BHA E DONA LEIS
Leis A’ BHARD BHOCHD
(Na deilbh le Morven Chamshron)
BHA Coinneach ’na shuidhe ris a’ bhòrd fo ’n uinneig, a shùil gun fhiaradh air luib an rathaid, is inntinn a’ dol cho luath ri na luin. ’N dùil an tigeadh i, nan tigeadh cuin? Bha càr cho luath an diugh ’s gum biodh e seachad fhads a bhiodh e a’ biortalachadh an teine. Robh duine idir a’ gearain anns a’ bhaile a bha cur feum air ban-eirdinn! Nach robh a thìde aig bean Aonghais Ruaidh laighe. Bha coltas oirre bho chionn fhada, ach bha ise cho tiugh i fhéin ’s có chuireadh geall air a h-uair. Carson nach robh i cur fios na bu trice air an aon te a bheireadh cuideachadh dhi ’na trioblaid? Mòr; Mòr Ros; Mòr Ros á Uibhist. Uibhist nam ban òga. Dé thug air Comunn nam Banaltrum te cho àlainn tàlaidh a thoirt an so a bhuaireadh gillean na sgìre. Mòr Ros. Nach robh Mòr Ros eile ann an eachdraidh a thàlaidh òganach eile chum na crìche; agus bàrd cuideachd. Dé an t-seòltachd a fhuair iad le chéile airson bàird a chur fo gheasaibh gu dùsgadh annta faireachdainnean cho dórainneach agus cho bòidheach. Ach có an cridhe nach gluaiseadh gu dàn fo bhuaidh dearg-bhilean cho tairiseach is balbh-chuireadh bho shùilean cho tlàtha ’s bho chuailean cho rìomhach ’s nach gabh e dheilbh am briathran:
Chì mi camhanaich a’ Chéitein ’na do chuailean dualach àrbhuidh, dòrtadh. . . . .
Dòrtadh; chan eil dòrtadh freagarrach idir. Ruith. Ruith sìos ’s a’ tilleadh air ais air fhéin mar òr-shruth gealaich an luasgadh mara oidhche foghair;
Chì mi camhanaich a’ Chéitein
’na do chuailean dualach àrbhuidh,
casadh fàinneagach gu d’ ghuailnean
’g iadhadh gruaidhean buadhmhor àlainn:
Gruaidhean; am bheil an leithid air t’éile? Bilean; “dearg-bhileach bhlàth.” Nuair a labhras i m’ ainm, a Choinnich Choinnich Uisdein, ga shìneadh a-mach ’na dòigh labhairt bòidheach fhéin, a bilean tarraingeach a’ lurcadh mar le pòg dhomh. Pòg. (Chrath e a cheann mar gum biodh e mar so faighinn cuidhteas droch smuain) A Choinnich Choinnich Uisdein; pòg eile. Chan fhaigh mi nis ás m’ inntinn e. A CHOINNICH CHOINNICH UISDEIN; pòg eile. Ach dé ’n cron a th’ ann. Chan fhaigh ise mach mo smuaintean-sa gu bràth, ’s cha smaoinicheadh i gum biodh an leithid agam, ise, te anns nach do thuinich droch smuain a riamh no smuain air pòg os cionn pòg neo-chiontach an naoidhein, ’s gun t’éile air an t-saoghal no an eachdraidh a bheir bàrr oirre ann am maisealachd no am beus, feartan-buairidh a tha ga mo léireadh:
Móralachd do mhais ’s do bheusan,
b’ iad fir-reubainn mo cheòl gàire,
dh’ fhàg mi luaineach gun ceann-réise,
triall an éis bho dh’ eur thu gràdh dhomh:
So i. Chan e. Càr Uilleam Iain Dhoilligean. Tha iad cho coltach ri chéile. Cha bu chòir sin a bhith; bu chòir do chàr ban-eiridinn bhith somhraichte bho chàch ach am faiceadh dàimh nan euslainteach bho fhad ás gu robh faochadh air an t-slighe. Faochadh. Có a leigeadh ás a ghréim air an t-saoghal so is ise bhos a chionn. “Am faigh mi chaoidh ás m’ inntinn d’ aghaidh mhìn a bha gun ghruaim.” Có a sgrìobh sud? Ge be có e tha fìor cho-fhaireachdainn agam-sa ris. Nach iongantach an rud e. ’N uiridh cha robh i ann; am bliadhna tha i ’g iadhadh ’s a’ cuairteachadh gach nì. Ach càite bheil Iain Mór a’ dol? Tha mi an dòchas nach ann a so tha e tighinn. Bidh mi seachd sgìth ga mheigidich mus smaoinich e air falbh gun nì ’na cheann ach caora. ’N dùil a bheil gaol aige air Oighrig. ’N dùil an robh; tha loma-làn a sgùird aige innte ’n diugh ’s i cho tuilear; bha i gealltainn sin bho h-òige. ’N dùil dé man a shealladh i ann an deise ban-eiridinn. Mo chreach! Poca salainn air muin poca salainn air muin dà phoca shalainn. Tha a shùil chun na h-aibhne; ’s math sin. Càr eile—Tuid, càr an doctair. Mu stadas e anns a’ bhaile co aige tha fios nach bi feum oirre-se cuideachd. Cha do stad. Dé an t-àm aig am bi “flu” trom.
Eisd; na toir smuain air a sin; thig breitheanas ort; cuimhnich na dh’ fhuiling thu leis an uiridh. Cha robh ise ann aig an àm; nam bitheadh có a dh’ iarradh a dhol air a chasan. Có nis tha so. Dòmhnall Beag Chaluim; dé stiùir an taobhs’ an dràsda e. Toidh; an aire nise; na can e; leig ort nach cuala tu gu robh sùil aige innte, ’s gu bheil e céilidh oirre gu tric anns a’ “chottage.” Bha e aon uair ann co-dhiù; chunna mi fhìn a’ tighinn ás e le luideig mu mheòir; leisgeul. Aois deich bliadhna fichead; nas òige na leth mo bhliadhnachan; mi-fhìn ’s an fhicheadamh linn na co-aoisean; rugadh sinn an aon oidhche. ’N dùil an ann ga feitheamh a tha e; co air a bhios iad a’ bruidhinn: cha bheag sin còmhraidh a ruitheas airsan; ga mealladh; dé an earbsa chuireas te sam bith ann an seòldair; eadhon te ghrànda. Dé ged a chunnaic e móran de ’n t-saoghal; dé sin an coimeas ri eòlas nam bliadhnachan. Bidh ruith gu leòr air a theangaidh, cha ghann sin; ach chan eil ise cho faoin ’s gun creid i chula rud—càr eile—cha bhiodh i air an inbhe a tha aice a ruigheachd gun cùl an fhacail a thuigsinn. Ach tha ’n òige aige, an òige ’s an teanga; an òige ’s an teanga is iteagan bòidheach an eòin a bha fad ás. Tha iad ag radh gu bheil e falbh a rithist; tha e fhéin ag radh nach eil. Cha chùm ise air ais e co-dhiù; cha toigh leatha bhith faicinn duine òg sam bith le chasan anns a’ ghrìosaich; cha chùm “subsidy” mholt tigh a’ dol. Nam b’ e bhliadhnachan a bhiodh agam-sa càite nach rachainn gu ulaidh an t-saoghail mhóir a thrusadh gus a dhòrtadh mar ìobairt-gràidh aig a casan:
B’ aotrom shiùbhlainn muir is mòinteach,
beag mo chùram do gach gàbhadh,
nam biodh dùil do rùin gam’ stiùireadh
dh’ ionnsaigh cala dhlùth do bhràighe:
Bràighe; bràighe; tha mi fàs ro dhàna; feumaidh mi glas-ghuib a chur air mo smuaintean neo bidh mi ro ’n a’ ghaoith; samhlachadh te cho fìnealt ’na cruth ’s cho banail ’na giùlain ri boireannaich eile an t-saoghail. Ach dé as urrainn dhomh a dhèanamh; chan urrainn dhomh gun leigeil do mo smuaintean luaidh air na tha mo shùilean a’ faicinn. Nach b’ e a bràighe bu dlùithe dhomh na lùbadh i os mo chionn ’s mi leis an anacothrom, ’s dé ’n cothrom a bhiodh agam air nam b’ e m’ iarrtas a luib ’nam achlais. Dé fios a bhiodh aice air. Gu dé a bhios agam dhi co-dhiù ach iarrtas, ’s nach fhaod mi le sin anns an uaigneas leam fhìn a h-iadhadh le mo ghràdh ’s gun gu bhith innte dhomh ach àilleagan neo-làimhsichte fad mo bheatha:
[14]M’ iargain smaoin thu ré mo shaoghail,
sìor ’nam thaobh ’na chaoireadh falachaidh;
bòidhchead reul an àird nan speuran
chì mo léirsinn—chaoidh nach sealbhaich:
Carson a nise thainig an smaoin sin thugam? ’N e “defeatist a th’ annam? ’N e esan a tha mi a’ faicinn a’ siapadh fhathast suas is sìos ri taobh a’ ghàrraidh a tha meatachadh mo chridhe ’s toirt orm call mo dhòchais. Misneach tha dhìth orm, ’s le sin minseach ri crann; mach ás a so teòldachd. Dé ged a chanadh iad gu bheil mi caran aosda; mach ’s thoir dhaibh làn-beòil a chumas cagnadh bliadhna riutha; cuimhnich air Ruairidh Mór MacLeòid a bha streap ris a’ cheud nuair a phòs e a chaileag; ’n dùil an ann á Uibhist a bha i. Tha thu muigh a sin fhathast a nàbaidh; faodaidh tusa sin; ’s beag a tha dh’ fhios agad gu dé tha san dàn dhut nuair a chuireas misneach is gràdh an casan an taic. Nach bu mhì a chaill mo chiall nuair a leig mi dhomh fhìn smaoineachadh nach fhaighinn i; cha leig gu bràth tuilleadh. Suas le dàn:
Dé chuireadh mulad orm oidhche mo bhainnse,
’s caileag òg Uibhisteach le gréim air mo làimh-sa;
càirdean gu suigeartach le sùrd orra dannsa,
’S mo nighean òg sgiobalta ri priobadh air a “qhuiet” rium.
So i; so i tighinn; AMO63. Sin an càr aice. Faodaidh tusa sin a charaid a bhith sgeadachadh do cholair le do làimh; chì thu rud a dh’ aithghearr a bheir ort an saoghal mór a thoirt fo do chasan. So i; tha i dol car luath airson lùbadh a-steach an taobh so; chan eil; tha i deanamh air a socair; tha i ri stad; a thighearna, stad i ’s thog i e; thog i e ’s dh’ fhalbh i leis. . . . Leum e air a chasan, dhùin e a dhà dhòrn is spàrr e dhan an adhar iad is leum e àirde fhéin o’n làr ag éigheachd “B’ àill leam gu robh cuideigin agam a bhu-ail-inn.”
title | Bha e Dona Leis |
internal date | 1963.0 |
display date | 1963 |
publication date | 1963 |
level | |
reference template | Am Bàrd Bochd in Gairm 45 %p |
notes | Am Bàrd Bochd = Tormod MacLeòid |
parent text | Gairm 45 |