[163]

Cuirt Nan Con

Le AONGHUS MACILL FHIALAIN (Aonghus Beag)

(air a recòrdadh le Fear Chanaidh)

SEO abhliadhna chaidh na cruitean a ghearradh dhuinn ann an Loch Aoineort, dhan t-seann-fheadhainn a bhann. ’Sann aig an tagsman a bha an t-àite roimhe sin, ’s cha robh sinn ach apàidheadh dhan tagsman. Thànaig teanant ùr gu ruige Ormaclait, fear a mhuinntir Mhuile, agus sgrìobh sinn an uair sin a dhionnsaigh Lady Cathcart fiach am faigheamaid an t-àite an robh sinn a ghearradh a-mach dhuinn fhìnna chruitean, nam be toil an tuathanaich e.

Well, chuir an Leddi fios chon aBhàillidh e thighinn a shealltainn gu an t-àite a bhaig na daoine a bhann an Loch Aoineort, ’s gu robh ise faicinn freagarrach gu leòr a ghearradh dhaibh ma bha an tuathanach deònach dealachadh ris. Well, thànaig am Bàillidh a-mach a choimhead an àite, ’s bha am fear singa fhaicinn freagarrach gu leòr cuideachd. Well, bha an tuathanach deònach gu leòr an ligeil dha ionnsaigh; ge renta rachadh air, bha e air a thoirdheth-san. Chaidh an uair sin na cruitean a ghearradh dhaibh. Bha sinn ann naoinear ann an Loch Aoineart an uair sin.

Bha iad afaighinn libhrigeadh unnta on Bhàillidh, dhfheumadh iad saighnigeadh aig aBhàillidh, nach biodh idir aca. Shaighnig feadhainn, ach ceart gu leòra h-uile gin aca mu dheireadh, agus bha gu leòr dhiu fhéin aig nach robh sian a dhfhios aca rud a bha iad asaighnigeadh. Agus nuair a chruinnich iad, chuir iad an comhairle ri chéiles chunnaig iadn rud a rinn iad, gu feumadh iadnach fheumadh iad a bhith idir aca. Well, cha robh e furasda dhaibh an gnothach a dheanamh gun chù, agus gu h-àraid cha robh e furasda dhòmhsa a dhèanamh, a thaobh bha caoirich agamsa, ’s cha robh rathad agam air an cruinneachadh no falbh leò gan dipeadh no a dhàiteile mura biodh agam.


[164]

S ann a dhfheumamaid aseo sgrìobhadh chon aBhàillidh air ais chors gu feumamaid ar saighnigeadh fhaighinn air ais, a thaobh nach robh fhios againn gu rud a bha sinn asaighnigeadh, as an amm. Well, chuir e litir ugainn gu robh esan afaicinngu an aon fheum a bhiodh againn air cu? ach gun cuireadh esan air bhialaibh Lady Cathcart e, agus air bhialaibh aBhòrd of Agriculture. Bha seo ceart gu leòr, chaidh seo seachad. Ach glé ghoirid as a dheoghaidh sin, fhuair sinn sumanadh air son a dhol gu ruige Loch nam Madadh air son nan con, a h-uile duine bha san dùthaich. Cha robh fios fon t-saoghal gu an aon rud a dhianamaid, ach gu feumte nochdadh.

Well, ghabh sinn an stiomair sìos, agus an fheadhainn a bha tuaths e na fadhlaichean a ghabh iad; agus bha droch-shìde ann as an amm cuideachd. Bha gu leòr air a bhith gu math fliuch mun dfhuair iad chon nam fadhlaichean. Well, bha fear-lagh ann an Loch nam Madadh, an Dòmhnallach, agus chaidh iad far an robh am fear sin; ghabh am fear sin an ceus aca, gu rachadh e staigh air an taobh.

Well, ’s e Wilson a bhaig Lady Cathcart, agus aig Bàillidh aChinn-a- Tuath, ’s aig Bàillidh na Hearadh; bha na trì oighreachdan a-staigh còmhladh, aguss e Wilson a bhaca sin. Bha Wilson gu math gleusda. Chaidh iad á Barraidh a null ann, triùir ás a h-uile baile, agus sin a bha an Dòmhnallach ag iarraidh ás aCheann-a- Deas, agus chaidh triùir againn á Loch Aoineort ann, agus bha misair fear dhiu. Agus nuair a ràna sinn, thug an Dòmhnallachchoinnich e sinn, ’s thug e a-staigh dhan oifis aige fhéin sinn. Thuirt e ruinn sinn a sheasamh cruaidh, nach cailleamaid na coin idir.

Dhinns sinn dha gun sgrìobh sinn chon aBhàillidh a dhiarraidh ar saighnigeadh air ais, gun do chuir e ugainn litir.

Bheil copaidh agaibhars esandhan litir a chuir sibh dha ionnsaigh?”


[165]

Tha mi glé thoilichte, ma thàars esan. “Fiach aseo e.”

Agus thug sinn dha alitir a thànaig on Bhàillidh.

Ah, wellars esanligidh sinn leis a nist, fiach gu rud a e, ma thà.”

Daarsa misetha muinntir Bharraidh an déidh shaighnigeadh nach bi idir aca. Shaighnig iad do Wilsons tha iad air faighinn air falbh leis astiomair a-null. Dhfheumamaid fuireach latha thall.”

Thionndaidh esan dhomh. “Mac an diabhoilars esan. “Ach ma ghabhas sibhse mo chomhairle, gabhaidh sibh leis an rud a an Siorram dhuibh, am màireach.”

Deara fhéin, gabhaidh sinne, ’s collach gum bi sin ceart gu leòr.”

Seo r-na-màrach, rinn sinn sin, ’s chaidh sinn a-staigh dhan chùirt. Thànaig Wilson dubh, thànaig e a-staigh fhéin, ’s an Dòmhnallach; thànaig asin an Siorram a-nuas, chon abheins. Thòisich Wilson air plìdeadh nach robh sian a dhfheum aig na cruiteirean air ; dhfhaodadh iadgu faigheadh iad cead ceithir choin, no trì choin a chumail ás a h-uile baile, ’s gun deanadh sin an gnothach. Thuirt an Dòmhnallach:

Gu marars esana sin an gnothach? ’N e bhòtadh fiach aiga bhios na coin a iad? Masa h-è, bhòtaidh a h-uile fear airson a bhith aige fhéin. No an e cruinn a chur a-mach, fiach air a thig iad? Faodaidh an crann tighinn air an droch-dhuines air an droch-. Dhfhiach mise sin mar thà, agus dhfhairlich orm gu faighinn dòigh a chur fhathast air.”

Cha robh an Siorram ach ag éisdeachd ris. Thug aseo an Siorram uige leabhar, agus bha e coimhead air. Leubh en seo a-mach an t-Achd a chaidh a phasadh, ’s an deut air an deach e phasadh: gu faigheadh a h-uile cruiteir a chumail leexemption ,a h-uile tuathanach, bha eg ràdh, leexemption .

Dhéirich Wilson, ’na aghaidh an uair sin, agus thuirt e:

“ ’N e tuathanachars esana chanas sibh ri cruiteir?”

Sears esanma tha barrachd is aona chaora is mart aige, ’s e oibreachadh aghrùnn air a bheil iad, sin an tuathanachars esan. “Tha e collach gu faigh a h-uile duinears esanaig a bheil spréidh, gu faigh iad a chumail, mar sin.”

Sheall esan air an leabhar, agus thuirt e:—

Well, tha e san Achd air innse airson duine sa bith, aig a bheil stoc, gu faigh e a chumail leexemption ,” ars esan, ’s e tionndadh ris.


[166]

Wellarsa Wilsontha gu leòr acumail coin nach eil sgrìobhtann am fearann idir.”

O, well, ma tha stoc acaarsa an Siorramfeumaidh gu bheil iad gan cumail an àiteigin, ma tha stoc aca.”

Thug am Bàillidh an uair sin uige an leabhar, a h-uile gin aig an robh cruit as aCheann-a- Deas. Thug cléireach an t-Siorraim uige a h-uile duine bha faighinnlicence ,agus bha cléireach an t-Siorraim aleughadh a-mach a h-uile duine as iad aig an robhlicence .Nuair a bha e tighinn a dhionnsaigh fear nach robh fearann idir aige, bha am Bàillidh ag éigheach nach robh am fear sin sgrìobhtann am fearann idir. Cha robh en sin ach ga chur air a mhionnan ás abhad as arobh e, dìreach. Bha e an uair sin afaighinn a cheasnachadh on t-Siorram. Bheil stoc aige? bheil caoirich aige? beothaichean aige?

Dhfhoighneachd Mac Ailpeisbheil muc aige?” arsa Mac Ailpeis. Bha an gnothach adol air aghaidh mar sin. Dhia, cha do sgur Wilson an deoghaidh sins bha Wilsondeterminedgun rachadh an gnothach leis. Thionndaidh an Siorram ris an uair sin, agus thuirt e: “Wellars esannam biodh e as an Achd nach fhaodadh Mr. Tómas Wilson a bhithg obairna aghaidh, no nam biodh e ann,” ars esangu faodadh e: ach théid againn air Mr. Tómas Wilson a churna shuidhe leis an Achd.” Leubh e mach an uair sin a rithist an t-Achd dhaibh, ach fiach thusa na shuidh esan an deoghaidh sin! O, dhfhàs e gu math crosda, an Siorram, an uair sin, agus thog e làmh, agus:

Well, faodaidh tuars esana bhith preachadh fhad’ ’s a thogair thu, ach cha déid thu nas fhaide na siodars esan, ’s e bualadh a làimhair aleabhar. Cha burrainn e iarraidh air fuireach sàmhach! Bha esan cho math ris fhéin.

Well, fhuair sinn an uair sin clìor a-mach, ach gu robh riùl ann gu feumadh tu coilear a chumail oro chù, agus tainm as achoilear, air chor agus nan dianadh e cron, ’s gu faighte, gum biodh fhios bu leis e. Bha sin ceart gu leòr!

( ’Sann sabhliadhna 1912 a thachair so. Chaidh achùirt an aghaidh na h-Oighreachd, is thainig oirre achosgais uile a phàidheadh, is cha bu bheag achosgais sin— £7 ,600. Tha iomradh air achùis anns an leabharPublic Administration in the Highlands, ”le J. P. Day. Tha cuid de na h-òrain a rinneadh mun chuspair so fhathast air sgeul.)

titleCùirt nan Con
internal date1963.0
display date1963
publication date1963
level
reference template

Aonghus Mac ’Ill Fhialain in Gairm 42 %p

parent textGairm 42
<< please select a word
<< please select a page