Ioseph
le IAIN MAC A’ GHOBHAINN
S beag a bha dh’ fhios aca gur e am bruadairiche a bhuannaicheadh aig a’ cheann thall. Tha mi sgrìobhadh so a-nochd anns an Eiphit. (Chan fhaic duin’ e ach mi fhìn.) Nuair a sheallas mi mach air an uinneig chì mi biorramaidean na Pharaohs, ’s chì mi a’ ghrian aca a’ dol fodha.
Tha mi smaoineachadh air mo bhràithrean. O, bha iad toilichte gu leòr mo mharbhadh, no mo shadail anns an t-sloc. Airson a’ chòta iomadhathach a bh’ agam. Cha do thuig iad mi a riamh— ’s cha thuig iad dé ’s ciall do ’n chòta sin. Tha còta coltach ris orm an dràsda fhéin. Ged a dh’ fhiach iad ri mo mharbhadh cha deach ac’ air ’s cha téid leotha a chaoidh. Sin an rud nach eil iad a’ tuigsinn.
Cha do dh’ aithnich iad mi an toiseach nuair a thàinig iad ach dh’ aithnich mis’ iadsan. Is bha sin ceart gu leòr. Oir cha do dh’ aithnich iad mi a riamh.
Tha cuimhn’ agam a’ mhadainn a thubhairt mi riutha gun deanadh iad ùmhlachd dhomh. B’ ann aig àm an lòn-maidne a bh’ ann ’s bha mi air éirigh ás mo leabaidh, làn dòchais is aoibhneis. Dh’ innis mi dhaibh mu dheidhinn mo bhruadair, ach cha smaoinicheadh iadsan air càil ach airgead. Mise ’na mo chòta iomadhathach ’s iadsan ’nan còtaichean truagh làitheil. Dé chiall a bh’ aca-san?
’S a nis tha mi ’na mo mhaor os cionn na h-Eiphit—am bruadairiche! O, tha deagh fhios agam gun dèanadh iad an aon rud a rithist, nam faigheadh iad an cothrom. Dh’ ionnsaich mi móran anns an t-sloc. Choinnich mi am bàs an latha ud, ’s choinnich mi ’n fharmad. Bha mo chòta iomadhathach làn fola. Dh’ éirich biasd ás an dorchadas ceart gu leòr ach tha fhios agam a nis gu bheil a’ bhiasd ud ann. Sin bu choireach nach robh eagal orm anns a’ phrìosan. Cha bhàsaich duine dà uair.
Gach oidhche bithidh mi sgrìobhadh nam bruadairean a bhios a’ tighinn ’nam inntinn. Tha fhios agam dé thachras anns an Eiphit cuideachd. Thig Pharaoh ùr is tachraidh iomadh droch rud. Ach chì mi cuideachd gum bi sinn saor. Chan e gun còrd mo bhruadairean ri
’S a nis tha mi an so ’nam fhear-riaghlaidh, a’ làimhseachadh airgid—mise, am bruadairiche! Ruithidh iad ás mo dhéidh cho fad ’s a bhios cumhachd agam. Ach nuair a thréigeas an cumhachd? Dé thachras an uair sin. Ruithidh iad an déidh cuideigin eile, mo bhràithrean, ach aon, Beniamin. Cha dean esan brath orm. Feumaidh mi creideas a chur an sin co-dhiù.
Nuair a sheallas mi mach air an uinneig chì mi na biorramaidean. Tha iad aosd. ’S tha iad mór. Tha diathan eile anns an rìoghachd so. Tha i làn de nathraichean barrachd na bh’ anns a’ ghàrradh mhór làn cùbhraidheachd. Tha nathraichean anns gach àit. Sin a dh’ ionnsaich mi bho mo bhràithrean. Mura bithinn air ionnsachadh cha bhithinn an so an diugh. ’Se iadsan a thug dhomh an cumhachd—ged nach do thuig iad e. Shàbhail iad mi fhìn ’s iad fhéin leis an olc.
Chan eil mi a’ tuigsinn sin.
Dh’ ionnsaich mi cànan ùr ’s shàbhail mi mo dhaoine leatha. Rinn mi gall dhiom fhìn air an son. ’S thug mi dhaibh biadh gallda ’s tha iad riaraicht. Tha aobhar a choreigin air cùl sin, ged nach eil mi ga thuigsinn.
Tha e toirt gàireachdainn orm. Bha iad cho neochiontach mu dheidhinn an airgid ’nam beachd fhéin: ach mhill iad mi air a shon. ’S chan fhac iad sin. ’S aig a’ cheann thall, ’se mis’ a rinn an t-airgead ’s cha b’e iadsan. Mise—am bruadairiche—a fhuair an cumhachd, gu seallainn dhaibh gun deanainn sin cuideachd. Is mura bitheadh iadsan, cha robh mi air sin a dhèanamh. Eil iad a’ tuigsinn sin?
Tha iad a’ deanamh adhradh dhomh airson gu bheil an t-airgead agam, ach cha deanadh iad adhradh dhomh an uair a bha an còta iomadhathach agam. Chan fhaic iad sin nas motha.
O, well.
Tha ’n oidhche a’ tuiteam ’s a’ ghrian a’ dol sìos air na biorramaidean, mar a théid a’ ghrian sìos air m’ airgead-sa ’s air an airgead-san.
Bidh cuimhn’ aig daoine orm airson a’ chòta iomadhathach ’s airson mo bhruadairean, is chan ann airson mo chumhachd. Bu chòir dhaibh sin fhaicinn.
Bu chaomh leam móran a sgrìobhadh mu dheidhinn na h-Eiphit ach ’sann a tha mi sgrìobhadh mu dheidhinn mo bhràithrean ’s mo dhachaidh fhìn ged a thachair iad rium. Tha sin neònach, nach eil? Is chan aithne dhomh sgrìobhadh gu domhainn ann an cànain na h-Eiphit. Tha sin éibhinn cuideachd.
Tha h-uile càil cho éibhinn ’s gur ann a tha mi smaoineachadh: Chan eil rian nach deach mo thaghadh airson aobhar iongantach a choreigin.
’S tha sin éibhinn cuideachd.
title | Iòseph |
writers | Ian Crichton Smith |
internal date | 1963.0 |
display date | 1963 |
publication date | 1963 |
level | |
reference template | Iain Mac a’ Ghobhainn in Gairm 43 %p |
parent text | Gairm 43 |