Maise Gnuis
Le EALASAID NIC A’ ROTHAICH.
THA an Geamhradh gu bhith againn a rithist le na gaothan neimheil a bhios a’ deanamh leithid a dhìol air ar craiceann. Ach so cuideachd àm nan dannsaichean is gach cuirm eile agus tha mi a’ dol a thoirt cuideachadh dhuibh a’ deisealachadh airson fear dhiubh sin.
Tha mi a’ creidsinn gum bi sibh air latha obrach a chur seachad roimh àm an dannsa is mar sin ’se chiad rud a dh’ fheumas sibh a dhèanamh leth uair co-dhiù de dh’ fhois a ghabhail mun tòisich sibh ri faighinn deiseil. As aonais an fhois tha so, cha chòrd an oidhche ribh leth cho math.
Bheir mi nis dhuibh, ceum air cheum, dé as còir dhuibh a dhèanamh is bithidh e nas fhasa leantainn.
(l) Glanaibh an t-aodann agus an amhaich le cungaidh-nighe agus cungaidh-ùrachaidh (Freshner) freagarrach airson an seòrsa craicinn tha oirbh.
(2) Cuiribh an sin oirbh cungaidh-taiseachd. A bharrachd air a bhith cur fiamh dealt air ur n-aodann tha e cuideachd nas fhasa na cungaidhean-maise a chur oirbh ma theid so oirbh an toiseach.
(3) Slìobaibh cungaidh-stéidh air uachdar, a’ tòiseachadh aig a’ mhala sìos chun a smiog agus pìos dhe ’n amhaich.
(4) Faighibh pìos glan cloimh-chotan agus cuiribh oirbh am phùdar, a’ tòiseachadh an turas so aig an amhaich agus ag obrachadh suas chun na mala. Na suathaibh am phùdar oirbh idir ach bruthaibh gu math a-stigh dha ’n chraiceann e. A nis le pìos cloimh-chotan eile, a’ tòiseachadh aig a’ mhala, thoiribh dheth am phùdar a
(5) Cuiribh oirbh cailc-mhailghean a’ leantainn nam mailghean nàdurra.
(6) Dath-shùilean. Cuiribh oirbh dath a bhios freagarrach chan ann air na sùilean a-mhàin ach cuideachd air an dreas a bhios oirbh.
(7) Bruisigibh na ruisg agus cuiribh orra dath-ruisg. Leigibh leis a’ chiad còta tioramachadh agus an sin cuiribh oirbh fear eile.
(8) Fàgaibh dath-bhilean chun an rud ma dheireadh agus na bruthaibh idir na bilean air pìos pàipear oir cha toir so ach air an dath-bhilean a dhol na phleit tioram.
(9) A nis faighibh pàipear-tana air a fhliuchadh agus air ur socair, bruthaibh e air an aodann air fad—cumaidh so an cungaidh-maise a’ coimhead ùr nàdurra fad na h-oidhche.
Ma leanas sibh na naoi òrdaighean sin bu chòir gum bi sibh gu math toilichte ás ur coltas.
Anns an ath àireamh tha mi a’ dol a dh’ innse dhuibh mu ’n liuthad seòrsa fàile-chùbhraidh tha ri fhaighinn agus ciamar a thaghas sibh am fear as freagarraiche oirbh fhéin.
title | Maise Gnùis |
internal date | 1963.0 |
display date | 1963 |
publication date | 1963 |
level | |
reference template | Ealasaid Nic a’ Rothaich in Gairm 45 %p |
parent text | Fàire Ur a’ Nochdadh |