[41]

FAIRE UR A’ NOCHDADH

(Earrann air a bheil dreach na h-oigefo iuil Cairistiona Dick)

An raithe so:—

(1) Iomain, le D. Rodmac

(2) Maise Gnùis, le Ealasaid Nic aRothaich

(3) Dealbh eibhinn, le Seumas Cochrane

(4) Am Priosanach, le Cairistiona I. NicGhilleMhoire

(5) Da Leodhusach Ur, le Mairi isDomhnull MacAmhlaidh

(6) Mairi is Domhnull MacAmhlaidh

(7) Seacaid de Shnàth na Muilleadh, le C.C. D.

(8) Salchair, le Iain MacLeoid

Iomain

Le D. RODMAC

Is binne glòir mo chamain fhéin,
Na guth nan eun is na ceòl nam bàrd,
S ni binne fuaim air bith fon ghréin,
Na poc ro-threun air liathroid àird.”

THEIR amhór-chuid camanachd ri iomain, achse iomain am facal a bha aig na Gaidheil bho shean. Coma leinn an dràsda a tha ceart no ceàrr. Faigheamaid a-mach rud no dhà mu dheidhinn iomain . . . . gu h-àraidh co ás a thànaig e? A bheil e sean? Is e sin ceistean a bhitheas feadhainn agaibh afoighneachd.

Tha e sean. Cho sean ri ceò nam beann . . . . no cha mhór nach eil. Chan eil fada bhon a thuirt duine rium gur ann le caman a thug Adhamh slaic air an ubhal ud a thug Eubh dha a-mach á gàrradh Edein. Bha duine eile ag radh rium gun robh caman aig Dàibhidh nuair a bha e adol suas a chath ri Goliath!


[42]

Tha fhios agaibh bho ur n-obair sgoile cho déidheil is a bha na Greugaich is na Ròmanaich air cleasachd airson bodhaig làidir a thoirt dhaibh fhéin. Cha robh na Ceiltich air dheireadh. Bha iad a cheart cho déidheil air cleasan is cleasachd . . . . agus cha be cleasachd a bha ann dhaibh. Dìreach mar a bha na Greugaich is na Ròmanaich bha an cleasachd so chum neart agus ealmhachd ann an cath. Thug na Ceiltich suas an treas cuid den latha gu cleasachd agus be aon diubh sin iomain.

Tha sinn aleughadh gur e so an dol-a- mach a bha aca aig lùchairt Chonnachair rìgh Uladh. Chaith iad an sin móran den latha acoimhead an òigridh, namacradh”, air an fhaiche ag iomain. Cha be riaghailtean an latha an diugh a bha aca an uairsin!

Chan eil a-mhàin fhios againn gu na riaghailtean a bha aig abhana-ghaisgeach Scàthach airson iomain! So an te aig an robh sgoil airson gaisgeich a theagasg ann an cath. Bha an sgoil aice ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich, agus bha iomain aig gach gaisgeach ri chluich. Bha Cu Chulainn fhéin an sud agus thug e bàrr air gach gaisgeach aig an iomain. Bha iad ag iomain ann an Eirinn ri linn Chaluim Chille . . . . nach e blàr iomain a thug air tighinnna fhògrach gu Alba. ’Se thachair gun tug prionnsa àraidh buille le caman air fear eile agus mharbh e e. Chaidh an ceòl an uairsin air feadh na fìdhle. Theich am prionnsa gu comraich Chaluim Chille ach thug an rìgh òrdugh a thoirt ás a sin agus chuireadh gu bàs e. Rinn Calum Cille agus a dhàimh cogadh an aghaidh an rìgh ach thanaig gnothaichean gu so gun robh aige ri Eirinn fhàgail.

nach cuala mu dheidhinn Deirdre! Deirdre a theich le a leannan gu Alba . . . . tha iad adeanamh sin an diugh cuideach ach cha bann gu Gretna a chaidh Dierdre idir ach gu ceann loch Eite. Achiad uair a chunnaic Deirdre Naoise is ann ag iomain a bha e. Thug fear de na h-òganaich slaic thar balla aghàrraidh anns an robh Deirdre. Is ann aig Naoise fhéin a bha am misneach a dhol ga


[43] iarraidh. Chuir Deirdrena làimh am ball . . . . gheall e a faicinn a rithis. Is aithne dhuibh fhéin an còrr.

Chan e cleas òg a tha ann an iomain idir. Tha sinn afaighinn aithris air cho trath ri 1750 B.C. Bheil nas sine air an t-saoghal? Chan e mhàin sin ach tha móran den bheachd, agus tha mi cinnteach gu bheil iad ceart, gu bheil móran chleasan eile air an sloinneadh is air an tarrainn bhon iomain. Golf, is ann o iomain a thanaig e. Bha na gaisgich òga eòlach gu leòr air feuchainn a bfhaide a chuireadh am ball iomain . . . . gu a tha sin achgolf? Chan e sin a-mhàin ach tha luchd iomain eòlach air a bhith deanamh sud an diugh fhéin. Nach càirdeach cuideachdhockeyri iomain? Seallaibh cuideachdice - hockey. Is ann á Canada a thanaig an cleas so agus tha e air aithris gun do thòisich so leis na saighdearan Gaidhealach a bhith ag iomain air eigh nuair a bha iad acumail na sìthe ann an Canada troimhn ochdamh linn deug. Theid cuid cho fada ri radh gun tanaigcricketo iomain. Is dòcha nach eil iad fada ceàrr! An duirt thu nach robh iomain an Sasuinn riamh? Tha thu ceàrr. Thug an rìgh Iomhair III a-mach binn an aghaidh iomain(et ad cambucan)agus ged a chaidh e ás a-measg nan Sasunnach bha na Gaidheil ann an Lunnain ris an iomain, gu h-àraidh air latha na BliadhnUir.

Bha so cuideachd adol air aghaidh ann an Glaschu agus ann an Dun Eideann. Tha roinn aig abhàrd Màiri Mhór nan Oran mu dheidhinn iomain ann anQueen ’s Parkan Glaschu aig deireadh na linne a chaidh seachad. Tha iomain gu math beò ann an Glaschu is an Dun Eideann, fhathast . . . . gach Di-Sathuirne Gaidheil òg an gleachd le camain.

Ach chunnaic móran àiteachan den t-saoghal na Gaidheil agus far an robh na Gaidheil bha iomain. Canada, Ameireaga mu Dheas . . . . chan eil an sin ach àite. Nach bochd gun deachaidh e ás anns na h-àiteachan sin. Nach e bhiodh gasda ach cleas iomain eadar dùthchannan an t-saoghail. Is brònach a radh nach urrainn sin a bhith.

Tha iomain an diugh ri fhaighinn air tìr mór Alba a-mhàin, ged a tha sgioba anns an Eilean Sgitheanach fhathast. Fhuair Màrtainn Màrtainn air a thuras iad ag iomain ann an t-Iort. Ach mar a thachair do Iort thachair do mhóran àiteachan eile, dhfhalbh na daoine.

Tha móran aobhair ann gum bu toigh leinn iomain gun a dhol ás. Is e so cleas a tha cruaidh, a tha ag iarraidh neirt, a tha toirt neirt, a tha ag iarraidh mór ealaimh. Chan e sin a-mhàin, so cleas, an aon fhear is e mo bheachd, nach eil daoine acluich airson airgid. Cleas airson uachdarain agus ìochdarain, cleas dhutsaille òig.

titleIomain
internal date1963.0
display date1963
publication date1963
level
reference template

D. Rodmac in Gairm 45 %p

parent textFàire Ur a’ Nochdadh
<< please select a word
<< please select a page