[46]

Am Priosanach

Le CAIRISTIONA I. NICGHILLEMHOIRE (Ard-sgoil MhicNeacail)

Dhùisg e ag camhanaich na maidne agus choisich e chun na h-uinneige. Bha an sneachd a nis tiugh air an talamh agus bha na lòineanan geala atuiteam gu sèimh, sàmhach fad na h-ùine, aglasadh a-mach a h-uile fuama. Ach cha bann air càil den sin a bha aire. Bha an ùine adol seachad agus bha e fhathastna sheasamh an sud gun ghluasad.

Chunnaic e luidheir le cheò gorm ag éirigh suas dhan adhar on tigh a bha mu chomneimh agus solus an sud agus an so air feadh abhaile ag innse gun robh am baile gu léir adùsgadh.

Bha amhadainn reòta, fuar. Tharraing e an seann chòta na bu dlùithe mu a ghuailnean. Bha e gus tuiteam leis an sgìos agus cha robh e air càil ithe o chionn latha. Bha a h-uile stiall a bha mu chorp bog fliuch leis an t-sneachd. Ach bha fhios aige nach burrainn da fuireach an sud na bfhaide. Nam faigheadh iad a-mach gun robh e agabhail fasgaidh anns abhothaig, cha bfhada gus am biodh fir abhaile air a shàil. Smaoinich e a rithist air an duine a mharbh e.

Cha robh e agabhail aithreachais sam bith airson an ruid a rinn e ach bha e na bu duilghe na burrainn da a ràdh airson an àmhghair a thug e air a mhàthair. Mar nach biodh doilgheasan gu leòr aice on phòs i an duine ud. Bha fhios aige gur ann air a sgàth-san agus air sgàth a bhràithrean a phòs i idir e. Cha burrainn di an teaghlach a chumail cruinnna h-aonar, agus bha airgead gu leòr aige-san. Ach bha iad fada na bfheàrr ás aonaisbochds mar a bha iad. Thigeadh e dhachaidh oidhche an déidh oidhche ga dhalladh leis an deoch, ag éigheachd is amionnan agus agabhail air a h-uile duine le a bhata. Thoill e na fhuair e. Ach an uair a thànaig am poileas air a thòir dhfhàs aodann a mhàthar cho geal ri craiceann nam mairbh agus thòisich i agal gu cruaidh.

Ach bha cóig bliadhna bhon uair sin. Bha a mhàthair air bàsachadh. Bha e fhéin coma a dhéireadh dha. Chan e nach robh gu leòr aca mu dheidhinn saphrìosan. Bha iomadh fàbhar air a nochdadh


[47] dha. Cha robh sùil ro gheur air. Cha robh duine faisg a mhìle an latha so, agus gun smaoineachadh, thug e a chasan leis.

Bha seachdain air a dhol seachad a nis, agus bha e cho lag ri piseig air ùr bhreith.

Bha buidheann de chloinn bhig a nis adèanamh air an abhainn ag éigheachd àird an claiginn. Sheas e gan coimhead greiseag. Bha e air chrith leis an fhuachd agus air a ghonadh leis an acras. Thànaig luaireanna cheann agus chaidh a h-uile càil dubh. Thuit e gu làr, gun chàil ach gun robh a mhothachadh aige. Bha aodann cho geal ris an t-sneachd a-muigh.

Bha glaodhaich na cloinne na bfhaisge a nis. Shaoil leis gun dfhosgail an dorus. Bha balach beagna sheasamh os a chionn, a shùilean ga tholladh agus ceist iomaguineach air aodann. Dhùin e a shùilean a rithist. Chuala e am balach beag, mar gum biodh e fad ás, ag éigheachd, “Iain, trobhad, seall air an duine so. Cha chreid mi nach eil e marbh.”

Dh’ fhiach iad ri a cheann a thogail, ach thuit e sìos a rithist. Cha robh dragh aige. Bha a’ bhruidhinn a’ fàs na bu laige agus na b’ fhaide ás.

titleAm Priosanach
internal date1963.0
display date1963
publication date1963
level
reference template

Cairistìona I. NicGhilleMhoire in Gairm 45 %p

parent textFàire Ur a’ Nochdadh
<< please select a word
<< please select a page