Eilean Albanach gun Albanaich
LE GARBHAN MACAOIDH (Fair Isle)
ANNS a’ bhliadhna 1956 (faic Gairm, Aireamh 17), dh’ fhoillsich Gairm iomradh air sgrìob a rinn buidheann oifigeach a chaidh gu Eilean nan Caorach(Fair Isle)a ghabhail beachd air suidheachadh muinntir an eilein iomallaich leth-Lochlannaich so. Tha mise, mo bhean agus mo mhac beag (aig nach eil cànan ach a’ Ghàidhlig a-mhàin!) a’ fuireach airFair Isle, agus bu mhath leam innse ciamar a tha staid an eilein a nis (An Giblean, 1963), seachd bliadhna an déidh an iomraidh a rinn Mgr. MacCalmain.
Anns a’ chiad dol-a- mach feumaidh mi aideachadh nach eil suidheachadh an eilein slàn fallain idir, ach tha an t-Urras Nàiseanta, leis a bheilFair Isle, am beò-dhòchas gum bi leasachadh mór ann a dh’ aithghearr, leis na daoine òga a tha tighinn a-steach mar chroitearan ùra, an àite nan eileanach a tha a’ siubhal, oir tha an t-Urras a’ deanamh a dhìchill chùm an t-eilean ath-lìonadh le sluagh, agus soirbheachadh a thoirt dhà.
Chan eil obair an Urrais furasda idir. Rinn iad móran airsonFair Isle, mar thà, ach tha tòrr ri dheanamh fhathast. Ma tha croitearan eile a’ gabhail àite nan eileanach a dh’ fhalbh chan eil daoine gu leòr air an
Na croitean os cionn a’ chladaich an Eilean nan Caorach
Tha fuaim glé Lochlainneach air dual-chainnt an eilein, agus tha na h-eileanaich fhéin coltach ris na Faroese ann am móran dhòighean. Is neònach an dual-chainnt a th’ aca: measgadh Beurla, Albais agus Norn (cànan Lochlainneach Shealtainn), agus tha facal no dhà innte a tha anns a’ Ghàidhlig cuideachd: gionogjo (geodha), taft (tobhta), croo (crò), stack (stac) agusskerry (sgeir) 7c.
ThaFair Isleag iarraidh chroitearan Albanach—gu h-àraidh Sealtainnich no Leódhusaich—ach cha dig iad, ged a tha na cùmh-
Fair Isle (Eilean nan Caorach)
title | Eilean Albannach gun Albannaich |
internal date | 1963.0 |
display date | 1963 |
publication date | 1963 |
level | |
reference template | Garbhan MacAoidh in Gairm 43 %p |
parent text | Gairm 43 |