[9]

Air An Spiris

O chionn ghoirid chuir Siorrachd Rois duine an sàs anns an obair a ghabhadh os làimh an Siorrachd Inbhir Nis o chionn grunn bhliadhnachan: ’se sin, an cothrom as fheàrr a thaobh cainnte a dhealbh do chloinn Ghàidhlige ann an sgoiltean na siorrachd. Bu mhath leinn meal-an-naidheachd a chur air Mairead NicAsgaill, a ghabh an obair so os làimh.

A bheil e fìor, mar a chualas, nach eil na Leódhusaich cho déidheils a tha na h-Uibhistich air Gàidhlig a thoirt don chloinn anns an sgoil. Ma tha so fìor, tha cheist ann a bu chòir a bhith air an curs air am freagairt. ’Se achiad cheist, Carson nach eil iad cho déidheil? A bheil eagal orra fhathast gum bi aGhàidhligna cnap-starra; gun ionnsaich achlann nas fheàrr ás a h-aonais? Tha e coltach nach e so idir a tha iad alorg an Siorrachd Inbhir Nis, no anns aChuimrigh, no an Switzerland.

’Se an dara ceist, tha an aghaidh nan dòighean ùra ann a bhith teagasg na Gàidhlig? An e Comhairle an Fhoghluim, no coimitidh no fear-dreuchd anns an t-siorrachd? An e an luchd-teagaisg fhéin, ’s mas e, an e an fheadhainn òga no an fheadhainn aosda?

Tha e ceart gum biodh na ceistean sin air an curs air am freagairt. Tha cuireadh ga thoirt do dhuine sam bith á Siorrachd Rois a bheachdan air na gnothaichean so a chur an céill ann an Gairm. Mas e duine gun Ghàidhlig a thann, ni sinn eadar-theangachadh air aBheurla aige.

Ach tha dòighean ann nas feumaile na so. Tha móran eòlais agus fiosrachaidh aig muinntir Siorrachd Inbhir Nis mun chuspair so. An teid Comhairle an Fhoghluim an Siorrachd Rois a shealltainn air na sgoiltean Gàidhlig an Uibhists anns na Hearadh? An toir iad cuireadh do Shiorrachd Inbhir Nis feadhainn den luchd-teagaisg Ghàidhlig aca a chur greis a Leódhus, agus feadhainn de na Leódhusaich a chur greis a dhUibhist? Agus an sìn an shiorrachd làmh achàirdeis gu muinntir Earraghaidheil is Chataibh? Tha aGhaidhealtachd air fàs cho beag a niss gum bu chòir dhi bhith aonaichte. ghabhas achiad cheum air an t-slighe so?

titleAir an Spiris
internal date1963.0
display date1963
publication date1963
level
reference template

Gairm 45 %p

parent textGairm 45
<< please select a word
<< please select a page