AN DALL AGUS AN DORCHA
no
AIR LEUGHADH IAIN ’S FIONNLAGH DHOMH
Le G. D. DONALD
ACH an tuig ar luchd-leughaidh có tha san dall agus san dorchadas, tha sinn a’ toirt dhuibh sealladh de ’n litir a thanaig an cois so:
A Charaid,
Bha mi crom aig a’ ghealbhan an oidhche romhaid “Gairm” anns an darna mag ’s “An Dubh agus an Gorm” anns an te eile. Is truagh leam a radh nach do chord a’ ghoibhneachd rium a dh’ aindeoin a’ mholadh a choisinn i. Bu bheag an t-iongnadh, ar leam, ged a bhiodh am fear a chum i a’ gaireachdainn.
Thuit mi ’nam chadal co-dhiubh, ’s nach ann a thainig bruadar neonach ’nam cheann (creididh mi gur e am barr-bhrisgein a bhith agam an aite tombaca (anns a’ phiob a bha ’nam phluic) a b’ aobhar do ’n bhruadar).
Bha mise, anns a’ bhruadar, mar gum bithinn anns an Oban ag eisdeachd ri maighstir-sgoil a bha ag innseadh naidheachd mhor, fhada.
Gu mi-fhortanach thainig mo shinn-seanmhathair astigh a dh’ innseadh dhomh gun robh ceol binn nam beann air an adhar. Mar sin ged a sgriobh mi na chuala mi de ’n naidheachd, chan eil an so ach bloigh de ’n iomlan. Thubhairt mi rium fhin gum b’ fhearr dhomh am fuigheall so chur chugad ach suil dh’ an d’ thug mi air chunna mi gun robh an rosg car lom, mar sin, le ’r cead, chuir mi gnathas-cainnt arsaidh no dha astigh los blas na ’s fhearr fhagail air. Dh’ fhag mi crioch shona an nos uir ann ged tha.
So agaibh an sgeul ma tha e gu feum dhuibh.)
Bha anail ’na uchd nuair nochd e aig toll an doruis . . . . Dh’ fheumadh e innseadh dhaibh . . . . Sheall cach air— ’athair . . . . a mhathair . . . . a shianar bhraithrean . . . . agus Beryl. Cha d’ thubhairt iad diog. Bha a h-uile duine riamh dhiubh agus piob ’na phluic. Shuidh iad cruinn mu ’n teine gun diog a radh. Mhothaich e gun robh an teine dubh as. Sheall e air Beryl . . . . Beryl—Beryl dhubh a ruin . . . . Thoisich e air smaoineachadh—Bha i dubh . . . . cho dubh ris an ra-dorcha . . . . cho dubh ris an teine ud . . . . bha a brogan dubh, bha dreasa beag dubh oirre . . . . bha a h-aodann gle dhubh, cuideachd. Cha robh e ’ga faicinn ro-mhath . . . . Chitheadh e, bharr a ghualainn, a’ ghealach agus a’ ghrian amuigh. Astigh cha
Cha robh i tuigsinn . . . . cha robh ise faicinn na gealaich . . . . an robh fhios aice gun robh bodach ’sa ghealaich? . . . . bodach ruiseach . . . . seiche mhathain m’ a mhaolan . . . . corran ’na dhorn . . . . rocaid anns an dorn eile . . . . an robh ise tuigsinn sin . . . . an robh gin aca? Dh’ eigh e. “Tha bodach ’sa ghealaich, am bheil sibh a’ tuigsinn a dhaoinibh, tha bodach ’sa ghealaich! !” . . . . Thug a bhrathair a b’ oige a phiob as a bheul. Rinn e gaire. An sin shath e i ’na phluic a rithisd. Leonta leum esan nuair chuala e an gaire sin . . . . bhuail e ’cheann ann s an ard-dorus . . . . thuit e gu lar. Bha e a nis a’ faicinn nan rionnagan ’nam miltean. Shaoil leis gun deanadh e mach BETA DRACONIS agus GAMMA CYGNI ’nam measg .... Thoisich e air smaoineachadh .... An robh duine faicinn nan rionnagan sin ach e fhein?
An robh anns an t-saoghal so ach breislich? an robh a pharantan a’ tuigsinn . . . . ’ga thuisginn-san? mur robh. . . . oh, mur robh.
Dh’ fheumadh e ’sgeul innseadh co-dhiubh. So thu a nis—fiach e—chan eil an toit cho tiugh shios air an urlar an so . . . . “O athar, O a mhathar—Tha m’ anail ’nam uchd! . . . . “Ma tha mo thogair” fhreagair athair. Leum e air a chasan ’s e caoineadh, ach labhair a mhathair ris mar ri leanabh. “Ud ud a laochain, na abair sin. Chan eil sin ceart anns an latha th’ ann an diugh.” . . . . Sheall e oirre le uamhas . . . . cha do thuig e i . . . . “nach eil? ”. . . . “Chan eil. Chan abradh duine ionnsaichte an diugh gum bheil d’ anail ’nad uchd” —cha d’ eisd e ris a’ chorr . . . . leig e ran as . . . . “Chan eil m’ anail ’nam uchd idir!” . . . . thuit e gun deo . . . . Thoisich cach air smaoineachadh . . . .
title | An Dall agus an Dorcha |
internal date | 1963.0 |
display date | 1963 |
publication date | 1963 |
level | |
reference template | G. D. Donald in Gairm 45 %p |
parent text | Gairm 45 |