[413]

TEINE CEANN FOID

le Ailean Caimbeul MacGilleathain

Eadar-theangaichte le Pol MacAonghais


[414]

Teine Ceann Foid

EARRANN IV

Portrigh air an Oidhche

NUAIR a fhuair sinn am bàta fo sheòls a thog sinn a-mach ris aghrìpe uabhasach ud, bha mi fhìn glé thaingeil gur e Màrtainn a bhaig an stiùir, seach duineile den sgiobadh. Tha an grìp ud deas gu Portrìgh cho oillteil ri cladach than Alba agus be duine gu math dàna agus dom baithne a ghnothach fo sheòl a rachadh gu deònach air oidhche dhorcha fo na stalaichean ùdlaidh ud. Is iomadh iasgair ghiomach a chaidh a dhìth air an dearbh chladachbràthair mathar fhìn air fear dhiubh.

Ach a-nochd bha earbsa agam ann am Màrtainn. Air muir cha ben aon duine idir a bhann agus be iongnadh nan iongnaidhean leam a bhith ga fhaicinn. Bha e gun eagal gun uallach, gun aon mhothar baoth gàire tighinn ás a chorp nuair fhuair e falmadairna dhòrn is a h-aodach a rèir a roghainn. Is e bhagainn sachuideachd ach smear amharaiche agus bu mhath e bhith leinn, air oidhche den t-seòrsa seo, le oiteagan grànda atighinn a-nall oirnn o chladach Rathasaidh.

Leis aghaoith tuath atighinn làidir air a gualainn, bha astar math aig anSea - floweris i gearradh nan stuadh gu h-aigeannach. Ged a bhan oidhche fuar is frasan fionnar gar claoidh uaireannan, cha do dhfhairich mi fhìn fad sam bith e gus an do nochd rubha cas Sgoire Breac. Bha bial bàgh Phortrìgh leis oirnn ann an tiotan.

Nuair a dhèalaidh Màrtainn na bfhaisge ri na creagan is e deanamh deiseil gus a tionndadh a-stigh don acarsaid, bha mo chridhe plosgail gu h-eagalach. A rèir mar a chuala mi, bha an Sgeir Dubh an àiteiginn faisg oirnn a nis ach òirleach dhi chan fhaicinn san dorchadas. Mun dfhuair anSea - flowertighinn mun cuairt dòigheil, rug droch mhuir oirre, oir bha ghaoths an sruth astrì ri chéile aig bial abhàigh. Nuair a lìon na siùil a rithist chaidh i fodha chun abheòil, is chunnaic mi san dorchadas, an sàl asrùidhleadh geal mu na bacan aice. Rinn sinn uile gréim bàis air a cliathaich ach chùm Màrtainn a h-asnaichean san fhairge mar seo fad ùine mhóir gus an robh mi cinnteach gun sgàineadh a cuairtean air neo gun rachadh car dhi mur cinn. Bha mig ùrnaigh gun cuireadh e


[415] beagan an ceann i, ’s gun toireadh e faochadh dhi ach bha e cho math nach do chuir. Nuair a shìolaidh aghaoth beagans a fhuair i éirigh beagan às an fhairge, thug mi sùil thar a gualainn a-stigh ris abhàgh. Bha gob grànda, biorach na sgeireadh asguabadh seachad oirnn san dorchadass gun eadarainn ach dha no trì shlatan. Thug mi sùil air ais air Màrtainn. Cha robh uallach fon ghréin air, is shaoileadh tu gu robh farsaingeachd achuain an iar aige fo na bùird.

Mu ar coinneamh bha solus rionnagach no dhà o na h-eathraichean iasgaich a bhair acaire sabhàgh. Leis aghaoith a tuath nar cùl a nis sguab sinn seachad orra ann an tiotan is theann sinn a-stigh ris a lamraig. Ach chunnaic mi an sin Lachlainn Bàn acomharrachadh a-mach abhàigh a bhan ear air an lamraig mhóir is chùm Màrtainn a sròn a-mach gus an dfhuair sinn timcheall Rubha aMhill. Air cùl an rubha bha bàgh mór farsaing. Chùm sinn an iar, adèanamh air an fhasgadh a-stigh ri bun aMhill. Nuair a theann sinn ri cladach, chaidh Iain is Eachann a leagail nan seòl. Bha sraon math aice fhathast is leum Lachlainn Bàn seachad orm gu sgiobalta chun an acaire. Sheas e leis san toiseach agus, nuair a shad e thar na cliathaich e, bha dùileam gun dùisgeadh na mairbh, leis an steall a dhéirich. Thug mi sùil uallachail mun cuairt. Ach air tìr cha robh gluasad, no duine beò ri fhaicinn. Nochd aghealach greis bheag eadar na sgòthan is chaidh agam air tigh no dhà mun chladach fhaicinn agus na craobhan móra gruamach a bha fàs air bruaich aMhill. Ach cha bfhada mhair an t-soillse. Bha aghealach air a dubhadh ás ann an tiotan is thuit an dorchadas iomallach mun cuairt duinn a rithist. Air taobh thall abhàigh, fada deas oirnn, bha adonnalaich gu tiamhaidh.

Chruinnich sinn còmhladh san deireadh is shlaod Iain Beag agheòla a-stigh dlùth ris an eathar. Thug min aire gun robh càch adùr-choimhead air Lachlainn. Nuair a thionndaidh mi bha e air gréim a dhèanamh air gualainn Mhàrtainn agus, leis achlisgeadh a thànaig airsan, is math a dhaithnich e bha tighinn.

Seadh, mathà, Mhàrtainn,” arsa Lachlainn air a shocair, “a-stigh don gheòlaidh thu.” “Dhia, ’s mise nach dean dad dheth! Tha mise fuireach san eathar gus an till sibh.” “Iomairidh tu sinne gu tìr, a laochain,” arsa Lachlainn, “agus ni thu gu sgiobalte. ’S math tha fios againn tha fa-near dhut. Agus ma tha thun dùil teicheadh air ais leis agheòlaidh, cuir ás do cheann e. Tha sinne dol a thoirt nan ràmh leinn nuair a gheibh sinn air tìr. Fuirichidh tusa mun chladach gus an till sinn. Chan eagal don eathar; fuirichidh[416]


[417] Alasdair an seo leatha.”

Cha chairich mise cas ás a seo,” dheubh Màrtainn.

Cha do thog Lachlainn a ghuth. “Thoir agheòlort, a laochain,” ars esan, cho socairs gur gann a chluinnte, “air neo tha fhios agad thachras.” Rinn Màrtainn bruindeil is gearain gu leòr is è rinn, ach thug e gheòlair gu math sgiobalta. Lean Iain is Eachann e gun dàil. Thionndaidh Lachlainn rium san dealachadh. “Cùm do chluas ri claistneachd, Alasdair. Nuair a ruigeas sinn an cladach air ais le dathair ni mise eubh na comhachaig. Cho luaths a chluinneas tu sin, tog an t-acaire, is bin t-eathar deiseil romhainn nuair a ruigeas sinn.”

Ceart matà,” thuirt mi. Sheall Lachlainn orm greis agus e tuigsinn fìor mhath an t-eagal a bhorm is mar a bha mi guidhe ri Dia gun rachadh leotha.

Coma leat, ’ille,” ars esan. “Bi e againn a-nochd fhathasts chan fhad uige, ma ghabhas e idir dèanamh.”

Aig sealbh tha fios gu cho fads a dhfheith mise an oidhchudnam ònrachd air bòrd anSea - Flower. Is cinnteach nach robh e leth cho fads a shaoil mi ach bha clisgeadh air manam fad na h-ùine is eagal dearg mo bheatha orm gun éireadh truaighe air choreiginn do mchàirdean. Bha h-uile diasgan a thigeadh ás abhàta no ás na ròpan gam chur á cochall mo chridhe agus, gach mionaid, bha mi feitheamh ri fuaim na h-iorghail o thìr is solus nan lainntearan fhaicinn feadh abhaile air tòir mo dhaoine.

Bha mi cho troimh a chéile leis an eagals leis an iomagans gun do sheas mi greis mhath ag éisdeachd ri eubh na comhachaig, mus do thuig mi bha tachairt. Ach nuair a chuala mi fuaim an iomraidh chabhagaich is brag aig na tàimh sna bacan, leum mi chun an acaire. Tharraing mi stigh an ròp cho dians a dheanadh mo chorps mi deanamh mo dhìchill gun maill a chur air càch. Bha cudthrom math ann ach fhuair mi air bòrd e is an fheamainn a shracadh bhar na pliuthain mun cuala mi gheòla sgrìobadh ri deireadh an eathair.

Nuair a thill mi sìos bha Màrtainn ga thogail fhéin air bòrd ás a gheòlaidh. “Greas ort, Alasdair, greas ort,” ars esan agus aonach air, “Tha Lachlainn Bàn gad iarraidh.” Cho luaths as urrainn dhut, ’ille!” Bha mo chas air bial na geòladh ann an tiotan ach stad mi far an robh mi. “Carson a tha e gam iarraidh-sa?” “Dathair, Alasdair. Chaidh dathair a ghortachadh. Gu math dona cuideachd Na dean maill sam bith.”


[418]

Thanaig fallas fuar tromham. ’Se seo bu choireach gun do dhearb Lachlainn na ràimh ris. Feumaidh gu robh mathair an droch shuidheachadh da-rìribh. Thug mi cruinnleum don gheòlaidh is dhiomair mi mar dhuine air chaoch is an t-eagals an t-uallach afàsgadh mo chridhe. Rinn mi gu tìr ann an tiotan agus leum mi ás agheòlaidh. Nuair a fhuair mi a toiseach a tharraing air an fhiar, choimhead mi mun cuairt airson chàich. Aig an dearbh àm, thanaig sgàineadh eadar na sgòthan a bha seòladh os mo chionn is nochd iomall na gealaich is dheàrrs a solus a-nuas air abhàgh. Thug mi sùil air mo chùlaibh is chunna min rud a thug na deòirdeòir na tàmailt agus is searbh iadgu mo shùilean. Bha anSea - Flowerair togail a-mach fo a h-aodach is an deagh astar aice nis timcheall Rubha aMhill.

Sheas mi gun ghluasad, mar fhear air a shuim a chall agus gluchd achaoinidh ag éirighnam chom. feum tuilleadh a bhith guidhe sgrios air Màrtainn cealgach. Bha e air dearg amadan a dheanamh dhiom is bha h-uile dad caillte nis air thàilleamh cho faoins a bha mise.

Nuair thainig iad a-nuas an leathadnan roidLachlainn is mathair is an dithis eile is ràmh an urra air an gualainn, cha burrainn dhomh diog a radha an toiseach riutha, ged a cheistnich iad gu teann mi. Mu dheireadh dhinns mi dhaibh an rud a bha iad air a thuigsinn mu thràth, gun deach mo char a thoirt asams nach robh sgial air anSea - Flower.

Feumaidh gun dfhuair e gréim air paidhir ràmh eile an àiteiginn mun chladach,” arsa Lachlainn. “Tha geòla na dhà ri port sabhad-sa tha mi cinnteach.” An còrr cha duirt e mu Mhàrtainn ged is cinnteach gu robh e guidhe sgrios air anam cealgach. Ben ath rud a dheubh e. “Am falach na ràimh sin fhearaibh, cho luaths a thagaibh! Caithibh suas eadar na craobhan iad.” Leum e fhéin sìos gu oir na tuinne is ghlac e na ràimh a bha sagheòlaidh. Cha robh fhiosam chanainn nuair a thilg e mach air amhuir fear mu seach, iad. Rug en uair sin air agheòlaidh is ghrunnaich e mach leatha gus an robh an t-uisge fo na h-achlaisean aige. Le aon ùpag, chuir e car dhith is phut e mach air an t-sruth i. “Cumaidh siod cagnadh riutha greis bheag air choreiginn,” ars esan is e tighinn air tìr bog, fliuch. “Saoilidh iad gun deach car dhi, is sinn innte. Nis, a-mach á seo sinn! Dhfhalbh ena leum, is sinne ás a dhéidh, a-null ri oir abhàigh, gus an dfhuair e frith-rathad beag a bha ruith suas eadar na tighean.


[419]

Chùm sinn oirnn cho maths a burrainn dhuinn ás a dhéidh ged a bha an dìreadh a nis afàs gu math cas. Rànaig sinn an sin caol-shràid dhorcha eadar bhalla àrd. Ged nach baithne dhomh idir Portrìgh ro mhath bha mi deanamh dheth gu robh sinn air taobh an iar abhaile faisg air achòmhnard far am biteadh reic nan each air an t-samhradh. Bha sinn an impis ruith air adhart nuair a stad Lachlainn mar gum buaileadh am peilear e. Chuala sinn uile gu taisbeanach na brògan tacaideach aruith air achabhsair is chunnacas solus nan lainntearan adeàrrsadh air na ballachan shuas mur coinneamh. An ears an iar bha na fìdeagan gan séideadh. Bha sinn air ar cuartachadh! Cha robh dol ás againn a nis, mura tilleamaid chun achladaich, ’s cha robh dòigh air teicheadh ás a sin gun bhàta bheireadh ás sinn.

Greasaibh oirbh,” arsa Lachlainn, is e cromadh air a ghlùinean.

Null air abhalla sibh!” Leum Iain Beag air a dhruim is fhuair e gréim a dhèanamh air amhullach. Ann an tiotan bha e gobhlach air mullach abhalla agus e slaodadh mathar suas ri thaobh. Thog e mise suas an uairsin is leum mi sìos air an taobh thall ás déidh mathar. Bha Eachann is an dithis eile nuas ás ar déidh ann an tiotan. Cho luaths a bhuail a bhuinn an talamh, leum Lachlainn a-null tarsainn aghàrraidh eadar na toran mhóra mhaidean a bha suds an seo a-measg an fheòir. Stad e aig bothan beag fiodha bha taobh thall aghàrraidh is dhfhiach e na h-uinneagan. Bha dhiubh nach robh glaiste. Dhfhosgail e air a shocair i agus, fear an déidh fir, chaidh sinn a-stigh.

Bha am bothan seasgair ud làn de fhàileadh cùbhraidh an fhiodha agus an t-ùrlar làn shlisein.

Leigibh ur n-anail a nis, fhearaibh,” arsa Lachlainn air a shocair, “Is dòcha gum bi sinn greis mhath an seo.”

Bha mi sgrùbail san dorchadas airson àit anns an suidhinn. Dhfhairich mi fo mlàimh bocsa làidir, fiodha is shuidh mi air uachdar gu math taingeil cothrom faochaidh a thoirt do mchasan, a bha call an lùis, ’s adol air chrith fodham. Shìn càch air an ùrlar a-measg nan slisean, iad fhéin air an claoidh gu mór. Bha aonach air a h-uile duine againn agus, le fuaim socair na h-analach is fàileadh tlachdmhor an fhiodha air feadh abhothain, thuit an cadal gu trom orm fhìn. Ach mun do thàr mo shùilean dùnadh, chuala mi na fìdeagan a rithist. “Isd! Isd! ,” dheubh mi gu cabhagach agus am fuaim asìor thighinn na bfhaisge. Chualas buillean troma, fiadhaich air dorsan, daoine[420]


[421] ruith an suds an seo is cuideigin ag eubhach òrdan. Cha do ghluais duinagainn. Thòisich an sin gnogadh cho cruaidhs gun do shaoil min toiseach gur ann air dorus abhothain a bha e. Bha cuideiginn ag eubhach is cha robh e fada bhuainn. Chuala sinn an dorus ga fhosgladh is monabar bruidhne. Cha deanamaid a-mach facal, ach chualas cuideiginn adeanamh gàire mór cridheil. Chaidh an dorus a dhùnadh is thòisich na fìdeagan ás ùr. Bha iad cho faisgs gun do dhéirich sinn nar seasamh leis an eagal. Ach bha fuaim nam brògs nam fìdeag asìor tharraing bhuainn mean air mean is thuit sàmhchar throm phrìseil oirnn a rithist. Shuidh mi sìos air ais air mo bhocsa is shocraich càch iad fhéin air an ùrlar air ais. Cha do ghluaiss cha do bhruidhinn duine againn fad ùine mhóir. Be mathair achiad fhear a thuirt facal. “Is bochd nach do dhfhàg sibh saphrìosan mi, fhearaibh. Cha tig an latha gheibh sinn ás a seo. Bidh sibhse uile saphrìosan air mo sgàth-sa fhathast.”

Eisd Alasdair,” thuirt Lachlainn. “Na cluinneam an còrr asad mu dheidhinn.”

Dhfhosgail dorus abhothain cho socairs nach cuala duinagain e. Ach, nuair a dheàrrs solus na lainnteir a-stigh oirnn, dhéirich sinn sgiobalta gu leòr gu ar casan, tha miseg innse dhuibh.


Slighe Chunnartach

Taing do Dhia, cha be na polasmain, is dagaicheannan dòrn a bhair cùl na còmhladh, ach duinena ònrachd, is gun dadna dhòrn aige ach a lainntear a chuir an clisgeadh oirnn. Gun aon fhacal a ràdha, dhùin en dorus air a shocair ás a dhéidh agus ghabh e nall far an robh sinn. Thog en lainntear suas os a chionn gus am faiceadh e na bfheàrr sinn is fhuair sinne cothrom air deagh sgrùdadh a dèanamh air fhéin. Bha e mór dhe fhéin agus aghaidh ghrinn, thlachdmhor air, shaoil mi. Bha fhiasag fada, dubh agus, ’na cheann, sùil gheur dhàna. Mur do mheall mo bharail mi, bha lasadh mear anns na dearbh shùilean sin nuair a laigh iad air achòmhlan de dhaoine gealtach, giobach a bha mu choinneamh.

Seadh, seadh, a Lachlainn,” ars esan, mu dheireadh thall, nuair a bheachdaich e oirnn uile. “Is tha thu mealtainn fasgadh mo bhothain gun fhios, gun fhoighneachd dhomh, tha mi faicinn.” Bha fiamh aghàirair. Bfhurasda aithneachadh a nis gun robh an t-àite falaich seo san amharc aig Lachlainn nuair a thug e nall air abhalla sinn is gun robh earbsa aige san fhear seo nach brathadh e sinn.


[422]

Cha robh e furasda,” arsa Lachlainn air ais ris, “móran rabhaidh a thoirt seachad. Tha fios, a Shomhairle, gun gabh thu ar leisgeal an turas seo. Chuir luchd nam fìdeag nar cabhaig sinn, tha thu faicinn, is bfheudar dhuinn a bhith caran dàna. Cha chreid mi nach do thog iad orra, gu .”

O thog. Cha till iad an taobh seo greis fhathast. Dhinns mise dhaibh gum faca mi feadhainn adèanamh air achladachnan cabhaig is a-mach a thug iad mar dhròbh chon ás déidh ablaich.”

Chuala sinne gnogadh cruaidh gu math faisg air làimh,” arsa Lachlainn.

Chuala, tha mi cinnteach. Bha iad aig dorus mo nàbaidh. Tha esan sa’ “mhilitia,” is thanaig iad ga iarraidh.”

“ ’Sen dubh éiginn a thorra,” arsa Lachlainn, “ma tha iad ag iarraidh cuideachaidh onmhilitia”. Bfheàrr dhaibh còmhlan chailleachan gan cuideachadh.’

O tha éiginn saghnothach, gun teagamh,” arsa Somhairle. “Tha éiginn air na polasmains gu leòr dheth. Mura glac iad sibh roimh mhadainn bidh e gu math searbh dhaibh, theid misen urras. Chan ann a h-uile latha theid fear a bhan earbsa riutha a spìonadh ás aphrìosan is an Siorram mór fhéin san aon bhaile riutha aig an àm.”

Ivory! Chan eil thu radha!” dheubh Lachlainn.

An dearbh fhear,” fhreagair Somhairle. “Tha ena chadal san tigh-òsda sin thall an ceartuair. Chan eil e leth-chiad slat bhuainn. Ni na polasmain an dìcheall sibhse fhaighinn fo ghlais roimh mhadainn, faodaidh sibh bhith cinnteach. Ma dhùisgeas am fear uds gun lorg air aphrìosanach, mo thruaighe na polasmain, fhearaibh!”

Ach cuin a thanaig Ivory, gu ?”

Greis roimh mheadhoin oidhche. Thanaig e le ciad cabhaig á Gleann-dail. Tha ùpraid thall an sin cuideachd, tha mi cluinntinn.”

Sheall e oirnn greis gun ghuth a radha is e slìobadh na fiasaig air a shocair.

Bhan duin agaibh fhéin, Major Traill, ga choinneachadh.”

Robh gu dearbh,” arsa Lachlainn, “Cha chualas bheatorra?”

Rinn Somhairle snodha gàire. “Chuala laochain, facal air an fhacal.”

Ciamar, air thalamh bhuan?”

Rinn Somhairle snodha gàire. “Is aithne dhut Padraig Beag, cha chreid mi? Fear beag dubh is cas mhaidair; tha eg obair san tigh-òsd. Co-dhiù, tha Pàdraig adeanamh éisdeachd gu leòr, tha e coltach,


[423] nuair bu chòir dha bhithn ceann a ghnothaich. Tha cùil bheag os cionn rùm an t-Siorraim, far an cluinn e h-uile facal a tha dol eadar Ivorys na bhios atadhal air. Bha boil eagalach air Traill an turas seo, bha e radha; bha e bòilichs asgalartaich ri Ivory gun robh e an cunnart a bheatha. Bha e radha gun tugadh ionnsaigh airs gun do theabadh a mharbhadh.”

Cha duirt duinagainn diog. Thog Somhairle suas an lainntear is sheall e air aodann Lachlainn. “Seadh, seadh,” dhamhairc e.

Chan em bàillidh an aon fhear a fhuair a leòn, tha mi faicinn.”

O latha na sabaid mhóir, bha mi air a bhith tric gu leòr an cuideachd Lachlainn ach leis an dorchadas, cha dfhuair mi fhathast cothrom chun a seo, air an aodann aige fhaicinn dòigheil. Bha lot air an duine bha oillteil. Shaoileadh tu gur e spuir mhór na h-uilebheist a rinn an sracadh eagalach udna bhus is nach leighiseadh an fheòil am feasd. Bha an lot gun ghròbadh ri chéile dòigheil fhathast is bha sileadh atighinn ás.

Leag Somhairle an lainntear caran cabhagach is dhaithnich sinn gu robh e diombach dhe fhéin ar n-aire tharraing chun an fhir eile.

an còrr a chuala Pàdraig?” arsa Lachlainn. “Chuala,” arsa Somhairle, “gun robhar a dol a ghairm naMarines.’

Cha tig an latha!” dheubh Lachlainn, gu cabhagach is uallach air gun gabhamaide dragh don naidheachd seo. “Cha leigeadh Riaghaltas na dùthcha leotha a leithid de rud a dhèanamh!”

Gu tha thu radh?” dheubh am fear mór. “Nach tusa tha faoin, a Lachlainn. Càitan dfhuair thu bharail sin air Riaghaltas Lunnainn? Tha an càirdean fhéin aig an luchd riaghlaidh, a laochain, is chan eil mise na thusa, Lachlainn, san àireamh. Mur eil fhios agad fhéin tha muinntir Lunnainn asmaoineachadh dhiot is de do sheòrsa, innsidh mise dhutnach eil unnaibh ach dearg eucoirich, cho borbs cho fad air ais ri na cinnich dhubha. A dhuine bhochd, chan iarradh iad an còrr ach naMarinesa chur a thrusadh don eilean agus ar sguabadh bhar na croitean.” “O cha teid ar sguabadh cho furasda ri dròbh chaorach idirMarinesann no ás,” arsa Lachlainn. “Aguss fheàrr dhuinne nis na cnuic a thoirt oirnn.”

Chan e nochd an oidhche, Lachlainn,” arsa Somhairle, “Ciamar a tha thun dùil a gheibh sibh a-mach á Portrìgh a-nochd agus a h-uile polasman a ghabhas cruinneachadh afeitheamh cothrom leum oirbh?”

Mura dean sinn a nis e, cha dean sinn am feasd e; chan fhada tuilleadh gus am bi solus an latha ann.”


[424]

Latha no oidhche, cha bhi e furasda,” fhreagair Somhairle is e abreith air mhuilchionn air mathair. “ is fhasa aithneachadh na fear is làmh ga dhìth? Ma chuireas sibh sròn a-mach á seo, theid ur glacadh.”

Chaidh Lachlainn Bàn fo smaointean ach bha fios againn uile gun robhn fhìrinn aig Somhairle is nach robh rian air fiachainn a-mach is am baile làn dhaoine gar siubhal. Cha duirt a h-aon againn diog. “Innsidh mise dhuibh mar a gheibh sinn fear na leth laimh á Portrìgh!” dheubh Somhairle agus a dhà shùil alasadhna cheann.

Ciamar sin?” Dheubh càch acheist còmhladh. Cha robh cabhag sam bith air Somhairle. Is e bha moiteil ás fhéin, is sinn uile afeitheamh ri fhacal. Mu dheireadh thuirt e, “Cuiridh sinn ann am bocsa an t-seann ghìobair e! Tha cairt afalbh, a chiad rud samhadainn leis, taobh abhail agaibh fhéin.” Bhuail e sgailc air abhocsa air an robh misenam shuidhe aleigeil manalach. Cha bebocsa,” mar a bhaig Somhairle air, a bha fodham-sa idir, ach smear na ciste-laighe!

Tràth an larna-mhàireach bha cairt is each aig taobh tigh Shomhairle. Bha amhadainn ceòthach, tais le uisge mìn atighinn ás na speuran


[425] gun sgur is gun móran soillse alaighe air abhaile ged a bha ghrian greis air éirigh. Ach cha be cion na soillse bha cur dragh oirnn ach mar a bhan ùine dol seachad is Somhairle fhathast afuidealadh mun chistes acomhairleachadhs amùidheadh air an fhear a bha leis achairt. Ach mu dheireadh fhuair sinn gluasad a dheanamh agus dhfhàg sinn beannachd aig Somhairle. Bha glag aig achairt a dhùisgeadh na mairbh agus bha fear na cartach is a shùil an ears an iar le eagal gu nochdadh polasman nomilitiamaná cùil air choreigin. Rinn sinn suas air sràid mheadhonach abhaile. Eadar na tigheans na togalaichean air gach taobh dhuinn, bha faram eagalach aig achairt a nis. Ach cha robh gluasad o dhuine thall no bhos. Air gach taobh, bha na bùthan dùinte, dorcha is na bùird fhathast ri na h-uinneagan aca.

Gu dearbh be sgioba annasach a lean achiste ud a-mach á Portrìgh Bha sinn ann sianar uile gu léir. A bharrachd oirnn fhìn, bha ann an gille aig Somhairle agus mac peathar don ghìobair a dheug. Gu dearbh cha do chòrd coltas an fhir seo rium fhìnduine sàmhach, gruamach. Cha robh mise air móran earbsa chur anns an dearbh shiad, ach tha e coltach gun do mhùidh Somhairle gu h-uabhasach air mura biodh e stòlda air an turas agus bfhurasdaithneachadh gun do chuir an saor eagal a mhionaich air. Ri mthaobh bha Lachlainn Bàn agus a cheann crom. Bha còta mór air a fhuair en iasad o Shomhairle; cha bann airson a chumail blàth, ach airson an lot a bhair a bhus a chumail am falach o dhaoine.

Dhìrich sinn ás abhaile agus a-mach an rathad àrd a tha mu choinneamh achidhe, gun tachairt ri duine beò. Chùm sinn air adhart mar sin is ceum san uair againn ás déidh na cartach gus an do nochd sinn a-mach ris amhonadh. Bha an rathad na bu chaoile nis is na fiar-lochain is na puill-mhòna air gach taobh dhuinn. Bha corra mhìle den dearbh rathad romhainn mus ruigeamaid am baile againn fhìn fadan iar-thuath oirnn agus is iomadh dìreadh cas, cunnartach agus leathad corrach a bha san astar sin. Aig sealbh a bha fios an ruigeamaid leth an astair mus dreadh ar glacadh. Ma bfhìor Somhairle, bha h-uile rathad á Portrìgh agus a chòmhlan pholasman air, ga gheàrrd.

Ach nuair a fhuair sinn mìle no dhà a-mach air amhòintich gun tachairt ri duine, dhfhàs mi fhìn beagan na bfhoiseilnam inntinn. Feumaidh gu robh na polasmain air dùil a thoirt thairis air neo chunnacas agheòla air a bial fòipe sachaolas agus bhiodh iad acreidsinn a nis gun deach sinn uile dhìth feadh na h-oidhche. Cha


[426] robh anam beò ri fhaicinn agus cha robh agluasad air an rathad romhainn ach corra chaora bhag ithe fiar nan claisean.

Bha sinn adìreadh suas leathad cas agus gun sinn ach mu shlat no dhà on mhullach, nuair a mhothaich mi fiamh gealtach atighinn air aodann fear na cartach. Thug e sùil sgianach air ais oirnn is bha tuar abhàis air aodann. Ceum no dhà eile agus chunnaic sinn fhìn dhaobhraich an t-eagal dha. Air cnoc àrd os cionn, deas air an rathad, bha iadnan seasamh agus cha bu ghann iad. Chan fhaca mi riamh cruinn, còmhladh uimhir de pholasmain ismilitiamen . ’Nam measg bha duine meanbh, caol is còta clò air. Bha ad chruaidh dhubh air a cheann agus, ’na làimh, steabhag chaol ghrinn. Cho luaths a nochd sinn am fianuis air mullach abhruthaich, steòrl e am bata caol an taobh a bha sinn is thanaig fear de na polasmain a-nuas an rathadna ruith. Bha eg eubhach ruinn stad is rinn fear na cartach sin gun dàil sam bith. Sheas sinn mar sin, am meadhon an rathaid is sguir gliog is gleadhraich na cartach nar cluais. Bha fallas fuar atighinn tromham is bha buille aig mo chridhe ri masnaichean.

Bheil thu faicinn an fhir chaoil air am bheil an còta clò?” dhfhoighneachd Lachlainn air a shocair. Ghnog mi mo cheann. “Sin agad Ivory, mathà, ’ille.”

Cha robh e ach mu dhà fhichead slat air falbh agus thug mi sùil mhath air. A dhuine bhochd, an e seo e! a shaoileadh, ga fhaicinn mar seo le chòta grinn cló air, a chanadh gun deanadh e uimhir riaslaidh air daoine bochda an Eilein Sgitheanaich? An en duine meanbh seo a rinn am miastadh mór saBhràighe, a dhfhoghainn do Mhac a Phearsain ann an Gleann-dail agus a bha, gun sgur, asgiùrsadh nan croitearan? Cha burrainn dhomh gun chuimhneachadh air mo mhàthair is a liuthad latha chuir in t-eagal orm nuair bha mi beag, amùidheadh gun tigeadh Ivory ugam nam bithinn ris a mhì-mhodh. Cha bu mhì an t-aon fhear aig an robh Ivory uaireiginn mar bhòchdan, rachainn an urras, is bhiodh an dearbh fhearna chùis eagail do dhfheadhainn bheagas do dhfheadhainn mhóra iomadh latha fhathast, mura biodh barrachd sgoinn ann am muinntir an eilein.

Ach be glé bheag sgoinn a bhanam chorp fhìn a nis, is mi coimhead apholasmain adèanamh oirnn. Bha mo chasan acall an lùis leis an eagal. Nuair a rànaig e sinn, thug min aire gun robh eg aithneachadh fear na cartach.

a thagad an seo, a Chalum?” dhfhoighneachd e. Thionndaidh am bodach agus choimhead e oirnn. Bha mi cinnteach gu robh


[427] e dol gar brath, is thanaig laige uabhasach orm a theab mo leagail air druim dearg an rathaid mhóir. Ach chuala mi eagus is gann a chreidinn eag ràdha air ais, “Tha corp Aonghuis Chaimbeil, an seann ghìobair ann an Rigg. Tha mi cinnteach nach baithne dhuibh e, tha mi creidsinn? Dheug e uabhasach aithghearr, an duine bochd. Ach fhuair e aois mhór gu , aois mhór.”

Ghnog am polasman a cheann agus gun amharus sam bithna shùil a nis. Ach thug e cuairt timcheall na cartach fiach an robh dad eile innte a thuilleadh air achiste laighe. Bha e fortanach dhuinn gu robh mac Shomhairle sachuideachd. Nuair a sheall am polasman airs a dhaithnich e e, cha do rinn e beachdachadh sam bith air achòrr againn. “Siuthad, mathà, Chalum,” (ars am polasman) “cùm ort.” Thug Calum sràchd don each agus thòisich achoiseachd ás ùr is bha gliog air achairt a-measg nan cnoc uair eile. ’S beag a bha dhùil aig duinagainn gun toireamaid ceum eile don àird an iar thuath nuair a chaidh ar stad. Be mìorbhuile nam mìorbhuilean nach do dhaithnich fear de na bhair achnoc Lachlainn Bàn. Feumaidh gum ben còta mór, slaodach a bhair a chuir bhar an amharuis iad. Ach nis nan aithnicheadh cuideiginn achoiseachd aige? Fad na h-ùineagus is ann fada gu dearbh a dhfhairich sinn ia bha sinn atarraing á fianuis Ivorys a dhaoine, bha sinn afeitheamh na mionaid a chluinneamaid eubh air ar cùlaibh gar stad a rithist. Ach cha danaig facal o dhuine de na bhair achnoc. Ged nach danaig, tha miseg innse gu robh am fallas asruthadh asam gus an do rànaig sinn an leathad os cionn Rigg.

Stad sinn ri fasgadh cnuic agus leig sinn mathair ás achistidh. Bha h-uile duine air a dheagh dhòigh agus bha bruidhinn gu leòr adol a nis. Bha mathair air a dhòigh glan, agus e adeanamh spòrs air aghnothachs amoladh comhartachd na ciste. Bha truas aige, bha e radha, ri na creutairean bochda aig an robh casan goirte acoiseachd á Portrìgh fhads a bha esan afaighinn smear an t-snuachdain sabhocsa mhór, gun uallach fon ghréin air.

Dhealaich sinn an sin fhéin ri mac Shomhairles ris an fhear eile is rinn sinn air amhonadh. Bha ar n-aghaidh air Garros, baile beag iomallach thall air cùl nan cnoc. Gheibheamaid aoidheachd an sin, bha Lachlainn aradha, o Dhòmhnall Og, fear a bha dlùth-chàirdeach dha fhéin. Agus fhuair sinn sin. Is math an còcaire an t-acras, mar a thuirt am fear eile, agus gu dearbh cha drinneadh tarchuis air biadh nuair a rànaig sinn tigh Dhòmhnaill am feasgar ud. Bha brot is


[428] bonnaich choirce, aran is gruth aig bean Dhòmhnaill dhuinn agus bu ghlan an t-annlan e, is sinn glé fheumach air. Bha mise deiseil de mbhiadh fada roimh chàch. Fhuair iadsan ceistean a chur orra gun sgur o gach duine. Nuair a chualiad bhan tigh Dhòmhnaill, chruinnich na nàbaidhean a-nall far an robh sinn agus iad deònach ar naidheachdan fhaighinn. Chuala sinn fhìn bhuapa-san gu robh na polasmain air feadh abhaile againn fhìns mar sin shaoil sinn nach robh e glic dhuinn dol na bfhaide am feasgar ud. Rinn sinn suas gun caidleamaid an sabhal Dhòmhnaill, chun am màireach co-dhiù. Abair gum bann le deòin a shìn mise sachonnlaich an oidhchud agus a leig mi leis an sgìths sìoladh ás mo chnàmhan goirte agus leis achadal laighe gu domhainn air mo shùilean.

Cha robh mi, shaoil mi, ach gann air tuiteam san trom shuain seo na dhfhairich mi draghadh air mo ghualainn. Dhfhiach mi ri èaladh air falbh uaidhe agus fois fhaighinn ás ùr sachadal bheannaichte a bha tàladh mo spioraid, ach cha robh dol ás ann. Ghreimicheadh orm na bu tinne agus chuala mi guth mathar ag eubhach gu cabhagach rium.

Dùisg ille, dùisg! Eirich samhionaid! Tha na polasmain atighinn!”

Chunna mi gun robh càch air an cois mu thràth agus iad gam fheitheamh. Bha Dòmhnall Ogna sheasamh an dorus an t-sabhail, is lainntearna dhòrn, e fhéin agus gille òg mu maois fhìn á Màileagar. Besan a thanaigna ruith tarsaing na mòintich a thoirt rabhaidh dhuinn, gun robh na polasmain ann am Màileagar agus iad gar lorg anns gach tigh. Leum mi mach ás déidh chàich. Bha gealach mhór, bhriagha ìosal air gualainn Beinn Eadarra agus fìod fhuar reothaidh saghaoith. Thanaig crith fhuachd orm nach robh idir tlachdmhor an déidh blàths na connlaich.

Mar bu chleachd, be Lachlainn Bàn a thog air suas ri na cnuic agus sinnenar deann ás a dhéidh. Gu dearbh bha sraon air an duine agus cha bfhada gu robh am fallas gar dalladh ga leantainn. Nuair a fhuair e suas gu math, chùm Lachlainn a-null tuath, adèanamh air na creagan biorach, uaigneach as àirde a than Tròdairnis. Cha do shocraich a chas gus an robh sinn shuas aig an Dùin Dhuibh. Bha aon rud cinnteach, cha tigeadh polasmain oirnn gun fhios duinn anns abhad àrd iomallach seo am feasda. Shìos fodhainn, chitheamaid soluis agluasad a-nulls a-nall tuath air Màileagar. Bannna uair a thug sinn na mullaich oirnn. Thall mun bhaile againn fhìn


[429] chunnaic sinn tuilleadh sholuis is làmpaichean carbaid a bha falbhna deann air an rathad sìos on bhealach.

Tha na polasmain adeanamh an dìchill fhathast,” ars Iain Beag.

Siùthadadh iad,” ars Eachann, “ach bidh greis mum beir iad oirnne.”

O, cha bheir iad oirnn a-nochd non ath-oidhch,” arsa mathair, “ach nach eil sinn a nis fon choill, fhearaibh.”

Cha sinn achiad fheadhainn,” arsa Lachlainn, “ ’S ioma deagh Ghaidheal a bha fon choill roimhe seoMac Ghriogair Ruadhshruth, air fear dhiubh. Eil cuimhnagad air an òran a rinneadh mu dheidhinn?”

Thug mi sùil air Lachlainn agus e acoimhead air agharbhlaich mun cuairt duinn, lom, corrach fo shoillse na gealaich. Thug min aire gu robh snodha beag gàire air aodann agus uamharna ghiùlain.

Seadh, fhearaibh,” ars esan, le moit atighinnna ghuth. “Bithidh sinne mar a bha Mac Ghriogair. Bithidh ar leabaidh measg nan creag.”

titleTeine Ceann Fòid (4)
internal date1963.0
display date1963
publication date1963
level
reference template

Pòl MacAonghais in Gairm 44 %p

parent textGairm 44
<< please select a word
<< please select a page