[339]

An Sgeilp Leabhraichean

The Faroese Bird Names, le W. B. Lockwood (Ejnar Munksgaard Copenhagen, 1961. )

Tha ena chuis-smaoin do na Gaidheil cho fallains a tha cànan agus litreachas nan eilean Faroe, agus chan eil teagamh nach fhaodamaid gu leòr fhoghlum bho eachdraidh an t-sluaigh bhig so. A rèir coltais cha robh ach mu chóig mìle anam ag àiteachadh nan eilean anns an ochdamh linn deug nuair a bha a cheithir no chóig uiread eadar Arcaibh is Sealtainn. Tha a cheithir uiread sin ann an Leódhus a-mhàin an diugh, ged a tha eagal oirnn gu bheil na Gaidheil adol bàs mar chinneadh.

Chan e mhàin sin, ach bha na Faroes ceangailte ris na dùthchannan Lochlainneach bho chionn cheudan bliadhna. Anns abhliadhna 1380 rinneadh aonadh eadar an Niorbhaidh agus an Danmhairc, agus thainig na Faroes fo smachd na Danmhairce leis a sin. Eadar 1538 agus 1947 be cànan na Danmhairce a bha dleasadh aphrìomh urraim anns na Faroes, agus is fhada bho bha an chainnt air bilean an t-sluaigh. A dhaindeoin sin tha Faroese beò agus fallain fhathast.

Bhon bhliadhna 1947si prìomh chainnt nan eilean. Ged nach eil ach ceud bliadhna bho thòisich daoine deanamh móran sgrìobhaidh anns achànain so, tha i nis mar mheadhon leughaidh is sgrìobhaidh aig an t-sluagh gu léir, agus anns an linn againn fhìn chaidh móran a chlo-bhualadh innte, de iomadach seòrsa litreachais agus obair sgoileireachd. Tha smior-caillich anns na daoine so.

Anns an leabhar a tha fo ar comhair tha W. B. Lockwood asgrìobhadh mu ainmean eun anns achànain so, agus gan coimeas ris na h-ainmean a tha air an cleachdadh anns na dùthchannan Lochlainneach eile, bho Inis Tile gu ruig na Danmhairce. Air chùil na h-eachdraidh tha sgapadh farsaing nan Lochlainneach onochdamh linn agus theagamh roimhe sin. Ged a thainig cuid de na Lochlannaich a-measg nan Gaidheal le lamhachas-làidir bha an shluagh afoghlum bho chéile, mar a bhiodh nàdurrach, agus dhfhàg sin làrach air an chainnt.


[340]

Tha beagan de dhfhacail Ghàidhlig ann an cainnt nan eilean so, mar a thadrunnurbhon fhacal Gàidhlig dronn, agus is dòchadunnabhon fhacal tunnag. A rèir coltais thogadh am facaldunnamar iasad bhon Ghàidhlig mus do chuireadh -ag (an leasachadh peatail) ris an fhacal. ’Sesùlaa thaig na Faroe-aich air an t-sùlaire, agus bann bhon aon fhreumh a thainigsolanagussolandanns aBheurla. Ach chan eil sùlairean ann an Lochlainn idir, agus mar sin dhfhaodadh nach eil gnothach aig an fhacal ris na cànanan Lochlainneach, no ris na cànanan Gearmailteach air fad. Chan eil am facal aig na h-Eireannaich idir. Is dòcha cuideachd gun dainig am facaljarða (r) kona (agusjaðrakanan Inis Tile) bhon fhacal Gàidhlig adharcan; ma thàinig, is fhada bho rinneadh iasad dheth, oir feumaidh gu robh an -dh- am broinn an fhacail air fhuaimneachadh aig an àm.

Tha grunn math de dhainmean eun ann a thainig bho sheann chainnt nan Lochlainneach, agus a tha air an cleachdadh an Gàidhlig agus mar as trice am Faroese, leithid alca (faic Gairm, Aireamh 29, d, 50), álka (Faroese); sgarbh, skarvur; sgrabair, skrcipur; luaireag, líri; riodag, rita (agusrippekann an Sealtainn is dòcha); (f)arspag,


[341] svartbakur; sgàireag, skári (Seann Lochlainnis); langach, lomviga (langvéanns an t-Seann Lochlainnis); fulmair, fúlmár (S.L. ) budhaigir, bukari. Chan e an aon chiall an còmhnaidh a thaig an fhacal anns gach càraid, agus tha e uaireannanna chuideachadh do sgoileirean ann a bhith alorg seann fhreumh agus seann chiall nan ainm sin, gun deach an gleidheil beò ann an chainnt cho eadar-dhealaichte ri Gàidhlig agus Faroese.

Eil fhios a bheil buntannas aig an fhacal a tha air a chleachdadh gus na cearcan a thionaldiug, diugris an fhacalkjúka, a tha air a chleachdadh anns an aon dòigh anns na Faroes; tha ena ainm peatail aca cuideachd, aciallachadh cearc, agus tha min dùil gu bheil diuganan ga chur gu feum an Gàidhlig leis achialliseanan.”

Tha beagan anns an leabhar aig Lockwood mu ainmean eun a bha air an cleachdadh mar fharainmean agus gu bhith càineadh dhaoine no gan seidhigeadh. Tha sinn eòlach air a leithid anns aGhàidhlig: ’s aithne dhomh barrachd air aon duine air an robhSgarbh” ’na òige, agus is tric a chuala mi clamhan ga eubhachd ri fear a chuir droch chais air a nàbaidh. Bfhiach na rudan so, agus ainmean Gàidhlig nan eun air fad, an tuilleadh rannsachaidh a dheanamh orra.

R. McT.

titleAn Sgeilp Leabhraichean
internal date1963.0
display date1963
publication date1963
level
reference template

Ruaraidh MacThómais in Gairm 43 %p

parent textGairm 43
<< please select a word
<< please select a page