Am Bodach agus An Car
le IAIN MAC LEOID
BHA Alasdair macIain a’ dol dhachaidh airson na saor làithean.
Bha e glé thoilichte leis fhéin agus leis an t-saoghal.
Bha e a’ toirt toileachadh dha a bhith a’ faireachadh a’ chàir bhriagha ùir aige a’ freagairt do ’n tionndadh as lugha a bheireadh e air a’ chuibhle agus e a’ saoilsinn gum b’ urrainn dha a h-uile càil ’na bheatha a stiùradh cho soirbh agus a b’ urrainn dha an càr a’ stiùradh leis a’ chuibhle.
Bha e a’ crònan òran ris fhéin agus a’ smaointeachadh air gach nì fo ’n ghréin ach a h-uile ceann greiseig thilleadh a smuaintean gu Màiri. Bhitheadh ise a’ tighinn dhachaidh á ceann eile na dùthcha an ath oidhche. Thainig fiamh-ghàire air aodann an uair a chuimhnich e mar a bhitheadh e a’ tarrainn aiste agus ag radh gun robh a beul cho mór. Cha do leig an nàire leis riamh innse dhi cho bòidheach agus a bha i.
Dh’ fhalbh an gàire beagan an uair a chuimhnich e air na beumannan a bhitheadh i a’ toirt air an dràsda agus a rithist an uair a bhitheadh i a’ smaointeachadh gun robh e a’ fàs ro mhór ás fhéin.
“ ’Se deamhain a tha innte,” thuirt e ris fhéin le gàire. Ach cha robh i a’ tuigsinn idir cho cruaidh agus a bha aig duine ri a bhith ma bha e a’ dol a dh’ fhaighinn air adhart anns an t-saoghal.
Bha e fhéin de ’n aon bharail ri Màiri an uair a bha e anns an oilthigh, ach an uair a thòisich e air obair ann am factori mór an Sasainn agus daoine fodha, fhuair e mach air a shon fhéin gur e am fear a bu tréine a gheibheadh air adhart.
Bha e math gu leòr gaol a bhith agad do d’ choimhearsnach fhad ’s nach robh e a’ dol a thoirt càil ás do phòcaid fhéin.
Ach bha Màiri òg fhathast agus cha d’ fhuair i a-mach nach e na beachdan àrda a bha air bilean dhaoine a bha iad ’nan cridhe am beachd a chur gu buil.
Cha ghabhadh duine sam bith brath airsan tuilleadh. Bha esan an deaghaidh tomhas an t-saoghail a ghabhail, gu ìre mhath, ged nach aidicheadh e sin do dhuine sam bith gu h-àraidh do Mhàiri air eagal gum bitheadh i a’ magadh air.
Dh’ fhairich e an glagadaich a b’ uabhasaiche am broinn an einnsean agus stad an càr am meadhon an rathaid. Chaidh e a-mach agus
Cha do leig e a leas coimhead fada. Dh’ aithnich e an tiota gum feumadh an càr fear ceàird airson a chur ceart.
Aig a’ cheart àm thainig an t-uisge agus b’ fheudar dha a chòta a chur air. Choimhead e air uaireadair. Bha e leth uair an deaghaidh sia. Bhitheadh e a’ fàs dorcha a dh’ aithghearr agus bha fichead mìle aige ri dhol fhathast.
“ ’S math nach eil sùil aca rium gu màireach,” thuirt e ris fhéin.
“Tha am bus air a dhol suas.”
Dh’ fhan e greiseag aig taobh an rathaid feuch an tigeadh càr eile ged nach robh móran dòchais aige gun tigeadh a leithid a rud an àm ud de ’n bhliadhna.
Chunnaic e kiosk telefon ri taobh tigh beag tughaidh shuas os cionn an rathaid. Bha bodach ’na sheasamh aig dorus an tighe a’ coimhead air. Rinn e air a’ khiosk agus an t-uisge a’ fàs nas truime. Bha am bodach a’ tighinn ’na choinneamh agus chunnaic Alasdair gun robh e a’ smèideadh air.
“Tha eagal orm nach leig thu leas feuchainn ri fónadh, a laochain. Tha an rud briste. Dh’ fheuch fear eile an diugh mar thà ach faodaidh tu fheuchainn.”
Chaidh Alasdair a-stigh do ’n bhocsa. Thog e an t-inneal bruidhnidh ach cha tigeadh diog ás. Shad e sìos e agus e caran crosda. Bha e mar gun do thòisich a h-uile rud a dhol ’na aghaidh aig an aon àm.
Bha an t-uisge a nis air fàs trom, ach bha am bodach fhathast ’na sheasamh aig taobh a-muigh a’ khiosk.
“Tha telefon aig oifis a’ phuist,” arsa esan, “ach tha sin trì mìle suas an rathad. Bhitheadh tu ’nad lòn mas ruigeadh tu. ’S fheàrr dhut tighinn a-stigh cuide rium fhéin an dràsda.”
“Tha sin glé mhath dhuibh,” arsa Alasdair, ach cha robh e ro thoilichte.
’Se coltas glé bhochd a bha air an tigh. Choimhead Alasdair timcheall air an rùm bheag an uair a chaidh iad a-stigh.
Bha bòrd beag cursa am meadhon an ùrlair, séise ri aon bhalla, agus dreasair ris a’ bhalla eile, ach bha teine math anns a’ ghrèad.
“Teann a-stigh ris an teine agus gar thu fhéin,” arsa am bodach.
Chaidh e null do ’n dreasair. Thug e mach botal agus lìon e dà ghloine.
“Cuiridh sin teas annad,” arsa esan.
“Móran taing is slàinte mhath dhuibh,” arsa Alasdair.
Bha Alasdair a’ faireachadh beagan na b’ fheàrr eadar teas an teine agus an t-uisge-beatha, agus e a’ coimhead a’ bhodaich air an taobh eile de ’n teine.
Chunnaic e gun robh bun feusaig air agus coltas air aodann preasach gun do dh’ fhuiling e a chuid de thrioblaidean an t-saoghail, ach bha blàths anns na sùilean gorma aige agus seòrsa do choibhneas ’na aodann a thug an cuimhne Alasdair treud de na daoine a b’ aithne dha an uair a bha e òg.
Bha a’ ghaoth air éirigh a nis agus an t-uisge a’ slaiseadh ris an uinneig. An deaghaidh dhaibh a bhith a’ bruidhinn greiseag chaidh am bodach a-null do ’n uinneig agus choimhead e a-mach.
“Tha droch oidhche gu bhith ann. ’S fheàrr dhut fuireach cuide rium fhéin a-nochd bho nach eil sùil aca riut gu màireach co-dhiù.”
“Tha sin glé mhath dhuibh ach . . . .”
“Ni mi suas an leabaidh a b’ àbhaist a bhith aig Eilidh dhut—sin mo nighean. ’S fhada o nach robh duine a’ fuireach agam co-dhiù.”
“Tha sin uabhasach math dhuibh ma tha,” arsa Alasdair, “mur bi e ’na chus dragh.”
Cha robh fhios aige fhéin an ath mhionaid carson a ghabh e ri cuireadh a’ bhodaich.
Thog am bodach poit gu taobh an teine agus chunnaic Alasdair gun robh na làmhan aige air dhol air droch chumadh leis an lòinidh.
“Dè as urrainn dhòmhsa a dhèanamh?” arsa esan.
“Nan toireadh tu na soithichean sin bho’n dreasair agus an cur air a’ bhòrd,” arsa am bodach, “bhithinn glé thaingeil.”
“Bha mi airson iomadach bliadhna ’nam chìobair air an stoc phàirt,” arsa am bodach an uair a bha iad a’ gabhail an suipeir.
Dh’ innis e do dh’ Alasdair gun robh e fhéin agus a bhean agus an nighean aige a’ fuireach anns an tigh gus an do dh’ fhalbh Eilidh o cheann seachd bliadhna gu cosnadh anns a’ bhaile. Phòs i an sin agus chaochail a bhean o chionn sia mìosan air ais.
“Bha iad ag iarraidh o chionn greis mo chur gu dachaidh nan seann daoine, ach ’s fheàrr leam fuireach anns an tigh agam fhéin fhad’s a tha cothrom agam idir.”
Dh’ innis am bodach so uile mar gum b’ ann mu dheidhinn cuideigin eile a bha e a’ bruidhinn. Cha robh càil ’na ghuth a bheireadh air duine smaointeachadh gun robh e duilich air a shon fhéin.
Thug Alasdair greis air innse do ’n bhodach dé bha e fhéin a’ dèanamh ach fad an t-siubhail bha inntinn air a’ bhodach fhéin. Carson a bha taobh cho mór aige ris a’ bhodach so? Chan e gu robh e Gàidhealach ged a bha taobh aige ris airson sin. Dé an t-eadar-dhealachadh a bha eadar am bodach so agus a’ chuid as motha de na daoine, feadhainn aca mór is beairteach, a-measg an robh e a’ cur seachad a bheatha?
Bha e fhathast a’ smaointeachadh air so an deaghaidh dha a dhol a leabaidh agus e ag éisdeachd ris an uisge a’ slaisreadh na h-uinneig agus mus do thuit e ’na chadal bha fhios aige dé bha ann.
Ghabh am bodach ris mar cho-chreutair, chan ann airson gun robh e a’ smaointeachadh gur e duine mór a bha ann no gum faigheadh e buannachd sam bith ás.
Chunnaic e aisling. Bha am bodach a’ coiseachd anns a’ mhonadh an ceann obrach. Faisg air bha treud dhaoine eile agus dh’ aithnich Alasdair ’nam measg cuid de’ n fheadhainn a bhitheadh a’ tachairt ris aig obair. Ach rud a bha neònach cha robh iadsan ach leth àirde a’ bhodaich; bha esan a dhà uiread ri duine aca.
Bha coltas iomgaineach orra uile agus iad a’ ruith anull ’s a-nall mar nach robh fhios aca càite an robh iad ag iarraidh a dhol, a’ breabadh agus a’ putadh a chéile a-mach ás an rathad. Chunnaic e e fhéin ’nam measg ’na sheasamh agus gun fhios aige dé an rathad a thionndaidheadh e ach chuir am bodach a làmh air a ghualainn.
“So an rathad agadsa a laochain,” arsa esan.
Dhùisg e le sin agus a’ ghrian a’ deàrrsadh troimh an uinneig. “Feuch gun tadhail thu a-stigh uair sam bith a bhitheas tu a’ dol seachad,” arsa am bodach agus e ga chur chun a’ bhus. “Cumaidh mi mo shùil air a’ chàr gus an tig na daoine.”
“Nì mi sin, gu dearbh,” fhreagair Alasdair. “Agus móran taing dhuibh a rithist airson ur coibhneis.”
Sheas am bodach greis a’ crathadh a làimhe an deaghaidh do ’n bhus falbh agus an uair sin thionndaidh e air ais.
Thug Alasdair sùil air a’ chàr mas deachaidh e á sealladh. Bha gleansadh ann leis a’ ghréin agus bha e soirbh aithneachadh gun robh e ùr, ach bha e a’ coimhead caran neònach ’na sheasamh anns a’ mhonadh leis fhéin.
Thainig fiamh-ghàire air aodann Alasdair.
“Tha sinn coltach ri chéile,” smaointich e, “feumach air seòrsa de dh’ ùrachadh mas teid sinn air an rathad a rithist.”
title | Am Bodach agus an Càr |
internal date | 1963.0 |
display date | 1963 |
publication date | 1963 |
level | |
reference template | Iain MacLeòid in Gairm 43 %p |
parent text | Fàire Ur a’ Nochdadh |