[267]

An Leac Chuileanach

Le D. J. PATERSON (Africa-a- deas)

BHO làithean mòige bha mi cluinntinn seann dhaoine agus mnathan ag innseadh sgeulachdan air nithean a thachair anns aGhaidhealtachd, agus tha mi cinnteach gu bheil móran dhiubh air chall anns na làithean so, agus tha mi deanamh oidhirp air aon dhiubh a chur a sìos anns a litir so.

Tha aig ceann Loch Dubhthaich ann a Sgìre Chinn t-Sàil, Cill ris an canarClachan Dubhthaich”, agus tha Leac air Uaigh ann ris an canarLeac Chuileanach”. Bha móran de dhroch fhuil eadar muinntir Chinn t-Sàile agus an nàbaidhean ann an Sgìre Strathghlais, agus bha iad an còmhnaidh afeuchainn air cothrom fhaotainn air a bhith asabaid ri chéile.

Bha duine dam bainmMoruich-Ialás Ceann t-Sàile ag obair ann an Strathghlas, agus fhuair e tinneas ann, agus chaochail e. Chruinnich prasgan dhe a luchd eòlais, agus a chàirdean ann an Cinn t-Sàile, agus choisich iad troimh na glinn agus na bealaichean gu Strathghlas, airson a chorp a thoir air ais gu bhith air adhlaiceadh ann an Clachan Dubhthaich.

Nuair a fhuair iad ciste-laigh agus nithean eile ceart cheangail iad achiste-laigh ri cabair-fhiodha airson a bhith gha ghiulan air an guaillean, agus nuair a bha iad adol seachad air a’ “Chillann a Strathghlas, bha adhlaic eile anns aChill, agus ghabh muinntir Chinn t-Sàile anail, agus dhfhalbh triùir dhiubh agus thug iad an leac a bha air an uaigh ùr, agus thug iad air falbh i, an dùil gu tigeadh muinntir Strathghlais ás an déidh, agus gu biodh sabaid ann, ach cha do ghluais na Glasaich ás an déidh.

Bhiodh ena nàireach na fàgadh iad an leac ann an sud, agus gheàrr iad meanganan coille, agus rinn iadGuidròpan dhiubh, agus cheangail iad an leac air guaillean dithis agus thug iad an leac agus an corp troimh na glinn gu Clachan Dubhthaich sgìth agus crùbach, agus dhadhlaic iad an corp, agus chuir iad an leac air an uaigh, agus tha i sin gus an latha diugh.

titleAm Fear Chuileanach
internal date1963.0
display date1963
publication date1963
level
reference template

D. J. Paterson in Gairm 43 %p

parent textGairm 43
<< please select a word
<< please select a page