[91]

An Sgeilp Leabhraichean

The Highland Clearances, le John Prebble(Secker & Warburg. 35/-)

Cluinnidh tu fhathast corra dhuine le còmhradh rudeigin mar so: “Tha thìde againn sgur a bhruidhinn air fàsachadh na Gaidhealtachd; tha na làithean grànda sin seachad, ’s tha an aon chothrom aig gach duine an diugh, Gaidheal no Gall, croitear no uachdaran”. Bithidh na daoine sin acur coltas tròcaireach, breithneachail air an guths air an gnùis. Tha na smuaintean aca fad air falbh: air obair namForeign Missions, no ann am Pàrlamaid Lunnainn, no air a rud bho dheireadh a chunnaic iad air an telebhisean. Ach chan fhaca mi fhathast duine aig a bheil ùidh cheart anns aGhaidhealtachd nach dig an fhearg an uachdar nuair a bheachdaicheas e air fàsachadh na dùthcha againn.

Fearg. Is dòcha nach ann le feirg a sgrìobhar eachdraidh. Cha mhotha sgrìobhar i le cion-diù.

Tha fearg anns an eachdraidh so aig John Prebble. Ach cha e idir fearg Dhòmhnaill MhicLeòid, a fhuair a riasladh fada mun do chuir eGloomy Memoriesan clò. Tha an fhearg so air a lasadh ann an cridhe duine a rugadh am Middlesex, agus a thogadh an Canada. Dhfhaodadh e bhith air geur-leanmhainn nan Iùdhach a thaghadh mar chuspair leabhair, no braighdeanas nan daoine dubha ann an Ameireaga, ach mar a thachair, ’sann air aGhaidhealtachd a laigh a shùil. Is dòcha gun cuala e beagan mun chuspair so ann an Canada, ged nach cluinneadh e lideadh am Middlesex. Chuala mi o chionn no dhà gu robh iongnadh am beatha air muinntir Secker & Warburg gu robh leithid de iarraidh air an leabhar so ann an Canada! Tha so mar gun cuireadh e iongnadh ormsa gum biodh ùidh aig aChabinet Bhreatannach ann an eachdraidh Eton.

Sann air na bliadhnachan eadar 1782 agus 1856 as motha tha Prebble atighinn anns an leabhar so. So an t-àm anns na chuir achaora iomadh baile is sgìre fàs air feadh na Gaidhealtachds nan eileanan. Chan eil an sin ach facal. ’Se rinn am fàsachadh ach daoine: daoine air na rinn miann an airgid, miann cumhachd, miann uaille, gréim làidir teann a bha amùchadh gach tròcair is uaisleachd[92]


[93] a tha ann an gnè an duine, agus gach dìlseachd cuideachd, oir bha cuid de na daoine sin de shliochd nan Gaidheal, ged nach robh iad de an gnè. Feumaidh sinn a dhol gu math nas fhaide air ais na Bliadhna nan Caorach (1792) mus lorg sinn freumh na h-an-dìlseachd sin. Cha bu mhisde Prebble a bhith air barrachd rannsachaidh a dheanamh anns achùis so, ged is math na thug e dhuinn.

Gun teagamh, cuideachd, bha feum aig aGhaidhealtachd air dòighean ùra agus air obair is ionmhas ùr. Bha feum aice air na caoraich. Nam bann fo stiùradh leithid an Ridire Iain Sinclair a bha achaora air gréim a ghabhail air fearann na Gaidhealtachd is dòcha gum biodh sgeul eile againn an diugh, agus nach biodh a leithid a dhiarraidh air leabhar Phrebble ann an Canada. Is dòcha nach robh beartas na dùthcha air a chruinneachadh ann an dòrlach chaistealan mar a tha Dun-robain agus dùintean eile, no air a sgapadh ann an òls an strìopachass an cearrachas mar a chaidh a sgapadh.

Tha cunntas Phrebble làn feirge, ach chan eil an fhearg amùchadh na fìrinne. Fhuair sin mar thà sgeulachd na muinntir a bhuannaich: Loch is Pàdruig Sellar, agus uaislean ag innse cho maths a bha an t-sealg a-measg nam beanntan fàsail, agus tha blas nam breugan air am briathran. Tha blas na fìrinne air leabhar Phrebble, ged a tha an fhìrinn so searbh.

Tha e ag innse mar a dhfhalbh cuid de luchd nan tacannan ás aGhaidhealtachd fichead bliadhna roimh Bhliadhna nan Caorach, agus iad afaicinn faileas na truaighe bha ri teachd; tha e ag innse mar a chaidh daoine fhuadach bho oighreachd Ghlinn-a- garaidh, á Cnòideart, á Cataibh, á Srath-ghlais, á Srath-nabhair, á Ros, á Gleann-eilge, á Uibhist is Barraidh is ás an Eilean Sgitheanach. Tha eachdraidh nan uachdaran an so, is eachdraidh nam bàillidhs nam fear-laghas nam ministearan. Chan ann bho leabhraichean Loch is Phàdruig Sellar no bho phàipearan nan ceann-cinnidh a tha an eachdraidh so air a tarraing, ach bho phàipearan-naidheachds bho irisean, bho phàipearan cùirte is Pàrlamaid, agus bho bhàrdachd is bho bheul-aithris nan Gaidheal. Bfheàirrde an t-ùghdar gu mór an cuideachadh a fhuair e bhon dithis Ghaidheal, Somhairle MacGill-Eathain agus Ruaraidh MacAoidh. Nuair a leughas tuThe Highland Clearances, leugh cuideachd na thaig Somhairle ri radh mun bhàrdachd ann an Leabhar 38 aig Comunn Gàidhlig Inbhir-Nis, agus na thaig Ruaraidh ri radh ann anScottish Gaelic Studies, Leabhar X.

R. McT.

titleAn Sgeilp Leabhraichean
internal date1963.0
display date1963
publication date1963
level
reference template

Ruaraidh MacThómais in Gairm 32 %p

parent textGairm 45
<< please select a word
<< please select a page