na nàbachd
Tha chiall ’s a chàirdeas toirt bàrr air móran.
Dh’fhàg mi tigh “an laoich chaidh àrach air bràigh nam mòinteach” agus rinn mi mo rathad chun na seann eaglais, agus nach ann mu dheidhinn an ionaid so a bha Murchadh Gobha a’ labhart nuair a thubhairt e:
Gach latha Sàbaid an Eilean Hàbhaigh
Tha ’n soisgeul blàth ann le Maighstir Dòmhnall.
Tha ballaichean na h-eaglais fhathast ’nan seasamh gu daingeann mar gum biodh ’na charragh-cuimhne do ’n ghinealach a tha ag éirigh suas gum b’ e so àite far an robh an athraichean a’ cruinneachadh a dh’ éisdeachd ri Facal an Tighearna.
Bhiodh e freagarrach an déidh dhomh bhith ’nam sheasamh aig an t-seann eaglais gum falbhadh mo smuaintean chun an t-seann mhansa. Tha am mansa fhathast ’na sheasamh agus suidhichte anns an àite far an robh Sir Seumas MacMhathain an dùil an caisteal a thogail. Tha eachdraidh air cùl a’ mhansa agus nach biodh eachdraidh gu leòr ann ged nach biodh ann ach gun chaidil Mac an t-Srònaich ann uair no dhà.
Bha an oidhche a’ tuiteam agus bha mi a’ tighinn gu ceann mo chuairt, ach air an t-slighe dhachaidh bha an smuain ud fhathast air m’ aire:
“ ’S an deanntagach ruadh
Fàs suas sa’ chagailt bha blàth”.
Seann Cheòs. Chì sibh Leac na Ceàrdaich sa’ mheadhon. Tha e iomchuidh gu leòr gur h-e garaids a tha an diugh air làrach na ceàrdaich.
(an dealbh le Niall MacLeòid, Glaic nam Fiadh)
title | Cuairt air Ceòs |
internal date | 1963.0 |
display date | 1963 |
publication date | 1963 |
level | |
reference template | Ruairidh Mac a’ Ghobhainn in Gairm 42 %p |
parent text | Gairm 42 |