Uighean Fhaoileag Is Gaol Seoladair
Le UISDEAN LAING, (Abhainn-nan-Eala, Astràilia-an-Iar)
CHA robh cabhag sa bith air Fionnlagh Caol ged a bha a’ Bhealtainn seachad agus an treobhadh fada bho bhith crìochnaichte. Bha a’ chruit aige anns a’ Bhràighe agus co aig nach robh deagh fhios gu robh Bràighe Bhaile-na-Staoine fliuch agus bog? Bhiodh e na b’ fheàrr feitheamh—thiormaicheadh a fearann—chuireadh e làmh ris a’ chrann uaireigin eile. Anns na làithean sin, lethchiad bliadhna air ais, bha pailteas do thìm, fàsaichean farsainn ciar-glas dhi, aig na cruitearan. Agus dé b’fhiach an tìmsin? Leth-chrun a latha air a speal, dà thasdan a’ sgaoileadh inneirich, ochd sgillinn diag a’ ceangal—nuair nach robh làithean féille droch shìde no cion obrach a’ cur stad air saothair fearainn agus cladaich. Bha cho math do dhuine a làmhan a chur ’na phòcaidean agus a fàgail ann.
Anns a staid inntinn so, smaointich Fionnlagh nach biodh nì cho tlachdmhor ri sràid a ghabhail air a shocair mu chuairt nan cruitean fiach a faigheadh e mach dé bha daoine eile a’ dèanamh no smaointinn. Cha robh e fad air a sgrìob nuair a thug e an aire gu robh duine mór, coltach o astar ri Calum Mór Chnoc-na-Leacan, agus dithis dhe na sgoilearan còmhla ris, a’ làimhseachadh seòrsa do dhéile leathainn aig taobh a deas Loch-na-Bogaich, làmh ri Gob-a- Choidhleum. Ràinig e iad— ’se an gille mór a bh’ ann agus bha e a’ cuideachadh nam balach a’ cur ri chéile ràgh anns a robh dùil aig an dithis ghillean beaga dhol a-mach air a loch gu Eilean-a- Choidhleum. Bha Calum air uidheam shaoirsneachd a thoirt thuca—òrd, sàbh, tairgnean agus rola de ròpa caol cruaidh agus bha poca aig na gillean fhéin anns a robh iad a’ dol a chur nan uighean faoileag a bha lìonmhor air an eilean aig an àm so dhe ’n bhliadhna.
Chan e gu robh déidh sa bith aca air biadh cho searbh ’s cho fiadhaich ri uighean fhaoileag—bha cho math leo a fiaclan a chur an gréim ann a feòil seann reithe air a robh a’ bhragsaidh no ann an aran eòrna anns a robh tuille ’s a chòir do smodal a chaidh a-measg na mine anns a’ mhuileann. ’S gann gu robh duine no brùid anns a’
Oidch’ àraidh anns a sgoil-oidhche dh’ innis an òigre do ’n Mhaighstir-sgoile gu robh muc-mhara marbh air an tràigh aig Gob-a- chonais agus choisich e suas machair Sgarbhacleit an ath fheasgar fiach a faiceadh e i. ’Se annas a bha innte. A chionn nach robh muc-mhara no uiread is muc-ruadh no dallag ri fhaicinn, dh’ fhaighnich e anns a sgoil air a larna-mhàireach dé a thachair do ’n mhuc-mhara agus fhuair e freagairt a chuir iongnadh air, “Dh’ ith cù MhicCeileag i.”
Air a latha so bha feum àraidh aig na balaich air na h-uighean. Mun tàinig spuirt Shasuinneach gu ruig Uibhist, bha e ’na chleachdadh aig na sgoilearan a bhith ri cluichd-an-tighe, speilean, iomain agus blàir-phluic air sliabh ris an canadh iad an Cumhag. ’Se cluichd shalach a bh’ anns na blàir agus dhiùlt a Maighstir-sgoile cead dhuinn a bhith ri còmhstri cho mosach ’s cho robach ann am pàirc-cluiche an tigh-sgoile.
Bha an dithis ghillean air an inntinn a dhèanamh suas gum biodh uighean fhaoileag, co-dhiù nam biodh iad grod, cus na b’ fheàrr na na plodain mòintich leis am biodh iad mar bu trice a’ dalladh air a chéile air a’ Chumhag. Sgoilear sam bith a thilleadh do ’n sgoil an déidh àm dìnnearach le spuachdan dubh do mhòinteach bhog air fhalt no air a chuid aodaich, gheibheadh e na stràcan bho ’n Mhaighstir-sgoile agus chuirte mach ás a sgoil e gu Runnach Earchaidh fo smachd“pupil-teacher”gus an glanadh e e fhéin. Ach nam biodh spuachdan buidhe do dh’ uighean fhaoileag air—agus na h-uighean grod—dé crìoch a’ ghnothaich? Gun teagamh, nan tachradh a leithid a rud, bhiodh an ceòl feadh na fìdhle agus, mar a thachair nuair a bha a’ bhreac mhór sa’ Bhaile, math-dh’ fhaoidte gu feumadh iad a sgoil a dhùnadh—gus a stadadh na faoileagan air breith. ’Se “fun garbh” a bhiodh a sin, mar a thuirt Murchadh Beag, an gille éibhinn Sgiathanach rium ann an Cinn-a- ghiùsaich a latha a chaidh am ball-iomain troimh uinneag an tigh-sgoile, a’ toirt deagh sgailc air an t-sròin do mhaighstir-sgoile air a robh gràin aige. Cha chreid mi gu robh na blàir a’ còrdadh ris a’ Mhaighstir-sgoile. ’Sann á Sasuinn a thàinig e, rathad Lunnainn, agus bha sinn fo amharas nach robh e eòlach air blàir-phluic ann a sgoiltean Shasuinn idir. Na Sasunnaich sin— ’se daoine neònach a bh’ annta, cha chuireadh na Staoinich nì sa bith seachad orra. Bha iad cho iongantach ri Barraich agus Leódhusaich. Tha iomradh anns an Eachraidh Chronaichte gum biodh na Sasunnaich ag ithe ballaig-bhuachar agus easgannan beaga dubha á Loch Raineach agus bha e duilich a chreidsinn gun itheadh cù MhicCeileag fhéin treallaich ana-cneasda dhe’n t-seòrsa sin. An diugh, chanadh sinn, ann an Gàidhlig ùr nam bàrd Leódhusach, cànan nan gugaichean, gum b’ann ann a “Iunibhers” eile a chaidh an togail. Ach thig orm tilleadh air ais.
Nuair a bha ràgh air a cur an òrdugh agus na gillean a’ dol air bòrd, maide chaidh a shàbhadh á bocsa bhrioscaidean ann a làmh gach aon dhiubh airson iomaradh, dé rinn Fionnlagh còir ach bacadh a chur air a’ chùis? A chionn gu robh e furasda dha e fhéin a sgeadachadh ann an ùghdarras nach buineadh dha bha e ’na “shergeant” anns a’ mhilisi—thuirt e, mar fhear nach fuilingeadh cur ’na aghaidh, nach robh e reusanach no sàbhailte do dhithis ghillean òga dhol a-mach air a loch leo fhéin. Rachadh e fhéin agus aon dhiubh air a ràgh agus dh’ fhàgte an gille eile air tìr. Ged a bha deagh fhios aig Calum agus aig na balaich nach robh cunnart sam bith ann—cha robh doimhneachd
Mar sin dh’ fhàg an dithis oir a loch agus thòisich iad air iomaradh ach cha robh iad ach mu dheich shlatan air an cùrsa nuair a mhothaich iad gu robh a ràgh tuille is domhainn anns an uisge agus iad fhéin fliuch chun nan glùinean. Cha dèanadh so an gnothach. Thug Fionnlagh air a’ ghille leum thar na déile agus grunnachadh gu tìr agus lean e fhéin air adhart ’na aonar. Bha a’ ghaoth le oiteagan brasa bho’n ear a’ beothachadh fad an t-siubhail agus bha Fionnlagh cho tur aineolach air marachd ’s a bha a’ chuid mhór de chruitearan a’ Bhaile—ma bha a leithid a rud comasach. An àit’ a bhith ag oibreachadh a mhaid-iomaraidh air taobh an fhuaraidh ’sann a bha e ag iomaradh air taobh an fhasgaidh agus bha a’ ghaoth ga tharrainn air falbh an iar air an eilean gu meadhon a loch. Ged a bha an triùir a bha air tìr leth-choma càit a rachadh e fhéin is a ràgh, thòisich Calum air smèideadh air ga chomhairleachadh iomaradh air an taobh eile. Rinn a maraiche sin ach, a dh’ aindeoin a spàirn, bha a’ ghaoth tuille is làidir ’na aghaidh, agus mu dheireadh bha e na b’ fhaid’ o’n eilean na bha e nuair a dh’ fhàg e oir a loch. Cha robh aige ach oidhirp a dhèanamh air tilleadh air ais. ’S math a long a bheir a-mach . . . .
Ged a dhìt e a’ ghaoth-an-ear gu peanas sìorraidh ann an Ifrinn cha do dh’ atharraich sin neart no slighe na gaoithe agus dh’ fhairtlich air Gob-a- Choidhleum a ruighinn. Mu dheireadh thall chaidh stad a chur air ann am bàgh beag salach cuilceach an iar air a’ Ghob agus cha b’ urrainn dha dhol air ais no air adhart— “Fionn ann an tigh a’ Bhlàir Bhuidhe gun chomas éirigh no suidhe,” mar gum biodh. Cha robh e nis ach mu fhichead slat bho oir a loch agus bha e comasach dha Calum Mór a chluinntean ag éigheach “Fuirich far a bheil thu agus caithidh mi ròp thugad.”
Ged is e smior a’ phoidseir a bh’ ann an Calum nuair a bhiodh na geòidh ghlasa ’na shealladh, bha rudeigin fada ceàrr air a chuimse leis a ròpa a latha bha so. An déidh snaoim cruaidh agus mór a chur air ceann a ròpa, air eagal (smaointich Fionnlagh) gu sleamhnaicheadh e troimh làmhan, thilg Calum Mór a ròpa gu seòladair na déile mar gum biodh e a’ caitheamh an ùird aig“Games”Dhalabrog. Cha do ràinig a ròpa a ràgh ach nuair a bhuail e an t-uisge, rinn e uiread steall ris an Eas-Bhàn fo thuil agus bha iomagan air Fionnlagh tiota beag dé b’ fheàrr—a bhith air a bhàthadh anns a loch no air a ràgh. Thàinig
Ré na h-uile-thruis so bha na gillean beaga a’ cur car-a- mhoiltean dhiubh fhéin air an fhiar aig taobh a loch—chan fhac iad a leithid do spòrs riamh roimhe—agus bha Calum cho lag le gàireachdaich ’s gura gann a rachadh aige air a ròpa a thilgeadh idir. Air an adhbhar sin cha robh an ath chaitheamh ach socrach agus sìtheil. Rinn Fionnlagh gréim air a ròpa agus chaidh e fhéin agus a ràgh a shlaodadh gu tìr. Bha e air a shàbhaladh—gun mhóran taingealachd nochdte ’na aogas.
Ach chan e so a sgeula gu ceann. Bha leannan aig Fionnlagh air an taobh eile dhe’n loch, Peigi Bhàn, ann am Peighinn-nan-Craoisleach, agus chaidh e a shuirghe orra an ath oidhche ach có bhiodh ann an cidsean na Banntraich, màthair Pheigi, roimhe ach dithis thoirmeisg á Baile-na-Staoine agus, mun do ràinig Fionnlagh an tigh, bha iad air a thoirt a chreidsinn air a’ Bhanntraich gu robh Fionnlagh ann an cunnart a bhàthadh an dé air a loch agus gum biodh e air a bheatha a chall gun teagamh mura b’e ’s gun do shnàmh Calum Mór ga ionnsaigh agus gun tug e gu tìr e. Chreid am boireannach bochd a h-uile facal a thuirt na truillich agus, cho luath ’s a thàinig Fionnlagh a-stigh air an dorus, thòisich i, ann an coibhneas a cridhe, air innse dha a duilichinn nuair a chual i mu chruadal agus a taingealachd nach robh gnothaichean na bu mhiosa. “Fhionnlaigh, a ghràidhean,” ars ise “Nach tusa bha fortanach gu robh an gille sgairteil ud, Calum Mór a’ Chnuic, aig taobh a locha nuair a bha do chunnart cho mór. Mura biodh e cho gaisgeil ’s a bha e, bhitheadh thusa, m’eudail, an dràsda sìnte ’nad ghiobain
Cha tàinig diog á bial Fhionnlaigh ach thug càch an aire gun do dh’ fhàs aodann cho dearg ri giomach air a bhruich. Cha b’ urrainn do na gillean casg a chur orra fhéin fada agus thòisich a’ ghàireachdaich—agus bha gàire Peigi os coinn chàich. Chuir an cridhealas so iongnadh mór air a’ Bhanntraich ach cha robh neach a làthair a bha deònach an fhìrinn innse dhi. Ach bha an fhìrinn, ann a riochd ùr, soilleir gu leòr do Fhionnlagh—ann an gàire Peigi. Agus bha an fhìrinn searbh—cho searbh ri uighean fhaoileag.
Chan eil an còrr ri “ràgh.”
P.S.
1. Chan eil e furasda ùghdar na h-Eachraidh Chronaichte a lorg aig a latha ’n diugh ach feumar aideachadh follaiseach a dhèanamh do na fir-deasachaidh agus do na leughadairean—ma tha gin ann—nach biodh e comasach, ás aonais na h-eachdraidh luachmhoir so, a sgialachd a chur air pàipear.
2. Ma tha neach sam bith ann am Baile-na-Staoine no anns an nàbaidheachd amharasach gu bheil e a’ faicinn a dhealbh fhéin anns a sgialachd, chan eil e a’ mealladh duine air thalamh ach e fhéin.
[Sanasan]
title | Uighean Fhaoilleag is Gaol Seòladair |
internal date | 1963.0 |
display date | 1963 |
publication date | 1963 |
level | |
reference template | Uisdean Laing in Gairm 44 %p |
parent text | Gairm 44 |