[353]

Air An Spiris

’SE saoghal iongantach a bhiodh ann mura biodh daoine agearains ag eubhach. Cho luaths a tharraingeas e anail tha an naoidhean aleigeil eubh ás, agus ni e iomadach cànran an déidh sin afeuchainn ris an t-saoghal a thoirt gu a riar fhéin. Ach ma bhios e glic, is ma gheibh e stiùireadh, tuigidh e an ceann sreath gur h-e an gnìomh a ni e fhéin as motha a chuidicheas leis na an gearain a ni e ri daoine eile.

Thainig iomadach piseach air an dùthaich so, agus air an t-saoghal, ri linn gearain an aghaidh ana-ceartais. Thugadh achlann a-mach á mèineachan aghuail agus chuireadh don sgoil iad; thugadh móran fearainn air falbh bho dhaoine nach robh acur feum air agus thugadh do shluagh na dùthcha e; fhuair na tràillean an saorsa ann an Ameireaga is an àitean eile, ged tha móran adhartais ri dhèanamh fhathast saphuing so; tha clann Ghàidhlig Siorrachd Inbhir-Nis afaighinn teagaisgnan cànain fhéin a nis. Sin cuid den bhuaidh a thug an gliocass an gearain a-mach.

am buntanas a thaig an t-searmoin so ri Gairm? Cha bheag sin. Is iomadh uair a chuala sinn gu bheil Gairm ro dhomhainn, no ro aotrom, ro Leódhusach no ro Uibhisteach, ro sud no ro so. Chan ann agearain mun chùis so a tha sinn idir. Cumaibh oirbh gar piobrachadhtha na bliadhnachan móra ann bho chuir sinn craiceann abhuinn air abhathais. Ach deanaibh gnìomh a thuilleadh air aghearain. Cuiribh laoidh no feallsanachd thugainn nuair a their sibh gu bheil sinn ro aotrom; cuiribh rud éibhinn thugainn nuair a shaoileas sibh gu bheil sinn afàs trom.

Ma tha thusa, a Sgitheanaich no a Bharraich no a Ilich, asmaoineachadh gu bheil sinn ro Leódhusach, cuir rud thugainn a bheir blas eile air Gairm. Seall ris an àireamh so, is thoir breith a bheil blas ionadail air. As na cóig daoine fichead a tha sgrìobhadh tha seisear a mhuinntir Leódhuis. Tha an trìtheamh earrainn de shluagh na Gàidhlig de chuideachd Leódhuis, ach ma sin cus leat, sgrìobh thugainn nas trice. Agus ma tha e ro bheag leatsa, a Leódhusaich, leig eubh asad!

titleAir an Spiris
internal date1963.0
display date1963
publication date1963
level
reference template

Gairm 44 %p

parent textGairm 44
<< please select a word
<< please select a page