[257]

Air An Spiris

MURA biodh taobh aig Gazette Steòrnabhaigh ris aGhàidhlig am pàipear aig am bitheadh? Feumaidh gu bheil Gàidhlig aig amhór-chuid de luchd-leughaidh aphàipeir, ged a tha iad sgapte air feadh an t-saoghail, agus cuid aca nach fhaca Eilean an Fhraoich a riamh.

O chionn grunn bhliadhnachan a nis tha an Gazette air a bhith ag èaladh a-steach a dhionadan ùra. Gheibh sinn naidheachdan Uibhist is Bharraidh ann, is naidheachdan Phort-rìgh, agus troimh litir Ghlaschu togaidh duine criomag an suds an so mu Mhuilich is Ilich, mu Chataich is mu Thirisdich. Is fhada bho chluinneadh tu Sgitheanaich dam baithne an gnothaich abruidhinn air leugh iad anns aGhazette; cha bhiodh Gaidheil Ghlaschu beò ás aonais.

Fad bhliadhnachan móra chùm an Gazette na h-uiread de Ghàidhlig fa chomhair a luchd-leughaidh. Bann an 1917 a thòisich Iain N. MacLeòid nach maireann air Litrichean Alasdair Mhóir a chur ann. Bha a rithist Cùil nan Rann ga chumail adol le Calum MacGilleathain nach maireann, agus an diugh tha Dòmhnall Donn air àite nan laoch ud a ghabhail. Tha dealbh-éibhinn le Gàidhlig ann agus glé thric criomagan de naidheachdan Bhail-Ailein agus aBhac, sgrùdadh leabhraichean, is corra amhran. ’Sann afàs a tha roinn na Gàidhlig.

Tha naidheachd againn a nis gu bheil plòidh ùr fo aire aGhranndaich. Atòiseachadh air an aonaibh fichead de June tha dùil aige an sgeulachd Kidnapped a chur an clò, an Gàidhlig, le deilbh, no bu chòir a ràdh le striop-dhealbh (strip-cartoon) . ’Se maighstir-sgoile an Leódhus a tha arèiteachs ag eadar-theangachadh na sgeulachd, agus tha fhios gun dean na sgoiltean feum dhe so anns na clasaichean beaga. Thatar an dòchas gun gabh an aon dèanamh ri leabhraichean eile ri tìde.

Nam biodh iarraidh orra chuireadh an Gazette a-mach na sgeulachdan so an déidh làimh, le na deilbh, ann an leabhraichean beaga. Bu chòir gum biodh féill orra, anns na sgoiltean air feadh na Gaidhealtachd, agus ann an tigh Gaidhealach sam bith far a bheil clann òga. Cuiribh fios chun aGhazette a thoirt misneachd dhaibh na leabhraichean so a chur an clò.

titleAir an Spiris
internal date1963.0
display date1963
publication date1963
level
reference template

Gairm 43 %p

parent textGairm 43
<< please select a word
<< please select a page