Gaidheil Ann An Canada
(Air leantainn bho Gairm 42)
Le IAN A’ CHAOIL
ANNS an dìthreabh chunnaic Niall àireamh de bheathaichean beaga mu thimcheall nam bruaichean casa far am biodh e daonnan a’ cur ghainmheach theth orra airson bacadh a chur ris na càirn. Bha iad coltach ri neas no feocallan, agus ’se“mink”a bh’ aca orra, feadhainn dhiubh cho geal ris an t-sneachda mun cuairt, nan robh sneachd trom ann an oidhche roimhe, a’ cur stad buileach air an obair, oir bithidh na cairtean ann an cunnart a bhith air an slugadh suas anns na cuitheachan. Ghrad ruith e gus am bothan airson ribean is ghlac e trì dhiubh. Bho bhruach an uillt chithinn cuideach na tuill a rinn na radain mholach (muskrats) ri taobh loch a bha sin, bian anns a robh luach gu maith prìseil. An àm a thàinig an t-Earrach dh’fhalbh Niall dhachaidh. Reic e an dà each, an tigh ’s an càrn-slaoid do Fhrangach, is lean e ris an obair mar chosnaiche cho fad ri B. C.
Bhithinn a’ dol do ’n Eilean Mhór gach bliadhna leis, an càr, agus ag iasgachd nan allt ré làithean saora. A’ bhliadhna-sa stad mi an càr ri taobh AbhainnQualicumair bruaich a bha os cionn na h-aibhne. Ri taobh bruaich an sin bha bothan sgrath is dlùth ris bha àireamh de bheathaichean beaga gu trang ag obair a’ togail thighean agus bodach ròmach ruadh faisg orra a’ cur dìon orra le gunna ’na làimh, oir b’ e bìbhirean a bh’ ann, agus Niall làimh riu, agus a rèir na h-Innseanaich ’s e “Am bìbhir mór” bha airsan. Cha robh Niall ’faighinn sgillinn ruadh bho ’n uachdaran son an obair fhreagarrach so, ach bha e sona gu leòr gu bhith faighinn beòshlainte air iomair anns am biodh e cur buntàta is sochairean eile, bradain is bric a ghlacadh dha fhéin gun eadraigean. Bha pailteas mheirlich shìos anns a’ bhaile mhór a’ dùraiginn marbh e a chionn luach nam bian ach cha robh eagal air, is na faiceadh Niall neach sam bith air an raon ud leigeadh e urchair seachad orra. Cha chanadh e ach am facal “GIT” an àm a thigeadh iad gu seòlta am beul an anamuich.
Bha mi-fhìn aineolach mu’n chùis is mi deònach air iasgach is chaidh mi sìos gu dàna, is cha dàinig rabhadh an àm a chaidh peileir seachad air mo cheann, agus cha do chaill mi ùine a’ streupadh suas na creige. Cha d’ fhuair mi ach plathadh air, agus is coltach gun robh e ’na laighe ann am preas dlùth air ainfhios dhomh. B’ e cheud sanas a fhuaradh gun robh neach am fagus, an àm a chualas neach-
Air là-na-mhàireach gu tràth có thàinig gus an dorus ach an duine ruadh a’ plosgartaich is ag iarraidh iasad de ’n t-siosar, is dh’ iarr mi air a thighinn a-stigh agus anail a leigeil. “A chiall” ars esan, “Nan robh a ghaoth agamsa na tha agadsa, cha bhithinn mar so. Theab nach d’ fhuair mi priop cadail an raoir leis a’ cheòl ’nam chluasan, is mi a’ danns fad na h-oidhche. “Chan eil thu cho dona mata” arsa mis. An e do chuid fuilt a tha thu son bearradh. Thig a-mach còmhla rium gu oir nam bruach is cha bhi mult san Eilean Sgitheanach cho lom riut. Is gann a dh’ fhàg thu an raoir nuair a thàinig dithis eile ag iarraidh puirt.” “A chiall” ars esan, “cha robh mi ’n dùil gun cluinninn a’ Ghàidhlig tuille ri ’m bheò. Bha e cho lom ri caora air a rùsgadh an àm a thuirt mi ris “chan aithnich na bibhirean thu tuille.” “Na creid e”, ars esan “B’ iadsan mo chàirdean gràdhach. Cha d’ rinn iad cron riamh air neach sam bith, caomh is dèanadach, agus gach neach air an tòir. B’ fheàrr leam iadsan na an Cinne Daona a tha maireann an diugh, a’ caitheamh shaidhbhreas air nithean faoin is a’ spìonadh bho na bochdan.” Bha e tighinn beò air beagan ach bha e sàsaichte le a chrannchur fhéin, agus a chionn gu robh e ’na fhìor dhuin-uasal cha robh meas aige orrasan a bhiodh a’ càrnadh suas an airgid. ’Sann anns a’ bhliadhna 1920 ré a’ Gheamhraidh a chaochail e.
Gun a bhith a’ déanamh an sgeulachd so ro fhada innsidh mi dhuibh mar a chur mi eòlas orra. Anns a’ bhliadhna 1911 thòisich mi ri bhi cumail tìm ri buidhinn a bha togail rathad iarainn eadar Bhictoria agus Nanaimo agus mu thuath. Bu mhise an ceannaiche. Thàinig Innseanach, “Old Tom,” seanair do Tom Og an gille a bha dannsadh, suas an rathad mhór le bara-rotha anns a robh bradain, ’s bha e ga reic is bha iad gu pailt an uair sin. Ghlac mi fear mór is thuirt mi ris, “Dé a’ phrìs a tha air an fhear so?” ach bha am bodach cho balbh ri clach. Bha mise trang. Ma thogair; chuir mi mo làmh ’nam phòcaid, is thug mi a-mach i làn airgid ghil de gach meud, agus shìn mi dha e a roghainn a ghabhail, oir cha dàinig smid bhuaith. Gu faicilleach ghreimich e air tasdan. “So,” arsa mis, “gabh an rud ceart.” Cha b’ urrainn dhomh fantainn cho fhad ’s a bha esan crathadh a cheann. B’ eOld Tomis a mhac an dà Innseanach mu dheireadh de ’n treubh a bha anns an Eilean an uair sin, agus chan eil ann ach dithis fhathast, Tom Og is a bhean. Bha iad lìonmhor aon uair ach tha na Sìnich is na Siaraich(Japs)gabhail an n-àit. Am fear nach seall air thoiseach cha sheall e idir as a dhéidh.
title | Gaidheil ann an Canada (2) |
internal date | 1963.0 |
display date | 1963 |
publication date | 1963 |
level | |
reference template | Iain a’ Chaoil in Gairm 44 %p |
parent text | Gairm 44 |