[193]

Gaidheil Ann An Canada

Sann bho Iain aChaoil á Vancouver a thàinig brìgh na h-eachdraidh a leanas, air Gàidheil ann an Canada. An uair a sgrìobh e thugainn aig an Nollaig so a chaidh bha e 79 bliadhna.

MU cheud bliadhna air ais, ri linn Victoria, thug gille òg air an robh Iain Donn sgrìob a dhionnsaigh Ghlaschu an ceann cosnaidh agus nuair a bha e an sin thachair shaighdeir Gàidhealach ris air an t-sràid agus dhfhiadhaich iad a-staigh do thaigh-òil e far an dug fear aca tasdan dhas e cantainn ris gu robh e nis anns an arm agus ged a chuir an t-òigear an aghaidh so cha robh sin gu maith: bha am fear eilena fhianais. Mar so fhuair ar laochan e-fhéin air an rathad don Eiphit far an do chuir e seachad seachd bliadhna mus dfhuair e a shaorsa.

Nuair a ràinig e a dhachaidh bha a phiuthar roimhena banntraich le clann òg aice agus am bràthair a bu shine acumail taice riutha. Cha robh achroit air an robh iad afuireach ach beag; bha esan air beagan airgid a chur mu seach ás a thuarasdal airm agus shaoil e gu rachadh e null do Chanada agus be sin a rinn e. Bha sgiobair na soitheich air an deacha e null do Mhontreal ás an aon bhaile ris fhéin agus bha iad càirdeach da chéile agus gheall am fear sin gun dugadh e fear de bhalaich a pheathar a-null thuige gus a bhith còmhla ris nuair a gheibheadh e àite thall.

Sann do Ghleann-a- garaidh a bha am beachd Iain a dhol far an robh grunnan á Lochabar acòmhnaidh an uair sinn achsann thugadh dha talamh a-measg nam Frangach, àite an robh pailteas coille ri buain. Thog e taigh agus stàball achiad gheamhradh agus chuir e fios air Niall a bhana bhalach mu thrì bliadhna deug de aois, agus chaidh ena choinneamh do Mhontreal.

An dàrna geamhradh a bha iad le chéile chaidh Iain leis fhéin do Chàmpa nam Frangach a ghearradh fiodh agus an sin thachair tubaist dha: thuit craobh mhór air agus bhriseadh a dhruim. Cha robh taigh-eiridinn faisg orra agus chaidh a thoirt dhachaidh far an robh Niall ga fhriothaladh gus an do bhàsaich e ann an ceann seachdain.

Bha am balach a nise leis fhéin. An uair a thàinig an t-earrach chuir e sìol coirce airson fodar do na h-eich agus sreath bhuntàta dha fhéin agus feadh an t-samhraidh mharbh e fiadh no dhà a chùm feòil ris; ach bha e fo iomagan nach robh duine faisg air còmhla ris an cuireadh e seachad an geamhradh a bha teachd. Chuir e roimhe gun rachadh e don choille mar a rinn Iain agus an uair a thàinig


[194] achiad chruaidh reothadh bha e deiseil leis acharr-shlaoid gus an turas fada a dhèanamh don dìthreabh gu Càmpa nam Frangach. Ghlas e an dorus mochthrath aon mhadainn, luchdaich e acharr le fodar agus cheangail e na h-eich innte.

Bha e air tòiseachadh ag aiteamh troimhn oidhche agus bha e ag uisge an uair a dhfhalbh e. Rinn so an rathad duilich, làn tholl agus freumhaichean móra chraobhan tarsainn air agus mar a bha iad adol air aghaidh cha bann adol am feobhas a bha e. Chaidh iad gu faicealach tarsainn air sruthan agus lochan air an robh deigh shleamhainn, fhliuch. Bha an t-slighe gruamach, dorch le giuthas ag éirigh air gach taobh; le claisean làn uisge agus deigh aleaghadh a bha acur bacadh air na h-eich. Slighe a chleachd na h-Innseanaich o chian. Cha robh duine no taigh am fianais; chunnaic Niall math-ghamhan aon uair ach thug esan na buinn gu luath. Leis an oidhche thàinig reothadh cruaidh agus rinn e, co-dhiù, an siubhal na bfhasa.

Bha Niall air cluinntinn gu robh abhainn mhór ann a dhfheumadh e dhol thairis oirre ach nuair a thàinig ina fhollais agus a chunnaic e cho leathan agus a bha i thàinig a chridhena shlugan. Cha robh fhios aige mar a gheibheadh iad tarsainn oirre. Chuala e nuairsin guthna inntinn ag radhaLeig leis na h-eich breith a thoirt air an t-slighe.” Leig e an t-srian leotha agus chaidh iad a-null gu socair gun chuip, gun bhrosnachadh. Chuir so mór iongnadh air gus an do chuimhnich e gu robh Iain air a thighinn an taobh-sa leotha.

An uair a dhìrich iad bruach na h-aibhne fhuair Niall sealladh air Càmpa nam Frangach agus rinn e oirre. Stad e a-measg nan taighean agus thainig bodach mór Frangach far an robh e; “Nach eil thusaars esancar òg airson an leithid so de obair?” Cha duirt am balach focal. “Thoirars am Frangachdo chuid each do Ghascon ann an so agus cuiridh e don stàball iad agus falbh thusa ach am faigh thu biadh a dhitheas tu”. An uair a bha e air biadh a ghabhail thàinig am bodach Frangach a rithisd agus thuirt e gu robh e air deagh obair fhaotainn dha; chaidh iad a-mach agus choisich iad mu dhà mhile gus an dàinig iad gu bothan anns achoille dhuirch. Anns a’ bhothan bha stove le teine oirre a ròstadh damh; air an teine bha phrais mhór; an dàrna prais làn de uisge goileach agus aphrais eile làn de ghainmheach theth. Dhinniseadh do Niall gur h-ann airson an cur air droch bhadan air an rathad a bha an t-uisge agus aghainmheach theth agus gur h-e an obair a bhiodh aige cumail ris an teine agus ris na praisean agus deanamh cinnteach nach traothadh iad.


[195]

Sheall am bodach dha far am faigheadh e fiodh is uisge agus gainmheach agus thuirt e risNa leig an teine ás air do bheatha; cumna do chuimhne gu bheil beatha nan cairteirean an crochadh air do dhìchealachdnad obair

Sin mar a chuir Niall seachad an ràidhe sin; abriseadh fiodh-connaidh, aslaodadh gainmhich agus atarraing uisge á fuaran ri taobh cròdhlagan chraobhan anns an robh lynx, a bhiodh agabhail ealla ris le sùilean deàrrsach a-chuile ceum a bheireadh e, acomhnaidh. Bha an obair cruaidh agus cha robh de shubhachas aige ach, an uair a gheibheadh e mionaidna aonar a bhith asmuaineachadh le cianalas air na càirdean a dhfhàg e thall, agus, an uair a thigeadh a dhà each fhéin a bha am bodach Frangach air a chur an sàs le a chead, a bhith gam biathadh le brochan uisge blàth agus mion choirce. Cha robh e ceum duilich nuair a thàinig an t-earrach agus a chunnaic e crìoch air a chiad gheamhradh air a cheann fhéin ann an Canada.

Is dòcha gun do thog na Lochlannaich e ach leag mise e!

(Iain MacAoidh)

titleGàidheil ann an Canada
internal date1963.0
display date1963
publication date1963
level
reference template

Iain a’ Chaoil in Gairm 42 %p

parent textGairm 42
<< please select a word
<< please select a page