Atharrachadh Snuadh
Le CAIRISTIONA DICK
(Na deilbh le PETER LEDDY)
Tha bòidhchead Loch Laomuinn ainmeil air feadh an t-saoghail agus tha na mìltean luchd-shiubhail a’ tighinn ga coimhead a h-uile samhradh. Ach chunnaic sinn am bliadhna eireachdas eile air an locha so. Tha móran eileanan beaga oirre agus trì latha san t-seachdain tha am Post—Alec MacPhàrlain—a’ toirt na méilichean uca agus ’sann doirbh da-rìribh a bhiodh an t-sìde mun tigeadh tilleadh air Alec agus a “Waterwitch”.
Ach air a’ gheamhradh so, chunnaic muinntir nan eilean sealladh gu math neo-chumanta. ’Se sin am Post a’ tighinn uca air chois. Mar a chì sibh anns an dara dealbh, tha Alec a’ coiseachd air an locha agus na méilichean aig a mhac gan draghadh ás a dhéidh. Aig an àm, bha Loch Laomuinn, ceithir mìle fichead a dh’ fhaid agus cóig mìle a leud far as leatha bheil i, air a còmhdachadh le deigh o thaobh gu taobh airson a’ chiad uair o 1893.
title | Atharrachadh Snuadh |
internal date | 1963.0 |
display date | 1963 |
publication date | 1963 |
level | |
reference template | Cairistìona Dick in Gairm 43 %p |
parent text | Fàire Ur a’ Nochdadh |