[69]

An Sgalag Agus An Righ

(air eadar-theangachadh o chànain nan Komi, an Ruisia)

Le TORMOD BURNS

Is e tir mhór a tha ann an dùthaich nan Soibheat-Aonaichte. Tha 208,000,000 de dhaoine innte, ach chan eil ach mu leth dhiubhnan Ruisianich (115 muillean). Tha 51 muillean eile abuntainn do threubhan Slàbhach eile (Ucrainich, FionnRuisianich 7c). Tha 24 muillean de Thurcaich, 3M. de Grusìonaich (Georgians), 3M. de Armeananaich, 2M. de Irananaich (Tadzhiks), 2M. de Ghearmailitich, 2M. de Romanaich (Roumanians) agus 2M. de Iùdhaich. Is e sin a nis 204,000,000 de dhaoine a tha sinn air cunntadh. An fuidheall? —ceithir muillean de dhaoine a bhuineas do threubhan aig a bheil dàimh ris na Finnich agus na Hungaraich. Tha na treubhan so acumail ran gnàthan agus ran cànanan màthaireil. Tha stòras de sgeòil aca, agus tha mi dol a dhinnse aon diubh a nis. Is e so sgeul a tha mi air eadar-theangachadh o chànain nan Komi, sluagh beag a thag àiteachadh an taobh-tuath de Ruisia Eòrpach.

Anns na làithean a chaidh seachad bha rìgh ann. Air àraidh chaidh e air chuairt le a ghillean anns achoill. Leig e leis na gillean aon slighe a ghabhail agus ghabh e fhéin rathad eile, agus cha bfhada gus an deach e air chall. Choisich an rìgh air adhart agus mu dheireadh chunnaic e sgalag asnaidheadh chraobhan. Bha an sgalag ag obair le tuaigh, mar gum betoya bhann. Ghabh an rìgh a-null agus thuirt e ris an sgalag:

math dhut, Eóghain” (1).

Agus thuirt an sgalag ris an rìgh le mór iongnadh,

Ciamar a tha fios agad gur h-e Eóghan a thorm?”

Agus thuirt an rìgh, “ ’Se Eóghan a tha air na sgalagan uile.”

Cha robh Eóghanoir be sin ainm gu dearbhcrosda. Shnaidh an sgalag agus dhamhairc an rìgh, agus thuirt e mu dheireadh,

Nach math, Eóghain, mar as urrainn dhut oibreachadh mar sin!

Tha thu ag obair mar gum bann acluich a bha thu. Ach nach eil thu atoirt ro fhada ag obair? na tha thu cosnadh san ?”

Mìle ruibeil (2) san ,” thuirt an sgalag.

Ach carson a tha thu cho bochd? Ciamar a tha an t-airgead adol a dhìth ort?”

[70]
[71]

Tha mo theaghlach mór. Tha mhac agus nighinn agam. Ach tha mi roinn mo thuarasdail an ceithir earrainnean. Leis achiad earrainn tha mi apàidheadh mainfhiachan. Leis an dara cuid tha mi fhìn atoirt coinghill a-mach. Tha an treas cuid agam ga tilgeil anns an uisge (3), agus leis acheathramh cuid tha mi alìonadh beòil shanntach mo theaghlaich.”

Cha do thuig an rìgh idir, agus dhfhaighnich e uair eile den sgalaig.

Pàidhidh mi mainfhiachan; bheir mi biadh do mo sheann phàrantan gu am bàis; bheir mi fhìn coinghill a-mach; togaidh mi mo mhic; tilgidh mi airgead san uisge; togaidh mi mo nigheanan; lìonaidh mi beòil shanntach mo theaghlaich; bheir mi biadh don rìgh agus do ghillean an rìgh.”

Thainig fearg air an rìgh agus smuainich e: “Fuirich thusa, agus chì thu an duine a thana rìgh ort, nuair a lorgas mise mo shlighe”. Agus thuirt e: “Nochd dhomh air ball mo rathad ás achoill. Chan eil bhuam bhith air seachran tuilleadh.”

Ach thuirt an sgalag: “Cha nochd mi an rathad do neach air bith. Tha gach mionaid luachmhor dhomh. Mas e duine glic a thannad, lorgaidh tu fhéin do rathad. Ach ma theid thu an toiseach chun an taobh chlì, agus an sin gu do làimh dheis, an sin chun an taobh chlì a rithist, agus an sin gu do làimh dheis a rithist, chì thu do rathad.”

Ach thuirt an rìgh:

Chan urrainn duine coltach riumsa sin uile thuigsinn! Chan fhaigh mi mo rathad le fòghlum a-mhàin! Seòl mi chùm mo rathaid, agus bheir mi cóig ruibeil air fhichead dhut!”

Gheall an rìgh cóig ruibeil air fhichead don sgalaig, agus chaidh an sgalag maille ris, chùms gun nochd e dhà a rathad. Bha iad acoiseachd, nuair a dhfhaighnich an rìgh:

Am faca thu do rìgh riamh, Eóghain? Am bu toigh leat do rìgh fhaicinn uaireigin?”

Chan fhaca, ach chan fhaod duine coltach riumsa an rìgh fhaicinn!”

Ach thuirt an rìgh:

Mur faca thu e idir, nochdaidh mise dhut a nis e! Nuair a ruigeas sinn an rathad, chì thu an rìgh!”

Ciamar a dhaithnicheas mi e?” —dhfhaighnich Eóghan:

Nuair a ruigeas sinn an rathad, chì sinn móran dhaoine. Bidh na daoine sin uile toirt an adan dhiùbh. Cha bhi ann ach aonan rìghafantainn le aid! Thoir an aire don a sin.”

Ràinig iad an rathad agus chunnaic iad an sin móran dhaoine. Thug


[72] iad uile an adan dhiùbh agus chuir iad fàilte orra, a bha air tighinn ás achoill.

Agus dh’ fhaighnich an sgalag an sin:

dhiùbh thana rìgh?”

Seall air gach taobh! Tha na daoine ud uile gun aid, ach tha adan oirnnortsa agus ormsais e aon dhinn a thana rìgh.”

Thuig an sgalag mu dheireadh, agus thuirt e:

Glé mhath! Is e mise an rìgh!”

Ach thuirt an rìgh:

Tha ad ormsa cuideachd, agus is e mise an rìgh fìor!”

Ach thòisich an sgalag aconnsachadh ris:

Ciamar as urrainn thu bhith nad rìgh? Chan aithnich thu na rathaidean troimhn choill; chan urrainn thu craobhan a shnaidheadh; ach is urrainn mise na nithean so uile dhèanamh. Mar sin is mise an rìgh! Agus, a thuilleadh air a sin chan eil e sgrìobhte air do bhathais gur rìgh thu!”

Agus gun teagamh bha iad gu h-iomlan coltach ri chéile an corp agus an aogasg. Chonnsaich iad agus an sin thuirt iad ri gillean an rìgh:

Abraibh! dhinn thana rìgh?”

Sheall na gillean; chuir iad iad mun cuairt, dhamhairc iad air gach taobh; thug iad an éideadh dhiùbh agus dhamhairc iadach bha iad gu h-iomlan coltach ri chéile. Thug iad iad chun na bànrigh, ach cha burrainn don bhànrigh aithneachadh dhiùbh bhana rìgh.

Thainig an sin bodach na connspaid.

So an dòigh anns an urrainn sinn faighinn ás achàs so! Chan fheumar an rìgh aithneachadh bho aogasg ach bho a sgil! Aithnichidh mi gu luath an rìgh agus an sgalag! Cuiridh mi trì ceistean a-mhàin.

Agus dhfhaighnich e:

an àireamh chraobhan a chinneas air an t-saoghal?”

Bha an rìgh air chall. Cha robh fhios aige air an àireamh, ach cha dfheum Eóghan smuaineachadh fada.

Trì ceuds trì-deug air fhichead muillean de ghiuthais, àireamh ionnan de sheilichean, ach nas lugha na muillean de bheithean agus de dharaich. Mur creid thu mi, is urrainn thu fhéin dol gan cunntadh!”

Tha sin ceart,” thuirt am bodach, “Agus a bheil astar mór ann chun an t-saoghail eile?”


[73]

Chan eil an saoghal eile am fagus,” thuirt Eóghan, “Chaidh mo sheanair cheana do ’n t-saoghal eile, ach chan eil e air tilleadh!”

Tha sin ceart,” thuirt am bodach, “Agus a bheil e fada gu meadhon na talmhainn?”

Tha astar mór ann gu meadhon na talmhainn gu dearbh. Dheug bràthair mo sheanar aig an aon àm ri mo sheanair, agus tha sinn air a chur fon talaimh, ach chan eil e air tilleadh gus an n diugh!”

Tha sin ceart,” thuirt am bodach, “So bhur rìgh!”

Agus dhainmich iad Eóghan mar rìgh, agus thug iad tuagh don rìgh a bha ann, agus chuir iad e sachoill chùms gun snaidheadh e craobhan.

* * * * * * * *

(1) Eóghan: —Ann an Ruisia tha an t-ainmIvanglé chumanta.

(2) Ruibeil: —Airgead Ruiseanach.

(3) tilgeil airgid san uisge: —Tha am pobull an so, mar móran chinneach ann an Ruisia, acreidsinn ann an spioradan a tha còmhnaidh fon uisge. Tha an sgalag atairgse airgid do na spioradan so airson beatha chiùin.

[Sanas]

titleAn Sgalag agus an Rìgh
internal date1963.0
display date1963
publication date1963
level
reference template

Tormod Burns in Gairm 45 %p

parent textGairm 45
<< please select a word
<< please select a page